Gàidhlig / English
Bàrd Ghleann Mhoireasdain: Alasdair MacDhòmhnaill

Bàrd Ghleann Mhoireasdain: Alasdair MacDhòmhnaill

Air a sgrìobhadh le Calum air 15mh An Lunàstal
Rugadh agus thogadh Alasdair MacDhòmhnaill ann an Achnaconeran, Gleann Mhoireasdain. Bha e de shliochd Alasdair Bhuidhe, aon de na sheachd fhir Ghlinn Moireasdan a rinn cobhair air Prionnsa Teàrlach mus robh aige ri teicheadh agus dol fo choill às dèidh Blàr Chùil Lodair, 1745.

Bha e na neach-cunntais anns a’ ghleann agus bha e air a chuairteachadh agus air a bhogadh le beul-aithris agus rannaigheachd fad a bheatha. Chaidh cuid de na sgeulachdan agus òrain fhoillseachadh anns an leabhar eireachdail “Story and Song from Loch Ness Side” (1914) agus chaidh leabhar fhoillseachadh leis a chuid rannaigheachd agus dàin anns an leabhar “Coinneach ’us Coille” ann an 1895.

Chaochail esan ann an 1928 ach tha a bhàrdachd beò agus dìreach cho beòthail mar a bha e nuair a bha e beò.
Tha a bhàrdachd loma-làn bhuaidhean chàich agus gnàth-rannaigheachd nan Gàidheal le moladh nàdair, briathrachais-nàdair agus fuinn ainmeil aig an àm mar an ceudna. Bu chaomh leam sùil a thoirt air feadhainn dhuibh an-seo.
 
Gaol
1. Anna Bhail’-na-Creich
Air fonn: “Nuair a chì thu caileag bhòidheach"/"When the kye come hame

“Ceò a bhios mi ’s na caileagan a tachairt air a chèil’,
’S ged a bhios mi tric ’s an amaideas a’ tarrainn às an dèidh,
’S urra’ dhomh a’ ràdh’ gu saor nach ’eil air an t-shaoghal tè,
Do ’n d’ thug mise gaol a mhaireas ach do dh’Anna Dhail-na-Creich.
Ach do dh’Anna Dhail-na-Creich, Ach do dh’Anna Dhail-na-Creich,
Do ’n d' thug mise gaol a mhaireas ach do dh’Anna Dhail-na-Creich.

Their mo chàirdean rium gur faoin dhomh mo ghaol a thoirt cho rèidh —
Nach ’eil i ’us mise coltach, ’s gu ’r a dòcha leamsa tè ’il’ —
Ach ’s ann agam fhìn tha fios air a chlisgeadh bheir mo chrè,
An uair a chì mi aghaidh bhanail Anna mhaiseach Dhail-na-Chreich.
Anna mhaiseach Dhail-na-Chreich, msaa.
 
'S ann na sùilean tha nì dìomhair a chur mi do ’m rian gu lèir,
Ged' bu leam sa mìle mhìlltean dhèanain iobairt dhiu dhi fèin,
’S ged a bhithinn-sa na ciadan, ’s gach bliadhna dhiù gun chèil’
Cha d’ thoir mise gaol ’s cha làmh mi ach do dh’Anna Dhail-na-Creich.
Ach do dh' Anna Dhail-na-Croich, msaa...”
 
2. Òran leannanachd
Air fonn: “Na’m faighinn gille ri cheannach

“Cò do’n innis mi ’n sgeula’
Chaidh chur an dè na mo chluasan?
An creid mi gur fìrinn
An nì thuirt an sluagh rium—
Gu bheil thu ’n diugh do bhean-phòsda,
Thè ’n fhuilt òr-lùbaich, dhualaich,
Do ’n d’ thug mise ’n gaol siorraidh
A thèid sìos do ’n an uaigh leam?
 
