- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Ainmean nam Meur
Air a sgrìobhadh le Calum air 25mh An t-Iuchar, 2024
Saoil, dè na stoban air ceann do làimhean? Dè an t-ainm a th’ orra? Chan e, dè na fìor ainmean a th’ orra? Tha sinn a’ tilleadh dhan chuspair inntinneach, a’ leantainn air adhart bhon bhrath-bhloga mìorbhaileach, seo a chaidh a dhèanamh bliadhnaichean air ais: “Na Meuran”. Mholainn oirbh ga leughadh oir tha e air leth goireasach is cuideachail airson tuilleadh mun chuspair ionnsachadh.Bha gu leòr ann ri leughadh anns a’ bhrath-bhloga ach bha mi airson cur ris leis gu bheil seanchas anabharrach mòr a thaobh ainmean meuran. Tha ainm ùr againn ann an cha mhòr gach àite ann an Alba agus thall thairis, mar sin, bha mi airson liosta a dhèanamh dhiubh agus an cur anns an aon àite. Seo agaibh na fhuair mise. Nach leig sibh fios ma tha ainm, no liosta ainmean, a dhìth.
Liostaichean Ceangailte ri Àitean:
Alltan Dubh, Achadh an Uillt Bhuidhe:
- Òrdag
- a’ sgròbag
- Màiri fhada
- Mac an Aba
- frìdeag
- òrdag
- meurag
- gille fada
- mac an aba
- gircean/girgean.
- Òrdag
- corrag
- meur fada
- nic-an-t-sraididh [fireworks!]
- lughdag bheag an airgid [silver rings before marriage]
- òrdag
- mac an ab’
- ceanna fad’
- lùdag
- a’ bhìdeag
Tionndaidhean Eile à Àird MhicShimidh
- òrdag
- a’ bhòrdag
- gille fada
- mac an aca
- a’ bhìdeag
Port Sgioba, Ìle:
- òrdag
- colbhag
- Fionnladh fada
- Mac an Aba
- An fhuideag[?]
- òrdag
- an t-seunabhag
- an t-seaman fada
- Madadh fada
- crìonag/bhìdeag
- Òrdag
- corragag
- mealla-fada
- mac an aba
- lùdag
Àird Mòr, Inshegra, Blàr Mòr (Eadar dhà Chaolais):
- An òrdag
- An Sgeilbeag
- A’ mheur fhad’
- Mac an ab’
- Meur bheag an airgid
- An òrdag
- Fear a’ ghunna
- Am fear fad’
- A h-uile dad
- Meur bheag an airgid
- An òrdag
- Fear a’ ghunna
- Am fear fad’
- Mac an ab’
- Gille beag an t-siùcair
Ros an Iar (mar a lorgas ann an “Faclan is Abairtean à Ros an Iar”, le Roy Wentworth)
Tionndadh 1:
- An òrdagaidh
- Calgagaidh
- Màiri fhada/Màiri fada
- Mac an aba
- Fìsteagaidh
Tionndadh 2:
- An òrdag
- A’ chorrag
- Meiri meadhan
- Meiri lùdan
- A’ lùdan
Ainmean Measgaichte air Faclair Eideard Dwelly:
THUMB POINTER
- ailmeag;
- bun nam fead;
- cearbag;
- cearrag;
- cilbeag;
- Colbag;
- colchag;
- colgag;
- colsag;
- Geilbeag;
- Màthair na h-òrdaige;
- sgealb;
- sgealb;
- sgealbag;
- sgolbag;
- sgolgag;
- tolgag.
- balbhag;
- breabag;
- corgag;
- corrag-mheadhain;
- “Fìgis”
- Fionna-fad
- Ful na Fead
- giolla fad
- Gòrag
- An Gunna Fada
- Meur meadhanach;
- Mac a’ Phì;
- meuragaidh fada
- Meur a’ Mheadhain;
- prionna fada;
- seanntag.
- Ceann an aba;
- Mac an t-Sagairt;
- Mac an Abair;
- Mac an t-Sradaich;
- Màthair na Lùdaige
- Màthair na Lùdain;
- Brìdeag;
- Caogag;
- caoineag;
- ceannamhag a’ bhrìdein;
- cìorgag;
- Ciste bheag an airgid
- Corrag bheag
- crìonag
- cuisteag; cuiteag;
- dìdean beag an airgid
- Fìdeag
- gilceag;
- lùbag dubh na catha
- lùdag
- Lùdag Bheag
- Lùdag Bheag an Airgid
- Lùdag bheag na catha;
- lùdagan;
- lùdan;
- Lùdan bheag an airgid
- Màiri Bheag an Airgid;
- meur beag an airgid;
- òrdag bheag an airgid;
- plaoisgeag;
- plaosgag.
- Plaosgan.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo