Mun Bhàrd Bhochd
B’ ann à Port Bholair san Rubha ann an Leòdhas a bha Tormod MacLeòid, neo Tormod Chontair, a rugadh air 15 Ògmhios 1904. B’ e Am Bàrd Bochd am far-ainm a bh’ air, ’s e na bhàrd ’s na sgrìobhadair, na thidsear, na fhear-cruinneachaidh òrain agus na sheanchaidh a thaobh dualchas na Gàidhlig. Bha e na thidsear ann an iomadh sgoil is ann an iomadh sgìre ann an Leòdhas: Na Lochan, Ùige, Nis, agus anns an Rubha fhèin. B’ e ‘Am Bodach’ a bh’ aig sgoilearan Sgoil Lìonail air, far an robh e na iar-cheannard ’s e cuideachd os cionn roinn na Gàidhlig, is tha e coltach gun robh meas mòr aig a’ chloinn air. Bha meas mòr aig a h-uile duine air, ’s e na neach cho comasach ach cho iriseal na nàdar.
Phòs e Mòr NicLeòid ann an 1932 agus bha ceathrar chloinne aca: Dolina, Murdo John, Tormod agus Seòras. Chaochail Tormod air 14 Sultain 1968, mus d’ fhuair e cothrom a dhreuchd a leigeil dheth, ach bha e riamh dìleas is dealasach don Ghàidhlig. Gheibhear mòran de dh’obair Thormoid anns an iris Gairm fon ainm: ‘Am Bàrd Bochd’.
Anns an Lùnastal 2018, nuair a chaidh Cluas ri Claisneachd a chur air bhog, bha sinn air leth fortanach gun deach cruinneachadh a’ Bhàird Bhochd a thoirt seachad gu h-oifigeil do dh’Oilthigh Ghlaschu, far an deach e fhèin dhan oilthigh. Tha sinn gu mòr an comain teaghlach Thormoid, gu h-àraid Seòras agus Dolina, airson leigeil leinn dìleab Thormoid a thaisbeanadh don t-saoghal mhòr tro na clàraidhean a rinn e.
Chaidh cead fhaotainn bhon fheadhainn aig a bheil uallach airson nan clàraidhean seo airson an cur suas air-loidhne gus an deidheadh aig a’ mhòr-shluagh am faotainn saor an-asgaidh. Tha DASG air an cur suas air an eadar-lìon air sgàth ’s gu bheil sinn gu làidir den bheachd gu bheil luach iongantach anns na clàraidhean seo agus gum bi iad a’ cur ri rannsachadh a’ chànain, cànanachas agus a h-eachdraidh. Tha sinn mothachail, ge-tà, gum bi fiosrachadh pearsanta uaireannan a’ nochdadh, neo gum bi stuth ann a tha drabastach neo cliù-mhillteach. Ma tha càil ann a tha buntainneach ribh fhèin air ar làrach-lìn ’s nach tug sibh seachad ur cead air a shon, neo ma tha càil ann a tha drabastach, cliù-mhillteach, neo a bhios a’ dol an aghaidh laghan prìobhaideachd ann an dòigh sam bith, cuiribh fios thugainn an-seo. Ma tha an t-iarrtas dligheach, bheir sinn an stuth far na làraich-lìn rè ùine gus an dèanar fuasgladh air a’ chùis.