Do ’n d’ thug mise ’n gaol siorruidh,
’S an gràdh dìomhair nach bàsaich,
’S an trom ghealladh nach dealaich
Rium ge d’ mhairinn gu bràtha;
Cia’r son, ochoin! Nach do cheileadh
Orm fear eile bhi ’m fàbhar;
Cia’r son nach d’ fhàgadh mi ’n dòchas?
An ann gu bròn a chaidh m’ àrach?
 
Cia’r son nach d’ fhàgadh mi ’n dòchas?
B’ fheàrr an sgleo na bhi falamh;
’S cia’r son nach d’ fhàgadh ’s an dùil mi
Gu’ m bithinn a’ sùgradh riut fhathasd?
Mar is minig a bha mi
Ann an àiteachan falaich,
Ag èisdeachd ceilearadh bòidheachd
Am bàrr nan òg-phreasan barraich...”
 
3. Bruadar Gaoil
Air fonn: “Cha d’ thug mi gaol do dh’airgiod”

“Bhruadarich mi ’n raoir
Bhi ’s a chèill leat, a ghaoil,
’S an sin ’a m’ shìneadh làmh riut
Fo sgàile na ’n craobh;
Air foicheag shocrach uain’,
Agus fuaran aig ’ar taobh—
An am dol fodha do Phoebus
Air cùl na ’n slèibh-bheann fraoich.
 
Bha ’n ceòl bu bhòidhche dh’èisdeadh
Dha sheinn os ’ar cinn,
Aig eòin air bharr na ’n geugan
Ri co-sheirm seisdeach binn;
’S breac tarraghcalach, glas, leumnach
Ag èirigh air an linn;
’Us gaoth an lar a’ sèideadh
Gu rèidh air feadh na ’n glinn...”
 
4. Smuaintean Gaoil
Air fonn: “Whistle o’er the lave o’t
“O! Eònain bhig is binne beus,
An d’ thoir thu air mo ghaol dhomh sgeul,
’S eagal orm gum beil i ’n dèidh
Mo chur gu lèir air dì-chuimhn’?
An inns thu dhomh mu thè; mo ghràidh—
Am beil i ’smuainteachd orm-s’ an dràsd’?
Na ’m faic mi tuilleadh rè mo là
Aghaidh thlàth na rìbhinn?

Bristidh tu mo chridh’ le d’ cheòl,
’S e mo thràth fo mhilleadh bròin —
Riamh o’n dhealaich mi ri òigh
’N fhuilt bhachlaich, òr-bhuidh’, rìomhaich
Riamh o’n dhealaich mi ri m’ luaidh;
An tè bhanail, cheanail, shuairc’,
An tè òg as bòidhche snuadh,
’Tha ’nise bhuam na mìltean.
 
Tha do cheilearadh ’s do shùrd
A’ gluasad ann am’ chuimhn’ as ùr,
’Nuair a bha mi ’us mo rùn
A’ siubhal dlù’-choill’ Dhìomhach;
Tromh na ghleannan sìos ’us suas
A-mach ’o ghaoir ’s ’o fhaoineachd shluaigh,
’Toirt greis air tional shobhrach bhruaich,
’S greis eile ’buain nan dìthean.”
 

5. Dealachadh
Air fonn: “Cadal chan fhaigh mi

“Thoir do phòg dhomh Anna
Mas a dealaich sinn;
Na fàg mi, ’ghaoil, gu ’n ghealladh
Tilleadh fhathast rium.

Tha mi duilich, duilich,
’S muladach tha mi;
O’n a dh’fhalbh thu, Anna,
Ainnir nan rosg mìn.

Tha mo shùilean silteach,
’S tha mo chridhe trom,
Gun fhois gun tàmh ag iarraidh
Tè nan ciabhag dhonn...”
 
Rinneadh an t-uabhas bhàrdachd agus òrain le Alasdair MacDhòmhnaill, mar sin, tillidh sinn an ath-sheachdain le duain agus òrain a bharrachd. An aithne dhuibh na h-òrain fos cionn? Leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo