- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Fuaimean agus Gairmean Chon
Air a sgrìobhadh le Calum air 25mh An Giblean, 2024
Bidh cuimhne agaibh air brath-bhloga a rinn mi airson Pangur Bán, agus luchd nan cat mar sin, ach, mar is lèir dhuibh, is glè fhad on a rinn sinn brath-bhlog’-èiginn airson luchd nan con. Bha, tha, agus bidh na Gàidheil riamh cudromach ann an cultar is seanchas nan Gàidheal agus tha sinn soilleir leis a’ mheud de dh’fhaclan airson fuaimean is gairmean chon. Tha mi air dol tro Fhaclan bhon t-Sluagh agus leabhraichean eile airson faclan a lorg airson fhuaimean àbhaisteach chon. Chleachd mi na leabhraichean na leanas mar an ceudna:Faclan is Abairtean à Ros an Iar, le Roy Wentworth (RanI);
The Gaelic of Islay: A Comparitive Study, le Seumas Grannd (GI);
Gàidhlig Dhùthaich Mhic Aoidh le Seumas Grannd (GDMA);
Faclair Air-loidhne na Gàidhlig Eideird Dwelly (Facl).
Barking
- A’ Comhartaich (RanI; GI – Lewis, Skye, Badenoch)
- A’ deileann (Facl)
- A’ Gleobhsdaich (RanI) – loud
- Mothart (Facl)
- A’ tabhann (GI - Islay)
- A’ sgeamhann (GI - Badenoch)
Groaning
- Ag acáin (RanI)
- A’ cneadail/cneadail air – lowing in a groaning way) (RanI)
- A’ grùmhan ri (RanI)
- A’ gnùsadaich/a’ leigeil gnùsadaich às (RanI)
- Ag oicheanach (GDMA)
- A’ dranndan (GDMA)
- A’ dreanndail (Horgabost, Na Hearadh)
- A’ durghail (Breacais, An t-Eilean Sgitheanach)
- A’ durraghan aig (Facl)
- Gorrchdáil air (RanI)
- A’ gnùsdaich (Caolas, Tiriodh)
- A’ grùmhan ri (RanI)
Grunting
- A’ Gnòsadaich (Baile Sear, Uibhist a Tuath)
- A’ gnùsadaich (RanI)
Howling
- A’ donnalaich (RanI)
- A’ dunalaich (Barabhas, Leòdhas)
- Ag ialltáil (RanI)
- A’ tuireál/tuireál air (RanI)
- Ag uallán/ri uallán (RanI)
Lowing
- Ag eumaich
- A’ geumnaich (Port Sgioba, Ìle)
- A’ geumraich (Breacais, An t-Eilean Sgitheanach)
- A’ Blabhdail (Facl)
- A’ cur greann air [fhèin] (RanI)
- A’ grùmhan (RanI)
- A’ dranndail (Facl)
- A’ dranndan (GDMA)
Buaidhearan: Blabhdach (Facl); Brangach (Facl).
Whimpering
- A’ dunalaich (An Tòb, Na Hearadh)
- A’ miolarán/miolgharán (RanI)
- A’ giùmhgaíl/ (RanI)
- Sgealbhadaich (RanI)
- A’ tuireál/tuireál air – loud (RanI)
- Ag iorrám – whine loudly (RanI)
- A’ meangail
yapping
- A’ tabhunn (RanI)
Seo agaibh e. Tha mi an dòchas nach robh seo ro “cù-ruaidh” oirbh, no nach “iall” sibh tuilleadh, no “tùireil”... (obh, obh...) An aithne dhiubh na faclan fos cionn? A bheil faclan eile agaibhse? Leigibh fios air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo