[DA 1] SEARMOIN DO MHNAI’ CHUAIDH A SGRIOBHADH ANN SA BHLIADHNA 1795. LE D. CRAUFORD, Min’. ’S Fear-cuidich Minisdeir Chille-moire ann an Arrain. “IN VIRTUTE DECUS.” ANN AN SUBHAILCEAN THA MAIS. Air na cuir chum dealbh leubhaidh le SEUMAS GILLIES, Fear-reic. Leabhraichean ann Glas-gho, 1795. [DA 2] [Blank] [DA 3] Focal no dha do luchd amhairc. MA tha ni sa bith ann is an t searmoin so, airidh air toirt fa’near, cha ’n eagal nach faic an luchd leabhaidh iad fein e luath gu leor, is mar bheil, cha bhiodh ann mo mholadh-sa air a chuid is fearr ach bun’char fochaid. Coigreich cha ghabh iad mo bhriathra’sa mar fhirinn iomlan, no mar riaghailt cheart freagarrach do ’m barail fein. Bha mi aig amhairc mu’m thimchioll air son urra ainmeil; te eigin a dheanamh a h ainm cliutach air a lughad dion a thoirt do ’m oirp neo’ fho’lumte, agus lainneir thaitneach a sgaoileadh air gach laimh; smuainteich mi ’ris nach lughaid gu ’n abradh luchd fanoid nach robh tuillidh dreach na cuideachd ach an t ainm fo’ainteach a bha na toiseach, leis a sin chuir mi romham mar robh ri teachd am cho’ail ach mi-chliu an lorg mo shaothair, gu b’ fhearr leam fein fhu’lang, no idir tairgse a roinn ri neach a bha neo’ chiontach, is nach robh air mhodh sa bith ga thoilltin; feadaidh ē bith gu ’n abair feodhain eile; “is ioma fear gaelic snasmhor aig am bheil uirigiol fionalta, cainnt dheas, agus conaltradh, sgiolta tha gu mor na’s iomchuidhe air son a leithid so na tha thusa:” ris an t seorse so cha ’n abair mi gu bheil iad mi-mho’eil na mearrachdach, aontaichidh mi leo anns an fhirinn, oir tha chuis gun amh’rus mar sin: Ge do tha i air an doigh so, cha’n e, iadsan is mo tuigse [DA 4] agus ionnsachadh, is luaithe gu cronacha; oir tha suairceas daonnan ceanguilte ri inmhe ann an eolas, agus ann an cumantas is iad an dream is lugha tuigse is mo’ gheibh do dh’ fhaillinnibh agus is deidheile air a thoir. Ise tha aig miannacha’ bhi smachdail ann an subhailce, is grinneas giulain cha ’n ’eil mise aig saoiltin gur droch sheola dhi’ idir an t searmoin so; is ma gheibh an te ghlic, choir, treis agus cuideacha ann an samhlacha’ sa bith le ’m oirp, cha ’n amhairc mi air mo shaothair ann an diomhanas, no mo phaidheadh bhi do chuineadh gun eifeachd. A bhean chēillidh, gheanmuidh a thoirt chum sealla measail, anns gach aite an taisbein i h eudan, chum feodhain eile bhrosnacha’ gu gluasachd na slighe, is a h eisempleir a leanmhuin; is togra glan so cia sa bith mar bhios an t saothair air na criochnachadh, se so an run a dhuisg m’ aigne san am; agus gun amh’rus si mo ghuidhe dhurachdach i bhi air na fagail torach le beannacha’ Dhia. [TD 1] [Taobh-duilleig v san leabhar fhèin] An apology is necessary for the following dedication; as I mentioned in the preface, it was not intended, being not personally acquainted with the amiable character I have chosen for my patroness, when this sermon was composed. But all, who have the pleasure to know her, will applaud my taste, and say, my choice was judiciously directed. [TD 2] [Taobh-duilleig vi san leabhar fhèin] Do Bhaintighearna na Cour ann an Ceantire. ’N UAIR a sgriobh mi an t searmoin so dh’ fheadain iomradh a chluintin air ar ’n ainm ach cha robh m’ eolas aig dol n[?] is faide; o chionn beagan miosan, le mo shuillean is le mo chluasan fein chuala i[s] chunnaic mi comhara ni bu leor air fionaltachd ar dealbh, uime sin le m’ uille chridh thionndaigh mi mo shealladh oirbhse ma[?] aon a tha do rireadh ann an seilbh air subhailcean neo-chumanta, agus mar bhun’cha[?] dion do ’m oirp neo-fho’lumte: cha ’n ann amhain o ’n fhine mheasail, ainmeil o ’n d’ thainig sibh fein, no an teaghlach suairc ri[?] am bheil sibh ceanguilte, ach air son inmh[?] is mo na iad so a roghnuich mi sibh, air son soilleirachd inntin nach ’eil a leithid daonnan ra fhaicsin; snasmhorachd tuigse neo-chumanta, is air son ar deagh bheusan: Cha ’n ann o ’m bharail fein amhain a tha balla ai[r] cliu air na thogail, na tha mi gu h iomlan aig labhairt, ach o mhola’ is deagh iomra Ministeir air sgireachd fein, agus o shao[?] aontacha’ na ’n uile do ’n aithne sibh; Ge do bhiodh an t iomlan do asdar ar beatha air a leabhadh, ’s i mo bharail gun amh’ru[s] nach duisgeadh cuid no fosgla’ do ’n rannsacha’ trioblaid ’n ar brollach no nāire ’n a[?] gruaidh. Am maitheas cridhe anns an robh sibh daonnan co beartach tha dochus agam gu bi’ cuid dheth air a roinn riumsa cuideachd [TD 3] [Taobh-duilleig vii san leabhar fhèin] agus sin le sealtuin seachad air dio-bhail m’eolas ma is dio eolais ē ann ar ’n ainm a chur suas mar thearman do mo shaothair anmhan, gun urrad is air cead idhruidh na fhaotain. Gu meal sibh fein, is ar companach, solas gun choimeasg sa bith do amh’ar agus seilbh shaibhir air sonas siorruidh si so guidhe dhurachdach ar seirbheiseach umhal, D. CRAUFORD. [TD 4] [Blank] [TD 5] Leabhar focail ghlic Sholaimh. Caib. xiv. 1. BEAN ghlic togaidh i a tigh, ach an amid bu mhiann le mhilleadh le na laimh-aibh. Se dleasdanas fir theagaisg beachd a ghabhail air giulan gach seorsa, air mnaibh air uairbh co maith ri fir, diomhaireachd a chridhe a thoirt fanear, ’sa rannsachadh le cuid do churam chum ’s gu biodh ē comasach air a leughadh a thaisbeanadh ann an dathannan iomchuidh fein. Cad nach ’eil mo thuigse no ’m eolas freagarach do ’n ghniomh dheacaire, oir gu cinnteach tha duilleagan folachaidh a chridhe cruaidh ran tuigsin, tha barrachd foghlum ’sa chuaidh luidheasachadh ormsa ro fheumail chum am brigh chuir ann an sealladh taitneach, ’s chum buannachd an luchd eisdeachd, cad nach tig m’oirp air mhodh sa bith air aghaidh le neart mo rūin ’n uair a tha mi aig tairgse subhailce a thoirt chum seallidh, no fhoillseachaidh na sgeudachadh fionalta fein; agus dubhailce a rusgadh da foill, le na leigin fhaicsin ann a dealbh diblidh, fuidh mhithlachd ’s mi mhaise; uallach saraichte ra ghiulan, gidh- [TD 6] eadh tha mo thogradh aig innseadh, nam biodh mo shoilleirachd na b’ iomlain no mo pheann ni’s snasmhoire gu’m biodh iad ullamh chum mo thoil fhoilseachadh leis an umhlachd cheudna. Bean ghlic togaidh i tigh, tha na briathra so co maiseach annta fein, air na ’n