Gàidhlig / English
Pangur Bàn

Pangur Bàn

Air a sgrìobhadh le Calum air 15mh An Gearran, 2024
Pangur Bàn
’S e ainm cat a th’ ann am Pangur Bàn, cat a bha a’ fuireach ann am Manchainn Reichenau far an d’ rinneadh an duanag seo ann an Seann-Ghàidhlig. Cha bhiodh seo cho cudromach no àraidh do dhuine sam bith seach gur e fear de na pìosan as sine ann am bàrdachd na Gàidhlig.
Tha an duanag a-mach air manach agus a chat, am manach trang le sgrìobhadh agus Pangur trang leis a cheàrd fhèin, sealg nan luch! Rinn Calum MacLeòid, Ceann Loch Gilp, eadar-theangachadh den duanaig gu Gàidhlig an latha an-diugh anns an iris “Deo-grèine”, leabhar 15, d. 189. Chaidh am meadaireachd “Deibhidhe” a chumail agus chuir mi an duanag o sheann còmhla ris an tè ùir an-seo. You can read more about it on the Wikipedia article, “Pangur Bán”.

Trad.
“Messe ocus Pangur Bán
Cechtar nathar fria saindan,
Bíth a menmasam fri seilgg
Mu menma céin im saincheirdd.
 
Caraimse fos ferr cach clú
Oc mu lebran leir ingnu,
Ni foirmtech frimm Pangur Bán
Caraid cesin a maccdán.
 
Orubiam scél cen scís,
Innar tegdais ar noendís,
Taithiunn dichrichide clius,
Ni fristarddam arnáthius.
 
Gnáth huaraib ar gressaib gal
Glenaid Inch ina línsan,
Os mé dufuit im Iín chéin
Dliged ndoraid cu ndronchéill.
 
Fuachaidsem fri frega fál,
A rosc anglése comlán,
Fuachimm chein fri fegi fis
Mu rosc reil cesu imdis.
 
Faelidsem cu ndene dul,
Hinglen luch inna gerchrub,
Hi tucu cheist ndoraid ndil,
Os me chene am faelid.
 
Cia beimmi amin nach ré,
Ni derbam cách a chele,
Maith la cechtar nár a dán,
Subaigthius a oénuran.
 
He fesin as coimsid dáu
In muid dungni each oenláu,
Du thabairt doraid du glé
For mu mud cein am messe.”
 
Ùr, le Calum MacLeòid, Ceann Loch Gilp
“Mise agus Pangur Bàn
Sinn ’nar gairm fa leth an sàs
Bithidh inntinn-san ri seilg
M’ inntinn fhèin ri m’ dhearbh-cheird.
 
’S toigh leam-sa fois—feàrr na cliù—
Le mo leabhran dian air foghluim;
Cha ’n fharmadach rium Pangar Bàn,
Is toigh leis-san cluich mar phàisd.
 
Oir bithidh sinn—sgeul gun sgìos—
’Nar tigheadais ’nar dithis;
Ta againn—cleas gun chrioch—
Aobhar cleachdaidh ar geur-chiall.
 
Gnath uairean tre euchdan treun
Leanaidh luch ’na lion-san,
’S tuitidh dhomh-sa ’nam lion fein,
Ceist dhoirbh le dorch-cheill.
 
Sùil aige-san ri fraigh an t-fhalain
Le rosg shoilleir fior-fhallain;
Mo shùil fhein, ri eòlas eagnaidh,
Le fradhrarc geur, ged is lag i.
 
Ni esan faoilt ’na dhian ruith
Is luch leis ’na gheur chruibhean ;
Is bidh faoilt orm-sa mi-fhìn
’S mi tuigsinn ceist dhorch-dhìleis.
 
Gu’m bidh sinn mar sin gach ré,
Gun dragh do chach a cheile;
Is maith leinn bhi ’nar gairm an sàs.
Dèanamh subhachas ’nar n-aonar.
 
Esan eirmseach a ghnàth,
Air ’n obair nithear leis gach là;
Mis’ eirmseach air m’ obair fhein,
Bhi tabhairt ni dorch gu leus.”
 
Tha mi an dòchas gun do chòrd e riubh cuairt a ghabhail ann an eachdraidh bàrdachd na Gàidhlig. Am b’ aithne dhuibh an duanag fos cionn? A bheil eadar-theangachadh eile agaibhse air a son? Nach leig sibh fios air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo