- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
An t-Each-Uisge (Pàirt 1)
Air a sgrìobhadh le Calum air 26mh An Sultain, 2024
Tha an t-uabhas de sheanchas againn le “Cryptozoology” agus beathaichean òs-nàdarra agus ghlacadh m’aire le beathach òs-nàdarra a tha cumanta ann an seanchas Albannach: "An t-Each-Uisge".Is dual dhan each-uisge fuireach ann an aibhnichean agus lochan air feadh na dùthcha, ged a tha aithris ann gum fuirich iad anns a’ mhuir mar an ceudna. Tha e glè choltach ris an “each-sìthe” ach canar gu bheil e fada nas cunnartaiche.
’S e Kelpie an t-ainm a thugadh air a’ bheathach ann am beurla, ged nach eil am facal idir ri coltach ri facal a th’ againn ann an Gàidhlig na h-Alba. Tha e fada nas coltaiche gun d’ thàinig am facal às na cànain Bhreatannach, mar Chruithnis no Breatannais, a’ toirt dhuinn “ceffyl-pol” (‘river-horse’), “celpow” an uair sin, agus kelpie a-nis ann am beurla Albannach. Tha ainmean eile air a shon mar an ceudna ann an Alba: Njuggle, Nuggle, Neugle, Shoepultie no Shoopiltee ann an Sealtainn; Nuckelavee ann an Arcaibh. Tha e glè choltach ri Glashtyn no Cappyl-ushtey ann am Manainn mar an ceudna.
Tha iomradh ealanta anns an leabhar “The Gaelic Otherworld”, le John Gregorson Campbell, a’ toirt sùil air na beathaichean òs-nàdarra a th’ againn ann an seanchas agus buidsidheachd nan Gàidheal: “Witchcraft introduces us to a class of popular superstitions entirely different from those connected with Fairies. Fairies, water-horses and kindred supernatural beings were distinct from the evil spirits that gave to witches their unhallowed powers. They could not be compelled or conjured by mortals to appear when wanted, or enter into contracts of service. The powers of darkness, on the other hand, were always at the service of their votaries, and, by means of charms and incantations known to the initiated, were made to lend their aid in any scheme of malevolence.” (d.172).
’S urrainn dha a choltas atharrachadh agus “riochd fleasgaich”, no riochd each bhàn, a thogail airson daoine a thàladh a chun am bàis leis am bàthadh ann an uisge. Ann an riochd each feuchaidh e daoine a thàladh a chun fhaighinn air a mhuin airson siubhail ach thèid am mealladh gu luath, agus iad gun chomas fhaighinn far druim an eich-uisge, agus thèid am bàthadh an uair sin. Uairiegin ann an riochd fleasgaich feuchaidh e ri boireannach òg no caileag a thàladh airson a mealladh agus a bàthadh an uair sin. Ged a bhiodh e a’ feuchainn ris a thàladh bha aige a bhith faiceallach nach fhaiceadh i gainmheach no stràilleach na fhalt no nach fhaiceadh i a ladhran làn lìrean, a bhios a’ fàs aig bun locha.
Tha sgeul ainmeil man eich-uisge Ratharsach ann an “More West Highland Tales, Volume 2,” le J.F. Caimbeul:
“Bha siod ann uair gobha ann an Ratharsaidh. [...] Agus bha a nighean oidhche ag iarraidh nan caorach, agus cha tànaig i dhachaigh. [...] Agus bha loch ann am mullach Rarsair air an robh an t-each-uisge a’ fuireach. Agus thànaig iad a dh’ionnsaigh an loch, agus fhuair iad an cridhe ’s an sgamhan aig an nighinn ann an cladach an loch”. Canar gun deach a bhàthadh ann an Loch na Mnà, faisg air Dùn Càn, Ratharsair.
Tha sgeulachdan ann mu dhaoine a thàl an t-each-uisge agus e man a bhiodh each àbhaisteach. Canar nan cuirte bràighdeach, ceap no nasg air cha theicheadh e bhuaibh is bhiodh e agaibh an uair sin gu bràth.
Seo liosta dhuibh de chlàraidhean-fuaim agus an àiteachan far an d’ thugar sgeul no naidheachd air each-uisge ann an Alba agus Èirinn air Tobar an Dualchais:
Innse Ghall
- Pabaigh, Barraigh
- Camas Fhionn-airidh, An t-Eilean Sgitheanach
- Luid an Lochain, àiteigin anns an t-Eilean Sgitheanach
- Sòaigh, An t-Eilean Sgitheanach
- Torran, An t-Eilean Sgitheanach
- Loch na Mnà, Ratharsair
- Heisgeir, Uibhist a Tuath agus Tarbh na Leòid
Tìr-Mòr
- Baile Mac Ara, Cinn t-Sàile
- Loch a’ Bhealaich, Cinn t-Sàile
- Eilean Ighe, Na Garbh-chrìochan
- Abhainn Garaidh, Inbhir Gharadh
- Inbhir Màillidh, Loch Àrcaig
- Àsainte, Ros an Iar
- Lochan na Goibhre, Achadh na h-Àirde, Ros an Iar
- Gamrie, Siorrachd Bhainbh
- Loch Nis, Siorrachd Inbhir Nis
- Lochan Taigh Brin, Srath Nàrainn, Siorrachd Inbhir Nis
- Abhainn Dhè aig Baile na Pàirce, faisg air Nether Sunnyside, Siorrachd Obar Dheathain (Sgeul 1 agus Sgeul 2)
- Abhainn Dhè aig Caisteal Bhaile na Droma, Siorrachd Obar Dheathain
- Fartairchill, Siorrachd Pheairt
- Baile nan Granndach, Srath Spè
Earra-Ghàidheal
Sealtainn
Èirinn
- Bun Othann, Ìle, agus Doire, Èireann a Tuath
Measgaichte
Tha buaidh an eich-uisge daingeann agus drùidhte ann an seanchas agus òrain nan Gàidheal mar an ceudna. Tha sin soilleir anns na h-òrain na leanas:
“Till a Mhòr is taobh ri d’ mhacan” (Òran an Eich-Uisge)
Tha an t-each-uisge a’ caoidh fhàgail a bhean agus a leanabh agus e a’ guidhe oirre tilleadh:
Till rid mhacan, till rid mhacan, till rid mhacan,
A mhor, a mhòr, till rid mhacan,
Gheobh thu ’n bradan bhreac a-nochd.
Mo sheanair cha bli iad ri iad bheul beag maoth
Rid bheul beag maoth, rid bheul beag maoth, rid bheal beag maoth
Mo sheanair cha bli iad rid bheul
Rid bheul beag maoth ‘s mi seinn port thu...”
[Tionndadh 2; Tionndadh 3; Tionndadh 4]
“A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi” (Còmhradh eadar Nighean Òg agus Each-uisge)
“A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi;
A ghràidh, leig dhachaigh gum mhàthair mi;
A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi -
An tòir chrodh-laoigh a thàinig mi.
Gur ann a-raoir a chuala mi
Mo ghaol a bhith ri buachailleachd,
’S ged fhuair thu ’n iomall na buaile mi,
A ghaoil, leig dhachaigh mar fhuair thu mi.
’S mi dìreadh ris na gàrraidhean,
’S a’ teàrnadh ris na fàirichean,
Gun d’ thachair fleasgach bàigheil rium,
’S cha d’ dh’ fheuch e bonn ga chàirdeis rium...”
[Tionndadh a dhà]
Dh’èirich Mi Moch (Òran Tàlaidh an Eich-Uisge), Loch na h-Ighinn, Leòdhas
“Dh’ èirich mi moch,
Dh’ èirich mi moch,
B’fheàrr nach d’ dh’èirich
Mo chreach lèir na chuir a-mach mi.
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò.
Bha ceò sa bheinn,
Bha ceò sa bheinn,
Is uisge frasach
’S thachair orms’ a’ ghruagach thlachdmhor.
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò.
Bheir mi dhut fìon,
Bheir mi dhut fìon
’S gach nì a b’ait leat,
Ach nach èirinn leat sa mhadainn.
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò...”
Rinneadh brat-dùthcha àiteannan far an do lorgar each-uisge air “The Kelpie Map of Scotland” a tha anabarrach inntinneach, agus lorgar a bharrachd air làrach-lìn “Terre Celtiche Blog” mu òrain nan each-uisge.
Leanaidh sinn oirnn le seanchas a bharrachd anns an ath bhrath-bhloga. An aithne dhuibh na sgeulachdan fos cionn? Dè an seanchas a th’ agaibh mu eich-uisge? Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo