ABB_Tape2 Transcription [TM:] Tormod MacLeòid (Am Bàrd Bochd) [P:] Am Puilean (Aonghas Caimbeul) [IC:] Ina Chaimbeul (Ina NicRisnidh) [UF:] Unidentified Female [DM:] Dòmhnall MacRisnidh [T:] Tida a’ Phuilein (Alasdair Caimbeul) [P:] Seo agaibh eachdraidh dà bhàta ainmeil a bh’ ann an Cros bho chionn trì fichead bliadhna air ais, agus an rud a thachair nuair a choinnich iad ri chèile anns a’ Chuan Sgìth. [Òran: Bàta Ialliùgo] [P:] S.Y. dà fhichead ’s a dhà Siud bàta Ialliùgo, B’ e iùbhrach i ga cur gu sàl Fo làmhan sgioba dhiùlnaich; Tarmod Dubh is Ailean Geàrr A’ càradh oirre siùil-bheart, B’ e Coinneach Nèill an combaist, ’S am Blousa ga stiùireadh. Tighinn tarsainn uair fearann nan Gall ’S i an geall air fearann Leòdhais, Bha ’n [XX] aic’ air a gàilleachd Sruth [XX] ris an [XX] aic’, Nuair chual iad èigh bho Ailean Geàrr, “Air fàire tighinn nar còmhdhail, Mar eil mo shùil-sa fàiligeadh, A chàirdean bàta Tòthan.” Thuirt Ailean Geàrr “[XX], Thoir srannadh aist’ is dìosgail, ’S le cruas nam bonn an taca, bidh dha cumail às na sìneadh, Ma bhuannaicheas iad acarsaid air d’ amhaich cha bhith ’n t-sìth ann, ’S bidh sgeula mhòr na tàmailt Aig a’ ghràisg air feadh na sgìre.” ’S ò thuirt Ailean– Thuirt Coinneach Nèill, “a sheòid cha robh mo sheòldaireachd sa ghrìosaich, Thug Cèasar Tsàr ’s Bhictòria air bhòidse a mhaireas bhliadhna, Air long na mìle seòl a bha cho mòr nuair thug Cuan Siar oirr’ Bha toiseach muigh aig Rònaigh… ’S Rubha Robhanais air a sliasad.” ’S o fhreagair am Blous’ ’s e sìamachadh, “A shìorraidheachd an aimlisg, Chan eil [XX] bhòrd de h-iallan Ged a stialladh iad an càinb aist’, Na sheòladh ri mo mhearsaich-sa Ga sgoladh sìos mu manachan Nuair gheibheadh i Rubha Eòropaidh Ri sròin ’s i tighinn bhon earra-dheas.” Bha ’n fhiachainn air bonn, Chaidh siùil is buill a chur gun dearbhadh, Gach brèid a ghleidheadh crann orra Chur teann ri bil na garbhsaich, A chliathadh oirr’ gu gamhlasach Troimh chollaid greann na fairge, ’S le dalladh dearg an dùbhlain Bha ga rùsgadh chun an dara-dhruim. So bha sian an sud is astar Cha b’ e ’n acfhainn ud nach fhaodadh, Ri tiodhlacadh nan cnagan Cleit a’ hailaird ’s am bior-snaois ann; Toirt dìosgail air an aisnichean ’S muir geal aca ga shraonadh Na chabhadh caoir mun gualainnean Is ga shuabadh air gach a taobh dhuibh. ’S ò thuirt Tòthan ’s e toirt suagan às, “Bidh buadh aig gillean làmhach, An Guinne Dail-o-Thuath agam Bha iomadh uair an gabhadh, Tha ’n MacCumhail Shuaineaboist, Is gille chruadail Pàdraig, Tha ’n cruaidh-fhortan an tòir orra Is cha tog iad sròl a-màireach.” [whispers] ’S ò leig Tòthan taobh na Càbaig ’S leig MacKay taobh a’ Chairbh i, Nuair thug a’ ghaoth car ceàrr aist’ Ann am fàbhair na meas-toirmeasg; Am Blous’, a ghaoil do mhàthar ort, Fo bharraibh bàn an t-soirbheis Ga ruith gu cala sàbhailte Ruith gu tràigh is creagan Bheiridhe. Bha reachd a’ tachdadh Thòthain, bha na deòir a’ ruith bho shùilean, ’S e maoidheadh teann le dhòrn air na cinn-chlòth a rinn a’ chùis air, ’S e falbh an ìongnan Sheòrais, ’s e gun bhrògan, ghuidh an trùileach, Do Thormod Dubh ’s na chòmhlaich leis, air bòrd na h-Ialliùgo. “’S ò a mhic nan creach” thubhairt Pàdraig ris, “na sàraicheadh do dhiomb ort, Chan eil a shìol na dh’àraich iad, na gàrlaich, na nì chùis ort; Le eòlas fear-taigh àirigh bheir mi mòinteach àrd na cùrs i Biodh d’ fhalamadair ga fhàsgadh is thoir stràilich oirr’ gu Mùirneag.” ’S ò cha bheò na bh’ air an àirigh nuair a shnàmh i steach an t-aonach, ’S e thuirt a chuid bha cràbhach dhiubh gun tàinig deireadh shaoghail; Cuid eile ‘Samhladh bàthaidh’ agus ‘Tàbhannadh an Aonaidh,’ ‘Noah leis an Airce’ ‘Yacht an t-Sàtain,’ ’S ‘Sgàil an Aog-ghlais’. Tha daoine an-diugh ’s cha chreid iad mi, nan deisciobuil aig Tòmas, Mas [XX] nan [XX], [...] ’S an t-suilich bha Loch Olaighol le eagal thug cuan mòr oirr’, ’S gun togail ceann a-rithist san Loch Niseach air a’ Mhòr-thìr. Bu dian a chur i mhòintich dhith, ’n Gleann Mòr a’ tighinn on iar-eas, Gu Tom-na-Croise-Nòdh, o Bhata-lòis ’s Tom Màiri Ìomhair; Gu Botann-dubh a’ Gheòidh, ’s a-steach a’ mhòine tro na rìasgan, ’S ri gàrradh Doisean ròpaich i ’s an Lòn aig ’A’n MacÌomhair. ’S bha sgioba Bhlous’ nam bòtannan, sgùil mhòr aca air an gàirdein, A’ cromadh leathad Ròigean ’s iad a’ bòilich leis an làsdachd, Nuair chual iad gu robh Tòthan mullach pòl aig taigh ’A ’n Bhàrda, Cuir bratach buaidh an t-seòlaidh, de chlò-mhòr a dh’fhigh a Chràg ris. ’S e Coinneach Nèill, nuair dhìteadh iad, chuir fìrinn air a’ chùis dhaibh, “Clann-nighean shìos an sgìre thug gu tì sinn ’s fealla-shùgraidh; Bha òrain ’s ceòl a pìob againn, is ruidhl’ air feadh an ùrlair, ’S mi fhìn thug greis a’ tàisnich le tè bhàn dhuibh anns a’ chùlaist.” ’S nan tigeadh peann fear geur-chuiseach, ’s an sgeul a chur an sgrìobhadh, Cuir feartan sàir nan treubhantaich ri euchdan uil’ ar rìoghachd, Bhiodh marachd Choinnich Nèill aca ga leughadh tro na linntean, Is Nelson, Raleigh, Blake, is Fransaidh Drake air dol a chuimhne. ’S cho fad as clann na dùbhlachd sinn, cur smùid a teine mònach, Cho fad ’s as Nisich bhrùideil sinn a shiùbhlas muir is mòinteach; Cho fad ’s thig guga à Sùla-sgeir ’s a shùgh am fuil ar n-òige, Cho fada bidh ar spliùch mu Ialliùgo ’s bàta Tòthan. Shin e. [BREAK IN TAPE] [Òran: Fàinne Rèiteachaidh Màiri] [P:] Chuala mi gun d’ fhuair thu fàinnidh Agus meòir do shluagh-sa Màiri, Ceann a’ chruaidh ort anns an àirigh Nach e ’n gràdh thug spùinneadh ort. ’S cha b’ e a luach ged bha i deàrrsant’ Iarann, luathan, cruaidh is bràisteach, Thug i iomadh cuairt am pawn shops, ’S cha robh aig’ aon chrùn thoirt oirre. ’S ò is rìomhach iomadh dath gach neamhnaid, ’S rìomhach i air clì-làmh d’ annsachd, Grìogag a’ cur a [...] ’S glainne [XX] na screwtops innt’. ’S bha clachan luachmhor innte stèidhichte, Clach na gruagaich, na fìr-bhrèige, Clach à staran fuamhair’ Èireann, Hèisgeir ’s clach na cùdainn innt’. ’S ò clach na fàisneachd Choinnich Odhar, Leac a bha [XX] othail, Bloigh de sgàthan a bh’ aig bothan Is corrag [ghil’/?] Chlann Ùisdein innt’. ’S o putan badaidh Mhic an t-Srònaich Bloigh den [fhàd/?] de phighean [XX] Bàirneach a bh’ air bàta Tòthan ’S i na mhòr bhith [XX] leat. ’S ò faire, faire, dh’fhalbh na làthaichean, Dh’aithnichinn fhìn sa sgrìob an [fhadaidh/?] ’S peitean [XX] gu ruig [XX] Mar ri cuir nan Fhionnlagan. Siud a ghràidh far an robh trusgan, Thug [XX] fàs air clàr a’ bhucaich, Buidheann cabhach bàn is purpaidh, ’S bàllan [XX] do rùin-sa leis. ’S tusa dh’fhaodas a bhith sràiceil, Gaol do chridh-sa th’ air do ghàirdean, [XX] dol sgrìob tro Sauchiehall, Le [Walter/?] taigh nan ùmaidhean. ’S tusa a ghràidh a fhuair do laochain, Chumas blàth thu ’s nach leig [XX] thu, Fhad ’s a dh’fhàgas [XX] e, Far eil daoine [cruthlainneach/?]. ’S nuair a chuireas tu ’n [XX] Feuch gun cuir thu fios gam iarraidh, Ged nach dèanainn càil a b’ fhiach Ach riarachadh na druthaig dhut. [BREAK IN TAPE] [Òran: Mo Nighean Donn nam Meall-shùilean] [IC:] Mo nighean donn nam meall-shùilean Gur òg thug mi mo ghealladh dhut, Nam faighinn thu le òrdugh clèir Chan iarrainn sprèidh no fearann leat. Mo nighean donn nam meall-shùilean. Chan iarrainn nì air thalamh leat, Chan iarrainn caoraich fhala leat, Chan iarrainn nì [XX] Ach cothrom èirigh ’s laighe leat. Mo nighean donn nam meall-shùilean Gur òg thug mi mo ghealladh dhut, Nam faighinn thu le òrdugh clèir Chan iarrainn sprèidh no fearann leat. Mo nighean donn nam meall-shùilean. Tha gruaimean orm, Tha gruaimean orm, On chiad latha riamh a chuala mi Gun dh’fhalbh thu an t-sràid le fear beag bàn Nach rèiteadh àrd do ghualainnean. Mo nighean donn nam meall-shùilean Gur òg thug mi mo ghealladh dhut, Nam faighinn thu le òrdugh clèir Chan iarrainn sprèidh no fearann leat. Mo nighean donn nam meall-shùilean. Chan eil an còir agam. [BREAK IN TAPE] [Òran: Fàili faili, fàili òro] [UF:] Fàili faili, fàili òro, Fàili faili, fàili òro; Fàili faili, fàili òro, ’S cian nan cian bho dh’fhàg mi Leòdhas. Nuair a rinn am bàta gluasad Leis na solais dhearg is uaine, Dh’fhàg sin m’ inntinn trom fo ghruaimean Siabann nan tonn uain’ ag èirigh. Fàili faili, fàili òro, Fàili faili, fàili òro; Fàili faili, fàili òro, ’S cian nan cian bho dh’fhàg mi Leòdhas. Nuair a chuir iad suas na siùil innt’, Dhùin an cadal air mo shùilean, Nuair a rinn mi rithist dùsgadh B’ fhad bha mi ’s mo rùn bho chèile. Fàili faili, fàili òro, Fàili faili, fàili òro; Fàili faili, fàili òro, ’S cian nan cian bho dh’fhàg mi Leòdhas. Càite, càite, càit’ an téid mi, Nuair a laigheas grian mo Chèitein? Slighe cuain eadar mi ’s m’ eudail, ’S iargaineach mo laighe ’s m’ èirigh. Fàili faili, fàili òro, Fàili faili, fàili òro; Fàili faili, fàili òro, ’S cian nan cian bho dh’fhàg mi Leòdhas. [BREAK IN TAPE] [Òran: Tom an t-Searraich] [DM:] Bha mi ’n tòir air tìr nam beann ’S iomadh sòlas fhuair mi ann; Nuair bha mi air fòrladh thall Chaidh mi dh’ionnsaigh Tom an t-Searraich. Fhuair mi m’ àirigh gheal mo ghràidh Caoraich laigh innt’ len cuid àl; Cagailt a bha caomh is blàth Bha i bàn fo fheur ’s fo raithneach. Teaghlach tiamhaidh, cianail fàs Am baile crìonadh sìos gu làr, Cha robh sgeul air gnìomh mo làmh, Bha gach àrd-doras ri talamh. ’S e mo mhiann aig crìoch mo latha Laighe sìos innt’ le... chiad ghràdh Ann an Lìonagaigh ri tàmh Leabaidh bhàn aig sàil na mara. ...Oh Dhia. [BREAK IN TAPE] [P:] Bheil e air? [TM:] Tha. [Òran: Nam Bàsaicheadh na Boireannaich] [P:] Nam bàsaicheadh na boireannaich ’S e ’n saoghal a bhiodh dona dheth; ’S bhiodh e falamh, fàs Nam bàsaicheadh na boireannaich. Dheidheadh an gaol a nàrachadh Dh’èireadh strì is cànranan, Gun dùisgeadh cogadh measg nan treubhan Is cha bhiodh feum air Pàrlamaid. Nam bàsaicheadh na boireannaich. ’S ò cha chluinnte comhairl’ mhàthraichean No idir glag nan sgàthanan; Dheidheadh luchd nan seud gu Bòrd nam Bochd ’S am bùithtean cosgail fhàsachadh. Nam bàsaicheadh na boireannaich. [BREAK IN TAPE] ...reùbt cò chàireadh i, Nuair thigeadh meirg sna snàthadan? ’S bhiodh gach stamag tric fo leòn, ’S gach còcair’ ’s losgadh-braghad air. Nam bàsaicheadh na boireannaich. ’S air seisean cha bhiodh feum againn, Bhiodh strì am measg nan èildearan; Is bhiodh an Eaglais bochd co-dhiù ’S i sgaoileadh cùirt nan deuconan. Nam bàsaicheadh na boireannaich. ’S ò cò chumadh dlùth cho annsanta ’S a chumadh blàth na seann duine Nuair thigeadh crith bho shìos is shuas ’S a thigeadh fuachd a’ gheamhraidh air? Nam bàsaicheadh na boireannaich. Bhiodh fear le cridhe sgàinteach ann, A thug an gaol d’ a àilleagan, ’S e guidhe làitheil aig a h-uaigh I thighinn a-nuas mar Lasarus. Nam bàsaicheadh na boireannaich ’S e ’n saoghal a bhiodh dona dheth; ’S bhiodh an talamh falamh, fàs Nam bàsaicheadh na boireannaich. [BREAK IN TAPE] [Òran: Mòrag à Dun Bheagan] [T:] Cailin òg dan tug mi luaidh, Air mo bhuadhan fhuair i buaidh, Gus an cairear mi san uaigh, Molaidh mi mo Mhòrag. Ho bhan ’s na ho bhan ò, Ho bhan ’s na hi ho rò, Ho bhan ’s na ho bhan ò, ’S mìlse leam mo Mhòrag. Nuair a shèid mi phort an aoin, Chì mi a h-ìomhaigh anns gach flùir, Bidh na h-eòin a’ brìodail rium, ’S iad a shìor-mholadh Mòraig. Ho bhan ’s na ho bhan ò, Ho bhan ’s na hi ho rò, Ho bhan ’s na ho bhan ò, ’S mìlse leam mo Mhòrag. Togaidh mise do mo ghràidh Bothan beag ri taobh na tràigh ’S ann an Dùn Bheagan nan [XX] ’s nam flath, Pòsaidh mi mo Mhòrag. Ho bhan ’s na ho bhan ò, Ho bhan ’s na hi ho rò, Ho bhan ’s na ho bhan ò, ’S mìlse leam mo Mhòrag. [BREAK IN TAPE] [Òran: Air Moch Diluain (Fàgail Chluaidh)] [UF:] ’S air moch Diluain gum bu trom mo smuaintean ’S mi a’ fàgail Chluaidh, ’s ri cur suas na siùil; ’S mo smuain-s’ air a’ ghruagach a rinn mo bhuaireadh, ’S a dh’fhàg mi luaineach le cainnt a beòil. Air mheadhan oidhche ged b’ ann ga stiùireadh Gur tric mi cuimhneachadh air do dhòigh, ’S mo shùil sa chombaist ga cumail dìreach, ’S an fhairge mhìn-gheal a’ ruith fo sròin. ’S bha thusa ’n uairsin nad chadal suaimhneach Gun guth, a luaidh, gun robh mise beò; ’S fear eil’ an uairsin a’ dèanamh suas riut, Airson an tualeis a thog iad oirnn. Tha gaol gam shàrach is ga mo chràdh-sa, Mar [inneal shàraicht’/?] tha ’n sàs nam fheòil; Gach latha is oidhche ri toirt nam chuimhne An rìbhinn choibhneil air an robh mi ’n tòir. Ma ’s e m’ [XX] a mheall thu, Mhàiri, ’S nach leig an tàmailt leat thighinn nam chòir, Gun tugainn ’s fàinne on [Màiri/?] càch ud, ’S lem dheas-làimh tharraing-s’ i, a ghràidh, mud mheòir. ’S air moch Diluain gum bu trom mo smuaintean ’S mi a’ fàgail Chluaidh, ’s ri cur suas na siùil; ’S mo smuain-s’ air a’ ghruagach a rinn mo bhuaireadh, ’S a dh’fhàg mi luaineach le cainnt a beòil. [BREAK IN TAPE] [Òran: Pòsaidh Ailean] [P:] Ò saoil sibh nach e ’n laochan Ailean, An cuala sibh gun d’ fhuair e leannan, Ged nach robh e mìos on bhaile, Tè gun fhacal Gàidhlig, Ò saoil sibh nach b’ e ’n laochan Ailean. Cha robh i fhèin co-dhiù fhèin ach lurach, Nach robh i eòlach air an dùthaich, Loisg i casan chun na glùine, Dhrùdh i prais bhuntàt’ oirre, Saoil sibh nach b’ e ’n laochan Ailean. Cha robh innt’ co-dhiù ach flirteach, Bha i dèidheil air na fleasgaich, Thug e suas i dhan a’ [XX] Dh’insult i a mhàthair. Ò saoil sibh nach b’ e ’n laochan Ailean. ’S ò thug e suas i dhan a’ phoileas, Sgainneal, bhreug is dìorras conais, ’S ò mar tèid a’ chùis am feabhas, Tha divorce an dàn dhaibh. O saoil sibh nach b’ e ’n laochan Ailean. Cha robh innleachd fon a’ ghrèin aic’ Air an càradh i a lèine, ’S ann a bhiodh i leis an t-èideadh, [Limbic/?] oirr’ na cnàmhan. Saoil sibh nach b’ e ’n laochan Ailean. ’S gur e b’ ainm dhi Catriona, Neo Mary Magaidh Ceit Maria, Isabella, Phillisina, Lisa MacFarlane Ò saoil sibh nach b’ e ’n laochan Ailean, An cuala sibh gun d’ fhuair e leannan, Ged nach robh e mìos on bhaile, Tè gun fhacal Gàidhlig, Ò saoil sibh nach b’ e ’n laochan Ailean. [BREAK IN TAPE] [Òran: A Rìbhinn A Bheil Cuimhn’ Agad] [UF:] A rìbhinn a bheil cuimhn’ agad ’S a ghruagach dhonn an cluinn thu mi? A rìbhinn a bheil cuimhn’ agad An oidhche mus do sheòl sinn? Tha mi falbh Diciadain bhuat ’S chan fhaicear thus’ airson bliadhna mi, ’S feuch mus dèan an cianalas Do liathadh ged is òg mi. A rìbhinn a bheil cuimhn’ agad ’S a ghruagach dhonn an cluinn thu mi? A rìbhinn a bheil cuimhn’ agad An oidhche mus do sheòl sinn? Ged ’s fhada, ’s fhada thall tha– [BREAK IN TAPE UNTIL 33:29] [Òran: Sùthan ’s Am Peile] [T:] ’S tha Sùthan ’s am peile ’s an t-slat air a dhruim. ’S ann siud bha an sgiobadh air ocean-going clipper ’s e Sùthan an sgiobair ’s e ’n cunnart a bh’ innt'. Tha Sùthan ’s am peile ’s an t-slat air a dhruim. Bu treun bha na gaisgich, Sweep ’s Angaidh Racaidh, h-uile fear ’s e cho tapaidh ri snèipean na Caimb. Tha Sùthan ’s am peile ’s an t-slat air a dhruim. Calum [Nidsidh/?] an [XX], Gun robh àm bhios e sòbarr’, Fada [XX] bidh e ’n glacadh ’S bidh an t-slat aige ann. Tha Sùthan ’s am peile ’s an t-slat air a dhruim. Ailean Ins ’s tu tha sona, tha sròin ort mar sgona ach cumaidh tu dol iad fhad ’s bhios tu ri seinn. Tha Sùthan ’s am peile ’s an t-slat air a dhruim. ’S o Shùghain an dòlais, sa bhothan gheibh sòlas Bidh fàileadh a’ chnòdain an-còmhnaidh gad chlaoidh. Tha Sùthan ’s am peile ’s an t-slat air a dhruim. ’S ò [Loidsidh/?] cho breugach, air do bhriogais tha reubadh, ’s tu ’g ràdh d’ fhuair thu cearban Làn a’ Mheallaist an-raoir. Tha Sùthan ’s am peile ’s an t-slat air a dhruim. Ailean Ins ’s e cho spaideil le lèine bhrèagha gheal air Forty pounds air a broilleach ’s New York air a druim. Tha Sùthan ’s am peile ’s an t-slat air a dhruim. O Sweep, ’s tu tha cleachdach air saoidhean led bhracaist gun tòisich do chraiceann a’ tionndadh na sgrum. Tha Sùthan ’s am peile ’s an t-slat air a dhruim. Ach a dhìol, tha mi duilich, Tha ’n t-iasg nis air ruithear, ’S cha thill iad chaoidh tuilleadh, Gum bi ’n cunnart air [XX]. Tha Sùthan a-nis leis a’ pheile ma cheann. [BREAK IN TAPE] [Òran: Pòsadh a’ Phullaidh] [T:] An cuala sibh naidheachd a thàinig dhan bhaile A’ chailleach ’n ath dhoras a’ pòsadh Dimàirt, Bodach beag greannach an t-sròin aig is car innt’ Briogais bhòlaisgean gheal air ’s gun bonn na chuid bhròig. Dh’inns i dhomh fhìn e mar phroposaig e dhìth-se Air madainn Dihaoine ’s e bleoghann na bà, Bha i ’g iarraidh a’ bhainne an dèidh na coinneamh Nuair thuirt e cho bonnail “Von am pòs thu mi ghràidh?” Thuirt i ’s i sealltainn, “Tha fhios ’ad nach diùltainn” ’S rug i air cheann air is thug i dhà pòg, Bidh veil orm mar banrègh a’ slaodadh an làr Is bidh thusa bhom ghàirdean when walking the aisle. Ach thàinig an latha is suas leòtha an rathad Free Church of Scotland chiad stop aig na seòid, Bha ise cho snasail le dreasa mhòr gheal oirr’ ’S am bodach beag greannach le trusgan de chlò. ’N dèidh an t-seirbheis dhol seachad chaidh iadsan sìos dhachaigh An confetti tighinn thairis man frasan na dròbh, Na searbhantan cruinn ac’ son riaghladh na bainnse Le prais air gach slabhraidh ’s gu leòr ann ri òl. Ach thàinig an èigheachd na fhuair invitation H-uile fear le thè fhèin suidhe timcheall a’ bhòrd, Ag ithe nan cearcan, rich tea is cream crackers ’S am bodach le acras ’s e gal ’s e fo bhròn. [BREAK IN TAPE] [Òran: Smùid Bliadhn’ Ùire] [T:] ’S chaidh mi oidhch’ dhan an Temple ud Disathairn’ latha na dròbh’, Gu robh ann de bhalaich gasta ann ’s halves aca dhen òl, Cha deach mise faisg oir shuidh mi aig a’ bhòrd Ach thàinig iad a-nall is abair thusa seòid! Bha fear aca seòladh gu h-àrd air bhàrr nan tonn, Fear eile ’s e [XX] man a’ ruith bho chlobhs gu clobhs, Fear eile ’s e cho pròiseil, bha e dreist’ man prionns’, ’S thuirt e rium sa Ghàidhlig: “Drinks are on the house!” ’S nuair a thigeadh round do [XX] orains is de leann, Cha robh math dhomh diùltadh triùir bha os mo chionn, Thèideadh an uairsin exports, uisge-beatha ’s sùgh, ’S man tàinig half past nine bha ’n Caimbeulach le smùid. Nuair thàinig àm bhith dùnadh, carry-out chan fhaigh ’s cha d’ fhuair, Nuair bhualadh [XX] san doras mi, bha Glaschu dol mun cuairt, Chaidh sinn chun a’ chèilidh, faireachdainn cho grinn, ’S mun tàinig deireadh oidhch’ bha mise shuas a’ seinn. Ach sa mhadainn làrna-mhàireach, bha cùisean dol mar bha, Crith tighinn na mo ghlùinean is cho tioram bha mo [XX], A’ chailleach ’s i ri ’g èigheach [XX] cha robh agam dùrd, ’S e bh’ orm a’ [XX], hangover bliadhn’ ùire. Rinn mise ’n uairsin bòid nach deidhinn-sa gu bràth A-steach a thaighean-òsta mar a bhios càch, ’S ma chì mi balaich òg’ ann togaidh mi mo làmh, “Stick to Coca-Cola ’s bidh tu beò gu bràth!” [BREAK IN TAPE] [Òran: O Nach Àghmhor] [UF:] O nach àghmhor a-nis bhith fàgail An t-àite tàmh seo ’s bhith dol a sheòladh; Le cridhe suairce bidh mi ri gluasad Gu eilean suaircneach nan cruachan mònach. Fhuair mi m’ àrach am baile Lìonail, A laigheas sgiamhach an Eilean Leòdhais, ’S a dh’aindeoin bòidhchead gach àit’ na thriall mi Gur ann a dh’iarrainn gu siorraidh còmhnaidh. Tha Mùirneag ainmeil is beanntan Bharabhais, Nuair nì thu falbh às chì thu mar cheò iad; Tha iad gu h-àirde os cionn gach àite, ’S taigh-solais latha iad don bhàt’ tha seòladh. Nì mi co-dhùnadh an duanaig fhaoin seo Le mìle dùrachd gu dùthaich m’ eòlais; Is ma bhios cùisean dol mar a lùiginn Bidh mi ri stiùireadh mo chùrs’ a Leòdhas. [BREAK IN TAPE] [Òran: Rollin’ in the Heather] [UF:] Rollin’ in the heather with you, my darling, Rollin’ in the heather with you, my love, Rollin’ in the heather, no matter what the weather, When a Hielan’ laddie falls in love, Hielan’ laddie falls in love. I’ve a lassie from Killiecrankie, And she loves me such a lot, And she knows I’m not a Yankee ’Cause the kilt is all I’ve got, ’Cause the kilt is all I’ve got! When I’m dancing through the heather With the lassie from the Isle of Skye, And our arms are linked together, What a braw, braw lad am I, What a braw, braw lad am I! When we’re dancing and romacing, Where the pine-woods kiss the moon, Yes we’ll always dance together To a little rockin’ tune, To a little rockin’ tune. Rollin’ in the heather with you, my darling, Rollin’ in the heather with you, my love, Rollin’ in the heather, no matter what the weather, When a Hielan’ laddie falls in love, Hielan’ laddie falls in love. [BREAK IN TAPE] [Òran: Aoir an Rodain] [P:] ’S o hò rò rodain ’s na hò hò rò èile O hò rò rodain ’s na hò hò rò èile O hò rò rodain ’s na hò hò rò èile Is gòrach an t-astar gun tàinig tu chèilidh. ’S a rodain mhic ghobaich tha crostadh san t-arbhar, Is dubh ga do chroit ma thèid ‘Topsy’ a shealg ort; Cha teàrn do luath chas thu, no idir toll balla, Gum bi e air d’ amhaich ’s gu grad ga do mharbhadh. ’S nach ann ort bha ’n dalladh ’s an t-amaideas mòr Nuair bu chòir dhut, a bhraidein, bhith tagradh son tròcair; Tha strap aig a’ chaillich ’s mur dèan i do ghlacadh Chan fhàg an cat glas air an talamh seo beò thu. ’S ò ’s na... oh, dash it. Dè chuir, a bhròinein, thu a’ spògail an t-astar, ’S a liuthad àit’ tha ’n Eòrapaidh mòran nas beartaich’? ’S nach iarradh tu shòlas ach biadh baile mòr Bhith fo d’ fhiacail na shròicean ’s do bheòshlaint bhith ’n-asgaidh. ’S nan gabhadh tu mo chomhairl’ ’s ann a thogadh tu d’ imrich, ’S dh’fhàgadh tu sabhal gu h-obann ’s gu h-iomlan; B’ fheàrr dhut bhith bochd ann an stòras ’s an codach Na tòrr bhith nad sporan ’s tu togairt ri tiomnadh. Sin dh’fhàsadh tu reamhar ’s tu cagnadh na thàrradh tu, Is fàileadh a’ bhragsaidh bho d’ anail, a mhèirlich; Bhiodh òirleach do shaill na do dhruim agus clais ann, Cho dùint’ ann am bloinig ris a’ Ghaisean an Tàbost. ’S mura còrd bail’ an t-siabainn riut ’s ciatach dhut fhàgail Is chomhairlichinn-s’ riag a thoirt sìos an Cnoc Àrd dhut; ’S mura stad thu sa Phort na bi crost’ ann an Lìonal, Tha ’m Poileas cho geur ort is dèan às a Thàbost. ’S ma bha na do bheachd tè thoirt dhachaigh ri pòsadh, Tha pailteas dhiubh an Adabroc ’s deallan an Eòradal; ’S mas e tè leòmach i ’s còir dhut a mealladh, Tha Sgiogarstaidh pailt annt’ ’s gabh tarsainn a’ mhòin’ ann. Na mas àill leat do chuairt a thoirt suas, na gabh fasgadh An Cros no an Suaineabost, buannaich na Dailean; ’S ma ruigeas do spionnadh air, crìochnaich do thuras Am measg nam mòr-chuideachd sa mhuilinn aig Ailig. Ach ’s ann ormsa bha ’n t-amaideas teannadh gad aoireadh Agus fhios am nach caraich do chas às an t-seann taigh; ’S mun ith thu na dh’fhàs dhomh do phòr às an talamh Bidh peinnsean nan stampaichean agadsa, a chaomhain. O hò rò rodain. [BREAK IN TAPE] [P:] Eil e air? [TM:] Tha, tha. [Òran: Cruach Mhònach Scotty] Ò thug mi sgrìob a Dhail Dimàirt Thoirt mòine às na geàrraidh nuas Chuideachadh le sgiobadh Màiri, Lìonadh làraidh, ’s aig a’ chruaich. ’S ann ri dol timcheall man na lùbadh Dhearc mo shùil air cùis mo dhàin, Dh’èirich m’ fhalt is ghais mo ghlùinean, ’S dh’fhalbh mo lùth, bha crith nam chnàmh. ’S an t-adhbhar a thug bhuam mo mhisneachd, Famhair ann an ìslig bàis, ’S aig cho mòr ’s a bha a’ cheann-crìche Dh’fhàg iad sìnt’ i air a’ bhlàr. ’S o mu thaigh Dhòdu ghabh mi bràighe, ’S ràinig mi gun dàil nam cheum; Leig mi m’ uirsgeulan ri Màiri, ’S rinn i gàire ri mo sgeul. “’S o amadain gun chonn gun stòladh, Cha robh ’n còrr ri iarraidh ort, ’S gur e sin ach a’ chruach mhònach A rinn Tòmas dhan an Scot.” ’S o tuaireapadh air làmhan luideach Rinn an iorapais gun diù, Cha do sheall iad tùr no tulchais ’S dh’fhàg iad luideach i co-dhiù. ’S o ’s ann le rùn gean-maith don caraid Nach deach taisealadh na sròin, Fàdan mòra pròiceach taise Dh’fheumadh abachadh gu leòr. “’S o nì sinn riaghan caol” thuirt Ailean, “Ged a bhiodh i fada sìnt’, Mar cuir gaoth is grian a tail i, Cha tig srad aist’ ann an tìm.” ’S o thàinig Alasdair air a làraidh, Cha b’ ann sàmhach, ach na ghlòir, Chluinnt’ èigheachd aig taigh Thàididh Dol na dhràgan ri na seòid. “’S o leudaichibh a-mach am beul aic’ Chlann a’ riabhaich tha sibh ann, Nach dèan gnothaich ceart no ciallach, Ach car fiaradh agus càm.” ’S o thug e an uair sin dhaibh na tòimhsean, Trì ceum coise, ’s h-abair leud, ’S gann nach deach e às a losaid Aig cho farsaing ’s a bha sgiab. ’S o chaidh Cairistìona bhochd air mhiapadh ’S beag an t-iongnadh siud am pàist’, ’N dreamaisg ud le chasan sgaipte, ’S e ri siamaich na chùis-ghràin. ’S o cha b’ ann snasail dh’fhàs an còrr dhith, Bha cus chòcairean na ceann, Leudaich, dh’àrdaich, dhruid is ghròb iad A’ chruach mhònach bun-os-cionn. ’S o beannachd aig na bodaich chòir A rinn an tòrr gun dòigh gun tùr, Ailean, Murchadh beag is Tòmas, ’S guma fada beò an triùir. ’S o earail bheag a-nis ’s a’ chrìoch dhuibh, Los gun dhìochuimhnich mi tòrr, Faicibh Màiri na Cairistìona, ’S bheir iad sgeul dhuibh air a’ chòrr. Seo ma tha. [BREAK IN TAPE] [Òran: ’S hò ro ’s e mo rùn am bothan] [P:] ’S hò ro ’s e mo rùn am bothan, Sùrdail iad na chaidh a thogail, Hò ro ’s e mo rùn am bothan, ’S togarrach na [cheangal/?] sinn. Chuir fir a’ bhaile an cinn ri chèile, Feuchainn an robh dòigh fo reusan Air an cuireadh ri chèile Bothan cèilidh geamhraidh. Chaidh na fir gu grunnd a’ sporrain, Dh’fheuchainn an robh bonn na chòrr ann, ’S mus do thionail iad na [dhòrnaig/?] ’S iomadh pocaid lom ac’. ’S o... bha sreath air balla ’s brag aig saoradh, Càradh [XX], cleithean [taobhain/?], Dh’fhàg iad iomadh [XX] Na shlaod iad thuige [XX]. ’S chaidh cuid gu smùideag air a’ bhalla ’S cuid ga shaoradh le na spaidean, H-uile fear an [XX] ’S clach cha robh sa stampadh. ’S chan eil cunntas son an eachdraidh, Eaglais, teampall, taigh neo caisteal, A thogail ann an leth na seachdain, ’S òrdugh, mais is loinn air. ’S chan eil càil nach eil sa bhothan, Balla bàn gu h-àrd is [bolt/?] air, Beingean, preasaichean is bòrd, A’ cur [lònach/?], stòl is lamp air. ’S cha robh bodach air an t-astar Nach robh tighinn a ghabhail beachd air, H-uile fear aca gun fhacal, “Fhearaibh, ’s math an ceann air.” ’S o cha robh cailleach anns an nàbachd Nach robh beannachadh na fàrdaich Tè bho thè dhiubh cur na fàdan “Fhearaibh, càit’ eil an t-slabhraidh?” ’S o thig na gruagaichean don t-èibhill Steach an tuagh don taigh-chèilidh Bothan truagh gun phoit air èibhill, B’ fheumail tè bhith ann dhiubh. ’S mas faram neo [XX] am bàistidh, Cha tuig sinn ach rud a chleachd sinn, ’S ceart neo cearbach ainm gach mac, Thèid aithris anns an rann seo. Bill, an Stingear, [Pot/?] ’s am bodach, Spilt is Peter [XX], [Molt is Iseag/?] ’s am Bocsair, Mogaran ’s an Kaiser. Kenny, Briogaisean is [Dealan/?], Muncaidh, Pullaidh, Iain ’s an Barrack, Calum [Chruthail/?], [Lastaig/?] Ailean, Capallan is Angaidh. ’S o [XX] an [XX] [...] man a bhith don Seòras, ’S twenty an ceàrdnach is Geordie, [XX] is [Puinnse/?]. ’S o guma fada bhios an còmhlan Cruinn air being mu theine-mònadh, Gum fada, fada ’s beò sibh, ’S ceò a’s an taigh-geamhraidh. ’S hò ro ’s e mo rùn am bothan, Sùrdail iad na chaidh a thogail, Hò ro ’s e mo rùn am bothan, ’S togarrach na [cheangal/?] sinn. Seo ma tha. [BREAK IN TAPE] [T:] Siud an-sin a’ Bhothan aig m’ athair ga sheinn. Seo mis’ a’ dol a sheinn òran mun a’ bhothain ùir’. [Òran: Òran a’ Bhothain Ùire] ’S e bothain beag na h-èiginn an Suaineabost, am baile seo, A thog sinn airson cèilidh le lèig an tac a’ bhall’ aige, Tha loch air cùl na geibheal, bùrn èirigh am pailteas innt’, Ma thèid thu dhan an leig ud, chan èirich thu gu samhail aist’. ’S an uair chuir iad clach-stèidhidh, bu sgiobalt’ chaidh a chlachaireachd, Beagan de foundation ’s bu treun a bha na ballaichean, Chaidh ceann air a bha able le sreath de felt Bùth Ailein air, ’S na ballaichean a’ lìnigeadh le sheetichean de phlasterboard. ’S thàinig làraidh Sheòrais à Steòrnabhagh dhan bhail’ againn, Baraillean gu leòr ann ’s gu sgiobalt’ chaidh an tap a bh’ air, Chaidh na glainnichean a lìonadh ’s bha sruplaich air na h-amhaichean, Ged tha tiormachd as an àit’ seo cha bhàsaich thu le dram’ agad. ’S bha Kenny le bheul sàsach a’ gàireachdainn ’s a’ lachanaich, Bha Mogaran is Pàdraig, Spilt grànnda chur an teine air, Dòmhnall Nèill a bha na bharman a’ sìneadh suas nan glainneachan, Iain Mob an charge-hand, an airgead ann am pana aige. ’S bha Sith’-bheag an seòladair, dh’òl e iomadh barail ann, Bha Nounie le meileòidian a’ cluiche mar a b’ aithne dha, Bha Geobles mòr a Bhuoy, an uisge-beatha tighinn thairis air, Iain Ghlen ’s a’ Phleòtag gu spòrsail a’ fanaid air. Thàing sin Iain Ròigean a tha ’n còmhnaidh na choigreach ann, Thòisich e ri ’g ùrnaigh ’s chuir e smùid air a’ Mhogaran, Sheinneadh e Fil-ò-ro is chuireadh e a chadal iad, Chan eil an leithid ann ach Loisidh bho Dhail bho Dheas gu Adabroc. ’S bha Stingear as a’ chòrnair, bu bhòidheach an sealladh e, Bha ’m Briogaisean is Geordie nan suidhe ris an doras ann, Bha Uilleam Chaluim Rèilidh, cha robh e airson caithris ann, Ach nuair rinn e airson èirigh, nochd Jock Troop le gad aige. Chosg e iomadh gàire a’ fàilt’ chur Ceitidh Chailein air, ’S chanadh an uair sin Pàdraig, “Iain nach reic thu a’ gharaids rium”, Fhreagradh Iain cho smàbail, “Thalla ’s thoir taigh na galla ort,” ’S Kenny le grèim air mhàs air ag èigheachd, “Cuiribh teine ris.” Ach tha mi nis ga fhàgail an dùil gu bheil e maireannach, Chaidh iomadh pinnt bhon uair sin òl ri taobh an teine ud, ’S cuimhnich sibhse chàirdean, a chaoidh ma thig am pathadh ort, Bothan Shuaineaboist d’ àite, a ghabhail slàinte nam balaich ann. [BREAK IN TAPE] [Unidentified tunes on the melodeon until 1:04:30] [BREAK IN TAPE] [Òran: Geòla Iain Thormoid] [T:] ’S tha na deargadan a shuidhe ri na geòidh, An geòl’ Iain Thormoid, an geòl’ Iain Thormoid, ’S tha na deargadan a shuidhe ri na geòidh, An geòl’ Iain Thormoid, an geòl’ Iain Thormoid. Chunna mise madadh-allaidh ’s mhàg’ aige na bheul, An geòl’ Iain Thormoid, an geòl’ Iain Thormoid, Chunna mise madadh-allaidh ’s mhàg’ aige na bheul, An geòl’ Iain Thormoid, an geòl’ Iain Thormoid. Fionnlagh is Seòras Ailein, amadain gun chiall, An geòl’ Iain Thormoid, an geòl’ Iain Thormoid, Fionnlagh is Seòras Ailein, amadain gun chiall, An geòl’ Iain Thormoid, an geòl’ Iain Thormoid. Chunna mise rud a [XX] snot aige na bheul, An geòl’ Iain Thormoid, an geòl’ Iain Thormoid, Chunna mise rud a [XX] snot aige na bheul, An geòl’ Iain Thormoid, an geòl’ Iain Thormoid. Duine beag aig Seòras– [laughter] [TM:] Greas ort, [XX]. [T:] Duine beag aig Mòrag Ailein, ’s e ga chur an fhidheall, Ann an geòl’ Iain Thormoid, an geòl’ Iain Thormoid, Duine beag aig– [faulter and laughter] Duine beag aig Mòrag Ailein, ’s e ga chur an fhidheall, Ann an geòl’ Iain Thormoid, an geòl’ Iain Thormoid. Tha na deargadan a shuidhe ri na geòidh, An geòl’ Iain Thormoid, an geòl’ Iain Thormoid, Tha na deargadan a shuidhe ri na geòidh, An geòl’ Iain Thormoid, an geòl’ Iain Thormoid. ’S bha gaol a’ chlann-nighean air a’ [XX] a bh’ aig Niall, An geòl’ Iain Thormoid, an geòl’ Iain Thormoid, ’S bha gaol a’ chlann-nighean air a’ [XX] a bh’ aig Niall, An geòl’ Iain Thormoid, an geòl’ Iain Thormoid. Tha na deargadan a shuidhe ri na geòidh, An geòl’ Iain Thormoid, an geòl’ Iain Thormoid, Tha na deargadan a shuidhe ri na geòidh, Ann am [XX] Dhòmhnaill Iain Thormoid, am [XX] Dhòmhnaill Iain Thormoid. [BREAK IN TAPE] [Cat a’ dèanamh bìogail gu 1:06:53] [END OF TAPE]