- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Bàrd Ghleann Mhoireasdain: Alasdair MacDhòmhnaill (Pàirt 2)
Air a sgrìobhadh le Calum air 22mh An Lunàstal, 2024
An àite a bhith a' cur fàilte oirbh gu h-àbhaisteach, nì mi e ann an nòs a' bhàird, le rannaigheachd:"Èistibh tamall ri m'fhacal, thigibh cruinne' mun cuairt,
Gus am mol mi am bàrd thig o bheanntan mu thuath
An Gleann Mhoireasdan badach, le monmhar an t-sruth'
Guidheam slàint', Alasdair Dhòmhnallaich, 'thasgaidh nan duan."
Mar sin, leanaidh sinn oirnn le duain a bharrachd a rinn am bàrd ainmeil, Alasdair MacDhòmhnaill, Bàrd Ghlinn Mhoireasdain.
Gaol-dùthcha
1. Mo Dhachaigh Ghàidhealach
Air fonn: “A nochd gu’r faoin mo chadal dhomh”
“Cia'rson a tha mi muladach
Fo chumh' agus fo ghruaim?—
Mo shuil air call a sealladh,
Agus m' aghaidh gun a tuar?—
Airson nach fhaod mi tuilleadh
Dhol gu mullach na 'm beann fuar,
Na shiubhal feadh na 'm beallaichean,
'S na 'n gleanna' mar bu dual.
’S e ’s fheudar dhomhsa fuireach
Ann am baile dubh na’n smùid;
Cha b’ ionnan ’s a bhi mànranachd
A’ measg na’n làn-choill’ dlùth,
’N uair bhiodh an Samhradh ro-mhaiseach,
Fo thruasgan oirdhearc, cùbhr’,
A’ ceumadh air bhàrr neòineanan,
’S a’ sgapadh ròs ’us fhlùr.
An dèan mi nise gàirdeachas
Ri sràidean ’us ri m’ fuaim,
An dèidh an ùine bha mi
Feadh na ’n coire blàth ’s na ’m bruaich
’S ann chrochas mi mo chlàrsach
Ri taobh uisge grannda Chluaidh,
Mar Israel aig Sruth Bhabiloin,
’S mo chridhe snàmh an gruaim...”
2. Tom an t-Seòmair
Air fonn: “Bonnie Loch Lomond”
“Ged a bha mi ri m’ là ’n iomadh àite fon ghrèin
Far ’m bu taitneach le ceudan bhi ’chòmhnaidh,
Bha mo chridhe-s’ ’us mo dhùrachd ag iarraidh ’s a rùnachd
Gu siorraidh gu cùl Tom-an-t-Seòmair.
Mar dhaoimean an crùn a tha toman mo rùin-sa
’Measg thorrain ’us ùr-chnocain bhòidheach;
Cha do dhearc mi riamh mo shùil air aon spot is grinne gnùis.
Na na lùban air cùl Tom-an-t-Seòmair.
’S tric a shuidh mi ag èisdeachd ri sèid ghuth na gaoith,
’S i a’ clàrsachd ’measg chraobh agus òg-phreas,
Mar gum biodh i ’cur fàilt’ air gach neach a bha fo phramh,
Thighinn a shùgradh gu bràigh Tom-an-t-Seòmair...”
3. Mo Dhùthaich
Air fonn: “Ged a tha mi car tamaill”
“’S mi gu ’n reachadh le dùrachd
Air ais gu mo dhùthaich,
Gu bhi siubhal na ’n dlùth-choill’
’S na ’n stuc bheanna’ àrda.
Tha mo chridh’ anns na beannta’—
Anns na coilltibh, ’s na gleannta’;
A Shamhradh ’s a Gheamhradh
’S e bhi teann doibh a b’ fheàrr leam.
Leam bu mhiann a bhith ’g èirigh
Ann àm dùsgadh do’n Cheitein,
A chuairteachd’ na sprèidhe
Feadh rèidhlean ’us bhlàth-dhàil...”
Eilthireachd
Am Fear-fuadain
Air fonn: “Tha gaol na’m boirionnach ’s an òige”
“Cha ’n ioghnadh mise bhi fo phramh
’S mo chridh bhi cràiteach, ciùirte,
An dèidh mo chùl a chur gu bràth
Ri m’ chàirdean ’us ri m’ dhùthaich;
O! ’S beag mo thogail ris an t-sàl,
Cha b’ ionnan ’s àird na’n stùc-bheann,
’S a bhi feadh na’n coire blàth,
Na’n gleann, ’s na’m fàs-choill’ cùbhraidh.
Thilg mi h-uile nì air falbh
A bhith mi ’n earbsa bhuannachd,
’S cha mhòr nach b’ fheàrr leam a bhith marbh
Na beatha shearbh thar chuaintean;
Mo thruaighe ’n dùthaich as am faodar
Bhir cur dhaoin’ air fuadan;
Mo thruaighe ’n tìr a tha fo chìs
Aig luchd na’m frìth ’s nam buachaill...”
Eadar-theangaidhean
Ye Banks and Braes
Air fonn: “Ye Banks and Braes”
“O, uilte bhig a thèid orm seachad
'Us eoin tha seinn air bharr na 'n craobh,
O, ciamar dh' fhaodas sibhs' bhi 'n aighear,
Na bhi cho failtcach, lan do dh' aoidh?
'Us mise fulang fo chradh 's fo mhulad,
'A m' shineadh air m' uilinn ri cumha 's ri caoidh;
'S mo chridhe, do 'm b' abhaist a ghnath bhi fallain,
A nise dha chaitheadh le lasair a ghaoil.
On chunna’ mis’ an tòs a’ chaileag
Cha d’ fhuair mi do m’ aire ’riamh fois na tàmh,
’S ann ’s bliadhn’ gach mìos ’s is mìos gach latha
’S am faic mi aghaidh na h-aingile tlàth;
’S chan eil air thalamh aon nì nì math dhomh,
Na lasaicheas m’ anam o ghlasan a bhàis,
Na aoidh na rìbhinn fhìor-ghlan, alloill,
Don tug mi ’n cion-falaich a mhairgeas gu bràth...”
Tha an t-uabhar dàin agus rannaigheachd nach b’ urrainn dhomh a chlàradh anns a’ bhrath-bhloga seo ach mholainn oirbh dàin Alasdair MacDhòmhnaill a leughadh agus a chuimhneachadh oir chuir am bàrd mòran shaothair agus ealain ealanta air ais gu sruth dualchas is seanchas nan Gàidheal rè a bheatha a leanas leinn airson na h-ama ri teachd. An aithne dhuibh am bàrdachd fos cionn? A bheil rannaigheachd eile agaibh nach eil sgrìobhte no clàraichte fos cionn? Leig fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo