- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
An Púca
Air a sgrìobhadh le Calum air 20mh an t-Ògmhios, 2024
Tha an t-uabhas de sheanchas againn le “Cryptozoology” agus beathaichean òs-nàdarra agus ghlacadh m’aire le beathach òs-nàdarra a tha cumanta ann an seanchas Èireannach: “An púca.”Tha deasbad ann cò às a thàinig ainm “púca” ach tha e soilleir gun d’ thàinig am facal o chànain Ghearmaineach: Púki ann an Seann Innis Tìlis agus Farais; Puke ann an Nirribhis agus Seann Shuainis; Puge ann an Seann Dhanmhairgis; Puck ann an seann Bheurla. Is ciall dhaibh measgachadh de “dhiabhal, droch spiorad, tàcharan, bòcan, isean,” m.s.a.a. Tha an aon chreutair ri lorg ann an seanchas Bhreatannach: Pwca ann an Cuimris agus Bucca ann an Còrnais. Tha e glè inntinneach gu bheil an aon chreutair aca ann an “des Îles de la Manche”, Eileanan Caolas Shasainn. ’S e am “pouque” a th’ aca, sìthichean a dh’fhuiricheas faisg air clachan àrsaidh. ’S e “pouquelée” no “pouquelay(e)” am facal a th’ aca airson “crom-leac” ann an Jèrriais, Dgèrnésiais, agus Sèrcais.
Tha fiosrachadh a bharrachd ma dheidhinn ann an “The Otherworld,” le Comhairle Bhéaloideas Éireann, d. 137: “...takes different forms, and often takes the forms of a horse. It may carry a human away through the air to the Otherworld. The song [Amhrán an Phúca] describes an occasion when the songmaker met with the ‘púca’ who was an ugly creature.” Mar is lèir dhuibh tha an púca glè choltach ris an each-uisge, no bodaraisean, a bheireadh daoine chun am bàis leis am bàthadh an àite a bhith a’ marcachd leotha a-chun am bàis an uair sin. Theagamh gun dèan mi brath-bhloga mun “Eich-uisge” fhèin san àm ri teachd...
Canar gu bheil ceangal aige le Samhainn agus àm buain. Dh’fhàgte fuighleachd na buana airson an phúca leis gum biodh e glè abaich a-nis, leis an ainm “Còrr an phúca.” Canar gur e “Lá an Phúca” a tha sa chiadamh là den t-Samhainn.
Ann am beurla Èireannach aithnichear an t-ainm “púca” mar an ceudna. Anns an leabhar “A Dictionary of Hiberno-English,” p. 207, le Terence Patrick Dolan, cluinnear “pooka” airson “a sprite; a mischevious and sometimes harmful spirit who can appear in various animal guises (especially a horse) and entice unsuspecting people onto its back...”
Lorgar an abairt “púca na sméara”, d. 209, ann an Gaolainn airson clòimh-liath ann an smeuran. ’S e comharra a th’ ann gun robh an phúca ann o chionn ghoirid. Ann an “The Lore of Ireland,” d. 270, le Dáithí Ó hÓgáin, bu dual do dhaoine creistinn gun tilgeadh an phúca smùgaid air measan fiadhain agus gan dèanamh do-ithe do dh’dhaoine.
Ann am Foclair.ie, tha am púca air buaidh a thoirt air faclan ùra agus gnàthasan-cainnt Gàidhlig na h-Èireann mar an ceudna: Airson croisean Mhoire no lìon damhan-allaidh ’s e “téada an phúca” a thugadh air; Airson “Còrn pailteis” thugadh “troimpéad an phúca” air; Airson daoine a’ feuchainn coire a sheachnadh no a chur bhuapa canar “tá siad ag iarraidh an púca a chur óna dteach féin.” (“Tha iad ag iarraidh an púca a chur bhon taigh fhèin.”)
Ann an seanchas nan Gàidheal, fad agus farsaing, tha a bhuaidh làidir ann an Èirinn le dà òran a rinneadh mu dheidhinn bualadh leis:
Amhran an Phúca (1)
“Bhí mise ag gabháil Gaillimh is ní bréag atá mé a rá libh,
Ní raibh mórán den lá ann is mé ag fágáil an tí,
Ach gabháil saoir Loch an Iolra is ea a chonaic mé an scáile,
Bhí a leath deiridh in airde is é ar mhullach a chinn.
Ó theann mise isteach leis go ndearcfainn ní b' fhearr é,
Is go deimhin má theannas, ní theannfainn aríst.
Mar thosaigh sé ag corraí is ag lúbadh a chuid cnámha,
Is bhí leithead Chruach Phádraig de chnoc iar a dhroim.
Ba é an beathaíoch ba haote é dhá dtiocfaidh is dá dtháinig,
Bhí leithead dhá chopóig de chluas os a chionn,
Bhí féasó chomh tiubh air is go ndéanfadh sí cábla,
Is gan trácht ar an bhfásach bhí ar mhullach a chinn....”
Amhrán an Phúca (2)
"Ó, éireoidh mé ar maidin
In ainm an Domhnaigh
Is rachaidh mé mo chónaí
Ar chnocánín bán
Ó déanfaidh mé teach ann
Ar leataoibh an bhóthair
I bhfogas don chóngar
Abhus agus thall
...
'Sé iomrá na gcailleach
Sna seandaoine críonna
D'fhág mearbhall ar m'intinn
Is néal i mo cheann
A rá go raibh an Púca ann
Ó aimsir na Díleann
Go bhfaca na daoine é,
Ach níl fhios cén t-am
Níorbh é sin a b'ait liomsa
Ag teacht go ráithe an Gheimhridh
Iad a bheith ag déanamh íospart
Istigh ar mo shráid
Go mbíonn sé ina chat
Is na mhada san oíche
Is nár thúsice ina Phúca é
Ná ina sheanghearán bán.
Dhá bhfaighfainnse capall
Chomh maith leis an bPúca
Bheadh m'anamsa lúfar
Ag imeacht is a teacht
Dhá mba thíos i gCeann Gaineamh
A thógfadh sé a ualach
Ó bheadh sé i gceann leathuair
Ag binn Éamainn Uí Bhriain..."
Tha an t-uabhas ri ràdh man phúca ach leigidh mi leibh ur rannsachadh a dhèanamh ma dheidhinn. An robh eòlas agaibh man phúca? A bheil seanchas eile agaibhse ma dheidhinn? Leigibh fios air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo