- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Stuc
Air a sgrìobhadh le Calum air 23mh An Cèitean, 2024
Tha cuspair a' bhrath-bhloga an t-seachdain-sa caran eadar-dhealaichte ach ’s ann bho mhòran Thàr-ghnìomhan Comann Gàidhlig Inbhis Nis a tha e: stuc. Tha am facal seo air a bhith air a chleachdadh agus air a labhairt air feadh Alba le ciallan rud beag eadar-dhealaichte anns gach sgìre agus bheir sinn sùil orra sa bhrath-bhloga seo.Anns an Carmena Gadelica chaidh “Stucanach” a’ chlàradh, leis a' mhìneachadh “stiff-necked” agus tha seo gu math coltach ris an fhacal “Stùc”, “applied when one’s head inclines to the one side; sometimes to a wry-neck.” Tha seo sgrìobhte ann an “Rare Gaelic Words”, TGSI xxix, td. 45. Tha tionndadh eile den t-seòrsa ann an “The Gaelic Dialect of Arran”, TGSI xxi td. 264) le “Stuaic”, a’ ciallachadh “a wry neck”.
Tha dithis fhaclan coltach ri seo far a bheil an t-eadar-theangachadh eadar-dhealaichte ach tha ciall no ceangal ann ma dh’fhaodte shireadh. A’ siubhal gu àird a tuath tha “Stùcan” air a chlàradh ann an Beàrnaraigh Leòdhais, ann an “Rare words and Phrases”, TGSI XXXVII. td. 6, a’ ciallachadh “a short chunk of wood of irregular shape, a stump”. Air taobh sear na h-Alba (gu ìre) tha am facal “Stac” air a chlàradh ann an Siorrachd Pheairt a’ ciallachadh “thick, set little man”, don ainm “The Peculiarities of Gaelic As Spoken In The Writer’s District” (leis an t-Urr. T. M. MacDhonnchaidh). Dh’fhaodamaid a ràdh gu bheil ceangal eatarra agus na faclan eile a th’ againn, gu h-àraidh bhon tùs “mì-dhealbhach” no “cuagach” co-roinnte leotha.
Air taobh eile nam beann ann am Bàideanach tha “Goic” air a chlàradh le R. Barron anns an tar-ghnìomh don ainm “Some Unrecorded Words And Meanings In The Gaelic Of Badenoch” (1950) a’ ciallachadh “wry neck”, le “goicach” a’ ciallachadh “wry-necked”. ’S e an aon fhacal seo a th’ againn nar “Faclan bhon t-Sluagh”: ’s ann à Barraigh a tha am facal “geoic”, a’ ciallachadh “a wry neck”. Air adhart gu tuath ann an Nis, Leòdhas, tha am facal “goic” againn.
Tha “goradaireachd” air a chlàradh ann an Àrnol, Leòdhas, far am faodar a ràdh “Dé a’ ghoradaireachd a th’ort?” nuair a thathar a’ sìneadh an amhaich gus nitheigin fhaicinn no sgrùdadh, fiù ’s ma thathar car srònasach no dèidheil air goisid. Chan eil am facal ceangailte ris na th’ againn mar-thà ach bha e inntinneach gu leòr leis a’ chuspair seo.
A' toirt sùil taobh a-staigh Gàidhlig na h-Èireann, anns an leabhar “Cora Cainte as Tír Chonaill” le Seán Mac Maoláin tha an abairt “Cho balbh le smután maide” [Cho balbh ri smutan maide] air a chlàradh. Ann an Gàidhlig na h-Èireann tha “smután” a’ ciallachadh “stump, chunk of wood” sa Bheurla, car coltach ri “Stuacán” a’ ciallachadh “stook, pile” no “Sulky, stubborn person”. Tha Mac Eachainn a’ clàradh “a short beak, a short log”. Tha an aon chiall agus trioblaid aca ann an Èirinn le iomadh facal le iomadh chiall eile!
Tha fios agam nach do bhuin mi ris a h-uile facal a th’ againn sa Ghàidhlig ach ma tha facal eile air a bheil sibh eòlach leigibh fios thugainn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo