- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Òrain na Dùthcha bho Ghlaschu dhan Eilean Sgitheanach (Pàirt 2)
Air a sgrìobhadh le Calum air 25mh Am Faoilleach, 2024
Fàilte air ais! Tha mi an dòchas gu bheil còrr an Fhaoillich air a bhith math dhuibh agus nach eil an aimsir air a bhith cho sgreataidh! A dh'aindeoin Na Faoilich, ospagan agus dìlean-bhàite cha tig sgleò air àilleachd ar dùthcha. Tha sinn a' leantainn oirnn le òrain a bharrachd a' dol mu thuath air a' Ghàidhealtachd, a' tòiseachadh an t-seachdain-sa bho Ghleann Comhann.“Thoir Dhomhsa an Gleann” le Alasdair MacFhraing – Gleann Comhann
Le Alasdair MacFhraing. 'S ann à Ghleann Comhann a tha MacFhraing a rinn an t-òran gaol-dùthcha seo, a' moladh gleann àraich agus a chridhe:
“Thoir dhòmhsa an gleann far bheil Comhann a' triall,
Far bheil Bidean-nam-Beann bho thoiseach gach ial,
Far am faic mi an iolair', far am fàileant' am fiadh,
Far am faigh mi a' bhiolair, cho blast' ris a' bhiadh.
Thoir dhòmhsa an gleann far bheil monaidhean àrd,
Far 'n do dheachdaich nèamh peann neo-bhàsmhor a' bhàird;
Far bheil coill' anns gach doire fad nas uaine nam feur,
Far bheil mil-fhraoich 's gach coire 'n gleann as àille fon speur...”
"Murt Ghlinne Comhainn", leis a’ bhàrd Mhuchanach – Gleann Comhann
'S e cumha a th' ann, a' comharrachadh mort mhòr baile Ghlinn Comhainn. Bha Clann Dhòmhnaill Ghlinne Chomainn fadalach ri bòid dìlseachadh a ghabhail leis a' rìgh ùir, mar sin thugadh saighdearan dearga dhan bhaile. Air an treasamh là deug den Ghearran, 1692, rinneadh mort air muinntir a' ghlinne. Chaidh an t-òran-pìoba a dhèanamh a chomharrachadh am mort uamhasach. Faodas nas motha den mhort a leughadh air làrach-lìn "GlencoeMuseum.com":
“Làmh Dhè leinn a shaoghail
Tha thu carach mar chaochladh nan sian,
Nì nach guidheamaid fhaotainn,
Mar na sruthaibh ag aomadh a nìos;
'S i chneadh fèin thar gach adhbhar,
Bhios gach duine ri caoine, 's e tinn,
Breith Mhic Shamhain air saoidhean
Tighinn a ghleachd rinn a taobh cùl ar cinn.
Cha b' i siud an fhuil shalach
Bha ga taomadh mun talamh sa ghleann,
'S a liuthad ùmaigh mar ghearran
A bha cur fùdair na dheannaibh mur ceann;
A Rìgh dhùlaich nan aingeal!
Gabhsa cùram dar n-anam, 's sìth thall;
Chaidh ar cunntas an tainead
Le garbh dhùsgadh na malairt a bh' ann...”
“Loch Lìobhainn” le Alasdair MacFhraing - Gleann Comhann
Tha sinn air ais le bàrd MhicFhraing agus òran àlainn a' moladh gleann àraich:
O 's truagh nach robh mis' ann an gleannan mo ghaoil
Oir tha beannachadh Dhè agus sìth ann
Tha na h-aibhnean 's na coilltean as bòidhch' air an t-saoghal
Ann an gleannan mo ghaoil taobh Loch Liobhainn.
Fàile cùbhraidh an fhraoich tigh'nn thar mullach nam beann
Agus chì thu'n damh ruadh air an fhrìth ann
'S ged shiùbhladh tu Alba chan fhaic thu aon ghleann
Tha cho boidheach rim' ghleann taobh Loch Lìobhainn...”
"Horo Chaidil M’ Eudail", Le Iain Camshron – Lòchaidh
Rinneadh an t-òran leis a' bhàrd Phàislig a fhuair àrach ann an Gleann Comhann:
“Ho rò chaidil m' eudail,
Ho rò chaidil m' eudail,
Ho rò chaidil m' eudail,
'S ma chaidil slàn gun èirich.
...
O nì mi brochan bainne dhut
Is nì mi brochan eòrna,
Bheir d' athair meann à fireach dhut
'S breac à linne air Lòchaidh.”
"Latha Inbhir Lòchaidh/Moladh Inbhir Lòchaidh", le Iain Lom – Inbhir Lòchaidh
'S e òran Sheumasach a th' ann a rinn am bàrd, a' moladh Diùc Mhontrois a bha a' strì air leth Rìgh Theàrlaich I. Chuir e cath an aghaidh feachd Shir Dhonnchaidh Chaimbeil à Achadh Breac ann an Inbhir Lòchaidh air an dàrna là den Ghearran. Fhuair feachd an Diùc buaidh air an là:
“Hì hó ro ’s na hó ro leatha,
Hì hó ro ’s na hó ro leatha,
Hì hó ro ’s na hó ro leatha,
Chaidh an latha le Clann Dòmhnaill.
’N chuala sibhse ’n tionndadh duineil
Thug an camp bha ’n Cille Chuimein?
’S fhada chaidh ainm air an iomairt,
Thug iad às na nàimhdean iomain.
Hì hó ro ’s na hó ro leatha…
Dhìrich mi moch madainn Dòmhnaich
Gu bàrr caisteil Inbhir Lòchaidh;
Chunnaic mi ’n t-arm dol an òrdugh,
’S bha buaidh an latha le Clann Dòmhnaill.
Hì hó ro ’s na hó ro leatha…”
"Bràigh Loch Iall/Òran do Loch Iall" – Loch Iall
Òran gaol-dùthcha a' moladh Loch Iall, Loch Abar:
"I ò bha hò
'S na haoiri rìri ho hi
Hoireann o gù ho hi
O bha hò.
O thèid, is gun tèid,
O thèid mi thairis
Gu innis nam bò,
Far am b' eòl dhomh an ainnir.
Gun innis nam bò,
Far am b' eòl dhomh an ainnir,
Gu Bràighe Loch Iall
Far am bi fiadh sa langan..."
Òran Sheumasach leis a' bhàrd cliùiteach agus cluicheanta, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, a' moladh an Rìgh gu bhith, Teàrlach III, agus a thighinn a dh'Alba a chruinnicheadh nam finneachan ri chèile:
"A dh'ionnsaighcladach a' chuain ri fuar ghaoth an anmoich
Thàinig Tearlach gu dealrach air Albann 's e sgith
Cha ro reul air a bhroilleach neo freiceadan 'falbh leis
Ach aithne nan gorm-shùil gu daelbhaich a li
'Smar dhaoimein san oidhche bha a' mhaighdean fo thùrsa
'Si cràiteach mu Thearaich 'bhi a' fàgail a dhùthcha
'S bu trom a bha a h-osna 's bu ghoirt deòir bho sùilean
On a chunnaic i an lubhrach a' dlùthadh ri tir.
Bha a' ghaelach a' snàmh thar àirde nan stùc-bheann
'S a gathannan siùbhlach far dlùth-thonn a leum
Gu grad thug i 'n aire mar òigh air a ciùrradh
Gu sgàil air a gnù is ghil fo shiùil neòil nan speur
Dhan a' ghealaich 's na reultan iad fhéin anns 'sa ghorm-bhrat
Bha osna na gaoithe trom chaoimhneil a' falbh uainn
Bha gearain a' chuain an àm bualadh ri garbh-chreag
Mo léir chreach air Albainn 'sann a mharbhadh na tréun...."
"O Siud an taobh a ghabhainn", le Anna NicGillIos’ - Mòrar
Air a dhèanamh leis a' bhana-bhàrd Anna NicGillios', ban-eilthireach a sheòl a Chuibeic. Anns an òran tha i ag ainmeachadh nan àite on d' thàinig iad anns na Garbh-chrìochan, tha Mòrar nam measg:
“O, sud an taobh a ghabhainn,
E, sud an taobh a ghabhainn,
'S gach aon taobh gam biodh an rathad
Ghabhainn e gu h-eolach.
Gabhaidh sinn ar cead de Mhorair,
Arisaig 's Muideart nam mor-bheann,
Eig' is Cana ghorm nan roiseal,
'S Uibhist bhoidheach ghreannmhor;...”
“Fàilt’ Ort fhèin, a Mhòr-Thìr Bhòidheach”, le Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair - Mòrar
Chan eil e duilich a cheidsinn carson a rinn am bàrd òran gaol-dùthcha mu sgìre àlainn na Gàidhealtachd seo. Mhol e bòidhchead nàdair na sgìre anns an d' fhuirich e air dha teicheadh bho Uibhist a Deas:
“Fàilt’ ort fhèin, a mhòr-thìr bhòidheach
Anns an òg-mhios bhealltainn
Heitirinn àirinn uirinn ò-ho-rò
Heitirinn àirinn ò-rò
Grian-thìr òr-bhuidh, ‘s uaine còta,
’S froinidh ròs ri h-alltaibh...
Le biadh ’s le dibh a’ cur thairis
Cha tèid Earrach teann orr’...”
“Eilean a’ Cheò”, le Màiri 'Mhòr nan Òran' Nic a' Phearsain – An t-Eilean Sgitheanach
Tha a' bhana-bhàrd a' cur an cèill a dhùrachd tilleadh dhan Eilean air dhi air a bhith fada bhuaith o chionn iomadh bhliadhna:
“Ged tha mo cheann air liathadh
Le deuchainnean is bròn
Is grian mo leth-cheud bliadhna
Air ciaradh fo na neòil
Tha m’ aigne air an lìonadh
Le iarrtas tha ro mhòr
A dh’fhaicinn eilean Sgiathach
Na Siantanan ’s a’ cheò.
Tha còrr ’s dà fhichead bliadhna
Bho’n thriall mi uait gam dheòin
’S a chuir mi sìos mo lìon
Ann am meadhan baile mhòir
Is ged a fhuair mi iasgair
A lìon mo thaigh le stòr
Bu chuimhneachail mi riamh ort
’S bu mhiann leam bhi’ nad chòir...”
Tha sinn deiseil leis an t-sreatha seo ged 's urrainn dhuinn fada a bharrachd òrain a bhith againn anns an dà bhrath-bhloga seo! An aithne dhuibh na h-òrain fos cionn? A bheil moladh eile agaibh airson òrain air an rathad an-àird dhan Eilean Sgitheanach bhon Ghalldachd? Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo