- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Màirnealachd ann am Faclan bhon t-Sluagh
Air a sgrìobhadh le Calum air 6mh An t-Ògmhios, 2024
“Cionnas a bhios an aimsir?” Sin a’ cheist as cumanta a th’ aire ar n-aire gach latha. Cha mhòr gun robh sluagh no cultar air an domhan nach robh an eisimeil air caochladh na h-aimsire, math agus dona. Ach dhan fheadhainn a bu dual a bhith a’ toirt sùil air caochladh na h-aimsire chlàradh bhuapa “Màirnealachd”: Eòlas caochladh na h-aimsire. Dha na Gàidheil bha màirnealachd, no suraladh, glè chudromach agus bha, agus tha, an t-eòlas seo fìor agus dìreach cho cudromach anns na làithean an-diugh. Chaidh mòran mhàirnealachd ann am “Faclan bhon t-sluagh” – ged tha fios agam nach eil sinn ach an talamh a chabadh gun bhuain leis an uiread de mhàirnealachd a tha ri fhaotainn – agus bheir sinn sùil air feadhainn dhiubh anns a’ bhrath-bhloga seo.Aimsir mhath
- Ceann dearg – bad bogha-froise anns an anmoch.
- “Gealachadh bho thuath, còmharradh math. Gealachadh bho dheas, droch còmharradh.”
- Roth air a’ ghrian – (Treiseig de dh’aimsir mhaith.)
- “A’ tighinn soills’” – (Mar a dh’fhàsas a’ ghealach.)
Aimsir dhona
- Adhar dearg às an àrd an iar air an oidhche. – “Ruadhadh suas an àm èirigh, dhèanadh Fionn èirigh tràth sa mhadainn...”
- “Breacadh an runnaich”.
- Buaile mun ghealaich.
- Càbraid nan ròn.
- Cathain a’ dol gu deas.
- Ceann-cruaidh – Colbha bogha-froise ri fhaicinn anns a’ mhadainn.
- Ceò bàn an t-solais ùir – Ceò agus a’ ghealach ri chèile.
- “An croch thu do cheap air a’ ghealaich?” – Nan robh a’ ghealach biorach gu leòr ach an urrainnear an ad a chrochadh oirre.
- Crann nan cat – “An Gadhar Osgair”
- Cuilean-grèine – “Sun-dog.”
- Droch ghabhail air iasg – Far an glacar iasg àiteigin ach a beul.
- Droch thràigh.
- Fada-cruaidh – Neul dubh on àird a Tuath.
- Fearadhaire – Dà ghrian (ri fhaicinn as t-Fhoghar).
- “Fiasag nan gobhar.” – Glè chollach ri “Breacadh an Runnaich.”
- Fir chlisne – Na Dannsairean, Na Fir Chlisg, Na Cleasaichean, m.s.a.a.
- “Gaoisid an fhèidh” – Neòil ceathach, biorach a’ falbh on ghrèin.
- “Gealachadh bho thuath, còmharradh math. Gealachadh bho dheas, droch còmharradh.”
- Giomach air mullach na clèibh.
- Grian is fara ghrian – Dà ghrian.
- Guilleag eala – Gairm eala air thighinn on Nirribhidh fo shneachadh agus fo reòthadh.
- Làgaraid
- Madadh-grèine – “Sun-dog.”
- Rionnag ro fhaisg air a’ ghealaich.
- Sgarbh air tìr.
- Sgeith runnaig – Ri fhaicinn san anmoch no san oidhche.
- Sgiansgaradh – Aimsir bhagairteach le neòil-uisge an impis cur.
- Stac – Air a thogail le uiread “adagan”.
- Suibheag – “Sun-dog.”
Dhan fheadhainn nach dèidheil a bhith “Ris an fhrois” mholainn oirbh an aire a thoirt dha na leanas:
Aimsir fhrasach
- Adag chruaidh [badag chruaidh] – Dos bogha-froise. (Nam faicear san àird an Iar thig uisge bhon ear.)
- Balt air a’ bheinn – Neul-uisge air a’ bheinn.
- Casan-cailbean – “Spògan na grèine” ann an cruth crùbh agus cuibhle.
- Casan-coirpte – Colbhan solais fo ghrèin (a’ suraladh uisge, aig briseadh an latha, gu h-àbhaisteach).
- Ceann-snaidhm – Neòil air fàire. Srianan neòil a’ cruinneachadh aig àite àite air fàire.
- Ceann snamadh – [Faicibh “Ceann-snaidhm.”]
- Glutach – Na speuran làn neòil-uisge.
- Laiseadh às na creagan – Solas na grèine a’ deàrrsadh air na creigean, a’ dèanamh fàileas geal orra.
- Fàileas lìon an damhain allaidh – Pàtran solais lìn aotrom air an fheur (ri fhaicinn anns an fheasgar anmoch).
- Sgallachan a’ deàrrsadh anns a’ ghrèin.
- Stiapan – Srianan air a’ chuan agus coilich-mara, a’ suraladh uisge.
- “Tha i a’ tarraing oirrre” – Cruinneachadh neòil.
- “Tha a’ chraobh aice” – Cruth neòil coltach ri craoibh (ri fhaicinn anns na speuran san àird a deas anns a’ mhoch-mhadainn, le gaoith làidir agus uisge on àird a deas with rain).
Aimsir ghaothach
- Casan cainnbe – Ma theidheas gathan na grèine air falbh on ghrèin.
- “Tarraing air a’ mhuir” – Gaoir na mara le aghaidh làidir, chopach.
- “Tha a’ chraobh aice” – Cruth neòil coltach ri craoibh (ri fhaicinn anns na speuran san àird a deas anns a’ mhoch-mhadainn, le gaoith làidir agus uisge on àird a deas).
Aimsir stoirmeil
- Bùtarras – Atharrachadh anns an aimsir a’ toirt lesi stoirm agus uisge.
- Eòin a’ falbh na speilean – Aimsir ghaothach, stoirmeil.
- Roth air a’ ghealaich – Stoirm ri tighinn.
Aimsir chaochlaideach
- Deargan-donna(/doinneann) – Bogha-froise beag.
- “Tarraing a’ tighinn a-stigh às a’ chuan”.
Le dòchas nach bi sibh air ur meabaineachadh, air ludradh fhaighinn, air ur lamaisteachadh, nur slip-slap no bog bàthte leis an aimsir gu ruige seo. Tha mise an dòchas gum faigh sibh am brath-bhloga seo a bhith fiosrachail agus gum bi sibh ullaichte airson na h-aimsire romhaibh am-bliadhna a-nis. Cùmaibh sùil air an aimsir agus nach toir sibh sùil air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo