Gàidhlig / English
Òrain nam Mathan ann an Alba Nuadh

Òrain nam Mathan ann an Alba Nuadh

Air a sgrìobhadh le Calum air 11mh An t-Iuchar, 2024
Là “math-an” dhuibh uile! B’ e Là Canada a bh’ ann o chionn ghoirid agus tha sinn air a bhith a’ comharrachadh an là àraidh dha na caraidean agus càirdean againn thall ann an Canada leis a bhith a’ foillseachadh òrain a chaidh a chruinneachadh ann an Alba Nuadh agus a th’ againn nar tasglann-fuaim, Cluas ri Claisneachd. Lorg mi òran ionadail a bha èibhinn den ainm “Òran a’ Mhathain”, agus air dhomh rannsachadh a bharrachd a dhèanamh dh’aithnich mi gun robh bailc dhiubh ann leis an ainm “Òran a’ Mhathain”. Bha iad uile diofraichte agus inntinneach fa leth mar sin bha miann agam an trusadh ann am brath-bhloga dhuibh an-seo, a thoirt sùil air na bàird a rinn an òrain agus cuspair àraidh brèagha an òrain a chomharrachadh mar an ceudna: Am Mathan fhèin.
 
1. Òran a’ Mhathain – Uilleam mac Ghilleasbuig, Catalone.
B’ e bàrd ainmeil agus dèanadach a bh’ ann an Uilleam. Dh’fhuirich e ann an Catalone, faisg air Lousibourg. Bha e loma-làn òrain agus canar gun deach òrain a rinn e a chumail ann am baraille na thaigh aige. Gu mì-shealbhach chaidh a thaigh na theine agus chailleadh mòran de òrain leis an taigh. Bha Uilleam ainmeil agus cliùteach air tachartasan iodail a chur ann an òrain, a’ togail nàire air feadhainn de na daoine a bha nam ball-magaidh uaireigin a rèir an amaideachd.
’S ann mu mhathan a chur bruaillean air chàch agus e air rathad a’ ‘bhrickyard’ ann am Mira a tha an t-òran. Bheir Uilleam rannan seachad a’ taisbeanadh bheachdan chàich man mhathin, a’ mhor-chuid dhuibh dona agus le dìmeas. Uaireannan tha e glè thasbach a’ riochdachadh am beachd fa leth, a’ dèanamh aoir air an dà chuid am mathan agus na daoine aig a bheil feagal roimhe!:
“E ho ro mo Mhàiri
‘S tu mo Mhàiri ghrinn,
E ho ro mo Mhàiri
‘S tu mo Mhàiri ghrinn,
E ho ro mo Mhàiri
‘S tu mo Mhàiri ghrinn,
Màiri laghach bòidheach
Rugadh anns na glinn.
 
Cha b’ e idir Màiri
Na ceann fada bhuam
Ach am beathach grannda
Tha ’n dràsda mun cuairt;
’S ann tha ’d riumsa ’g ràdha
Gun d’ thàinig e bhon tuath,
’Steach o chùl Beinn Dhòmhnaill
Gu àit’ Iain ’ic Dhòmhnaill Ruaidh.
 
’S ann bha bilean bàn air
Mollain àrda cruinn,
Cluasan biorach dàna
Air àrainn a chinn;
Earball goirid geairrte
Ceathramh slàn man druim,
Ceathramh deiridh a’s e
Màgach man leth-chinn.
 
Sin a ghearain Màiri
“’S e mathan a th’ ann,
Beathach sligeach grannda
Nach dèan car ach call;
Cha bhi caor’ air fearnn
Coineanach an gleann
Nach bi ruith sa’ gearain
’S e cho dealach thall...”

Leughar nas motha, agus còrr an òrain air làrach-lìn Cainnt is Ceathramhan. Cluinnear an t-òran air clàr Sruth nan Gàidheal, air a sheinn le Uilleam Illeasbuig, le Oilthigh Naoimh Frannsas Xavier: Òran a’ Mhathain.
 
2. Òran a’ Mhathain – Ailean ‘An Rids’ Dòmhnallach, Mabou, Ceap Breatainn.
Tha an t-òran seo eadar-dhealaichte bhon chiadamh fhear air sgàth ’s gu bheil am bàrd air a’ sealltainn lèirsinn agus faireachdainn a’ mhathain fhèin: eagal, a bhròn, iomgain bho mhic an duine. Ged is feagallach e dhuinn a bhith air ar cuairteachadh le mathain ’s ann dhaibh-san a tha am feagall mar dheidhinn-sa. Tha an t-òran a’ dèanamh obair mhath sin a shealltainn dhuinn:
“Is moch sa mhadainn rinn mi triall
Lem chuilbhear gun fhiaradh agam;
Ràna’ mi fear dubh nan spòg
’S e na thòrr air taobh an rathaid.
Gun tàna’ mi sin cho dlùth
Is cha robh ùin’ aig’ air dhol fairis;
Dh’inns e gach car chuir e riamh dheth
Bhon a thriall e às a’ gharaidh.

O challan hòro
Challan laigh is eilir
Hòro challan

Bha siud agam ceathrar bhràithrean
Ged tha pàirt dhiubh nach eil maireann;
Fear dhiubh Laraidh agus Fearchar
Fhuaradh marbh iad fo na maidean.
Chan eil sgeul againn air Fionnlagh,
Mura bheil e ’n grunnd na maise.
Tha sinn gan iarraidh ’s gan ionndrainn
Bràithrean mo rùin nach tig dhachaigh.

O challan hòro
Challan laigh is eilir
Hòro challan

Mìle marbhphaisg air an t-sluagh
Tha an-dràst’ air uachdar an fhearainn.
Nàirich iad mi leis na breugan
Gum bithinn ag òl a’ bhainne.
Chan eil iad airson mo sheòrsa-sa
Bhith tighinn an còir an fhearainn
Bidh iad a’ faotainn an-còmhnaidh
Làrach mo spòig anns an talamh...”

Cluinnear agus leughar an t-òran air fad ann an clàr a th’ againn air Cluas ri Claisneachd: Òran a’ Mhathain.
 
3. Òran a’ Mhathain – Aonghas Caimbeul a’ Mhonaidh, Ceann a’ Bhràighe, Na Cùlaibh Deas. [Salmon River]
Bha sprèidh chaorach agus crodh aig a’ bhàrd agus a theaghlach mus d’ thàinig mathan agus ghoideadh e na caoraich. Bhiodh e duilich fhaighinn clìoras e gun ghunna oir cha robh gunna aig mòran dhaoine anns an sgìre aig an àm ach le fear ris an canadh iad “Ràghall Òg.” Bha innleachd aige ri ràdh ris na coimheasnaich uile aig an robh caoraich an cur uile ann am faing airson na h-oidhche ach an urrainn dhaibh am mathan a thàladh dhaibh. Rinn iad sin dìreach agus air an oidhche, agus Ràghnall Òg a’ feitheamh leis a’ ghunna, thàinig am mathan, agus air dha fheuchainn ealadh a-steach dhan fhaing leig Ràghnall òg dà urchair dha is mharbh e e. Air dhan bhàrd, Aonghas Caimbeul a’ Mhonaidh, an naidheachd a chlaistinn rinn e an t-òran na leanas:
Gura mis’ tha fo mhìghean,
’S mi ’nam shìneadh ’sa lòn;
’S mi cho teann air taigh Mhìcheil,
Ag éisdeachd pìobadh MhacLeòid.
E fhéin ’na thòireadh ’s ’na dheannaibh,
Tighinn ’gam fheannadh ’s mi beò;
Ma thug mi bhuaidh-sa ’n gamhainn
Cha robh e reamhar gu leòr.
 
’S e Raghnall Òg leis na caran
A rinn mo mhealladh ron àm;
Nuair dh’fhalbh e ’s a’ mhadainn,
Bu mhór aisling mu’m chall.
Cha bu chòir dha bhith gearain
Nach tug mi a’ bhean bhuaidh’ ’s a chlann;
Ach ma chaidh mi dhan bhàthaich
’S daor a phàigh mi g’a chionn.
 
Truagh nach mise bha dlùth riut
Nuair chaidh ’m fùdar ’na cheò;
Nuair a thog thu ri d’shùil i
B’ e do dhùrachd mo leòn.
Gun tugainn ort leis na dubhain
Mhóra dhubha nam spòig;
Gun geàrrainn dhìot-sa na làmhan
Air do chnamhan is fheòil.
 
Gura mise tha fo mhìghean
’S bochd m’uirsgeul ri sheinn;
Truagh nach robh mi trì mile bhuat
Mun d' dhìrich thu ’bheinn.
Le’d ghunna dùbailt ’s le’d chrios
Mharbh thu mise le foil;
’S ann le solus na gealaich’
A thilg thu fairis mi ’n raoir.”
 
Leughar an t-òran anns an Iris Cheap Breatainn: Iris Cheap Breatainn. Cluinnear an t-òran air "Soundcloud" leis a’ Bheaton Institute: Òran a’ Mhathain.

Sguiridh mi leis na h-òrain a th' againn an-seo. Tha mi air chlaistinn gu bheil nas motha dhiubh ann ach ma tha mi air chàch a leigeil om chuimhne sa' bhrath-bhloga seo nach leig sibh fios air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo