- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Seanchas a bharrachd mun Bhealltainn
Air a sgrìobhadh le Calum air 1mh An Cèitean, 2024
“Là Buidhe Bealltainn dhuibh uile!” Cha robh àm na bliadhna cho sona dha na Gàidheil na a' Bhealltainn agus chìtheas sin ann an seanchas nan Gàidheal agus cainnt na Gàidhlig mar an ceudna. Cluinnear sin le “Mìos na Bealltaine” agus “Mìos buchainn” airson a’ Chèitein. Mar sin, cluinnear “Buchainn buidhe Bealltainn” cho math ri “Fàilte na Bealltainn ort!”Tha sinne air mòran bhrath-bhlogaichean a dhèanamh mun Bhealltainn mar-thà: “Là Buidhe Bealltainn”; “Bailc na Bealltainn agus Oidhche Naoimh Marcais”; “Mìosachan nan Gàidheal: An Samhradh (Pàirt 1)”. Ged a tha sinn air mòran a sgrìobhadh ma dheidhinn mar-thà chan eil sinn ach a’ riachadh no a’ tarraing peile tana à tobar domhainn! Mar sin, seo dhuibh seanchas a bharrachd mun Bhealltainn.
Le caochladh na h-aimsire tillidh na h-eòin dhan dhùthaich. Tha sin soilleir le “Calman Bealltainn” agus Eun-Bealltainn (numenius phaeops), no “Amadan-Bealltainn”. Cluinnear “Boc Bealltainn” airson each agus a nàdar air atharrachadh, gun rian agus fiadhaich le teachd là Bhealltainn.
Tillidh na blàthan air bàrr mar an ceudna: Chìthear sin le Lus-buidhe Bealltainn (caltha palustris) agus cluinnear na h-ainmean “Beàrnan-Bealltainn” agus “Dìthean-buidhe Bealltainn.”
A bharrachd air nàdar, tha dualchasan againn cuideachd. Nì sinn “Bonnach Bealltainn” agus “Mulchag-Bhealtainn”. Dèanar bonnach aig àm na Bealltainne ach chumadh “Mulchag-Bhealltainn” airson bliadhna agus dh’itheadh a’ chàise air Là Bealltainn a dh’fhògradh droch bhuaidhean agus an droch shùil.
Tha mi an dòchas gun dèan sibh buaidh agus gum faigh sibh soirbheas airson na bliadhna romhainn (agus “gun ith sibh copag na Bealltainne”.
An aithne dhuibh na faclan fos cionn? A bheil eòlas a bharrachd agaibh mun Bhealltainn? Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo