Fiosrachadh ùr
Tha Corpas na Gàidhlig air imrich gu https://dasg.arts.gla.ac.uk/CQPweb.
Ma tha thu airson Corpas na Gàidhlig a chleachadh, feumaidh tu clàradh le CQPweb (Corpus Query Processor). Tha e saor agus an-asgaidh, agus chan eil agad ri dheanamh ach t’ ainm agus do phost-dealain a thoirt seachad. Airson cunntas a chruthachadh, tadhail an seo. Na cleachd siombalan sònraichte, leithid $, @, /, etc. no seòladh puist-dealain mar ainm-cleachdaiche.
Thathar air barrachd theacsaichean a chur ri Corpas na Gàidhlig agus àireamh de dh’fheartan ath-stèidheachadh:
- rannsachadh le / às aonais stràcan
- rannsachaidh chruthan le / às aonais sèimheachadh
- rannsachadh chruthan nas toinnte le tàthanan agus asgairean
- metadata airson theacsaichean far a bheil a leithid ann.