cean-gal co dreachail ra cheile as gu n’ ann a dheanamh eidirdheallachadh sa ’m bith am maise lughdachadh, ann an aite cur ra ’m fionaltachd. Bhidh searmonachadh air mnaibh tha ra rireadh na ’n creideas do ’n aidmheil, na ’n aobhar gairdeachais aig an duiche, cairdean, ’s luchd eolas, air son an deadh ghiulan ’s fonnmhuireachd am beathaidh, ca do tha a leithid so a chleachduin a nis na ni nuadh ma rannasachas sinn na sgriobhtairean le bheag idir do thairt fanear, cha d’ theid sinn fada air bhur ’naghaidh nuair a chi sinn coduchagh gu leor ’s bunnachar air son teagaisg mar so: amhaircibh air an Litir chum na Romhanaich, caib. xvi. 1. Molam dhuibh, Phebe air Piuthair, neach tha na searbhanta do’n Eaglais ta ann an Cenchrea, chum ’s gu gabhadh sibh ria san Tighearna mar ’s cubhaidh do naoimh, ’s gu deanadh sibh cuideachadh le ann ’s gach gnothach sonnruighte ’s am biodh feum aice air bhur toirt fanear, oir rinn i fein cuideachadh le moran, agus leam sa fos, cuiribh failt air Persis noch ’s ionmhuin leamsa ra rireadh oir shaothridh i gu ro mhor ana nithe cliutach. Lūcas caib. xxi. 30. Na biodh gealtachd ortsa a[?] [TD 7] Mhaire, oir fhuair thu caoimhneas maille ri Dia, Dh’ainmisich mi na nithe so a leigeadh fhaicsin a meas a bha air mnaibh, bannoil ciuin, meassara, fonmhor, ann an suidheachadh nan sgriobtairean; agus cha ’n ann an sin amhain ach mar an gceudna an ’s gach ionad, Duiche, no cearna do dhuiche, far am bheil an seorsa, saoidheil urramach ra fhaicsin, cha ’n eil cusboir sa chruitheachd a theid air thoiseachd, no ra shamhlachadh ri bean mhoghar, cheannsuighte, riaghailteach dhiadhaidh, tha i gun amh’rus ann am meas aig Dia, ann an tlachd aig daoine, na honoir da creideamh, na cliu da h’ainm, na huaill da cairdean ’s na deadh eisimpleir sa choimhearsnachd ma tim-choill. A Bhean ghlic togaidh i Tigh. Ma ’n toisich i air gnothach sa ’m bith sonnruighte, no cudthromach, gluaisidh i air bunnachar cinnteach sabhailte, cha toir i ceum, no leum, bairigh, no amidach, cha chuir i laimh gu hobain ri gniomh gun sult amhaircidh i thall ’sa bhos, roimpa ’s na deigh smuainteachaidh i car tumuill barrachd ’sa labhrus i, le foighidin, ciuineas ’s tuigse, ceasnachaidh i brigh, ’s buannachd gach rioch thig an sealladh le toirt fanear ’s cnuasachd; feuchaidh i cia na subhailcean tha na ’n cuideachd, co dhiu ’s mo tha do threimhdhireas, no sgail bhreige ann an ceangul riu; ’m am fregair i an canmhuin, ma’n eisd, i an guth; no ma ’n smuaintigh i gluasachd na [TD 8] ’n cuideachd, ann an sin, nuair a chi i le rannsachadh ann’s gach sealladh agus fosgladh, gu bheil a sonnas fein soilleir gu leoir ra leughadh, ann ’s ghniomh a tha na rūn, cha bhi moil urra ni’s faide, no cunart aig dusgadh gealtachd, tha lan thoil a cridhe lē, tha togradh gu huillidh beo, cha nē ’mhain chum toiseachadh air a chusboir tha aig beathachadh a miann, ach mar an gceudn’ a chuir crioch aluinn: thaitneach air a ghnothach ainmeil a tha i gabhail ann an laimh, tha breathnacha na mna glic so airigh air toirt fanear, tha i gu folachaidh aig reusonachadh ria fein mu ’m bheil i aig foillseachadh a togra do neach sam bith, toiseachduin air ni nach eil daith-oil cha ’n ’eil a lithid so a ghniomh aig brath ach intin bhairigh, a tha daonan air na leanmhuin le ach’asan daor; inntreadh air gniomh nach eil mo storas, no mo Thuigse iomuchudh air shon, cha ’n ’eil ann ach leth obair a bhios air na fhagail mar chomhartha soilleir air amideachd, ’s na bhunchar fanoid do luchd an rathaid; ach a bhean ghlic so charruich i amharus gach cunart air falbh, ma ’n dfhuair aon neach sgeul no fios a h oirp, chauidh i steach gu huaigneach na seomar, dh’fheuch i air thus an tsuim a chosdadh an tiomlan, ma ’n do labhair i ri luchd oibre, ma ’n do cheannuich i ni sa bith no ma ’n do leag i am bunchar, chunt i rist a cuid airgid fein, bha ’n ceum so tearuinte, theich an sin gach doille ’s [TD 9] gealtachd le deithfir air falbh, chunnaic [?] gu raibh pailteas aice chum a h obair a ghiulan air aghaidh gun mhoran moill, thoisich i leis an tuigse, bha ’n gniomh na sealladh gu soilleir aig lorgaireachd, bha [?] firinneach, furachair, faicileach, bunailteach na gnothach; cusboirean faoin di-measoil, cha do ghreimich air a h inntin, cha d’ intir i leo ann an connadal, ’s cha d’ aom ann’s an tomhas ’s lugha ’h aigne on a chuis churamach, gus an d’ thug i an t iomlan gu crioch onorach; ’n uair a chunnaic i gu robh an dealbh taitneach, cha do cheil i an sin a rūn, gun dail bha ’m fod-seilbh gu ’h eallamh soilleir air na chomharacha; an cruth gu daithoil, freagrarach ra fhaicsin, ’s am bunchar air a leagail le gliocas, bha aon phonc airighte an sin air na bhuidhin, thoisich an obair le coslas maith, leis sin cha robh soirbheachadh agoil air mhodh sa bith, a bhean cheillidh so cha do stad a saothair uile leis so bha i fein air uairibh aig toirt suil fhurachair air an obair, curamach chum na clachan ’s am fiodh a bhi reir a cheile reidh fionalta don ’n aon seorta. Faic a bhean ghlic so aig teachd gu laitheil a dh’ fheuchain a luchd oibre, cluinnibh a briathra suairce, oir tha i gu tric ga ’n cur air am mothacha le earrail laidir gun failneachadh sa bith bhi na ’n saothair, aig innseadh dhoibh iad a thoirt an aire do bhrigh gun robh obair gach neach ra dh’fheuchain gu mionaidach, agus gu cin- [TD 10] nteach ra dearbhadh, ma ’m faigh aon do an luchd oibhre an tuarasdal; fhuair iad fios air an cunart ann an am, chum ’s nach biodh cuis mhonbhair arist aig aon neach, chual ’s chunnaic iad gu soilleir na nithe ris an robh iad ri earbsa, leis sin ghabhadh an tiomlan dhiubh aig an robh duil ri luigheachd, mothacha ’s curam, nach biodh faillneachadh sa bith na ’n saothair, cha bu ghiomh air eigin a bha ’n so idir, bha dath gach foill, ubraid, ’s buairidh air na am fogar on togail, treimhdhireas agus reite ga ’n giulan air aghaidh o thoiseachd gu deiradh; ann an sin tha ’n luchd oibre a faotin an tuarasdail le meas, nuair tha an saothair air na dearbha sa fionaltachd soilleir ra fhaicsin, anois feadaidh sin innseadh co ris an cosmhuil an te so, co ach risean ann ’s na sgriobtairean a thog a thigh, chlaidhaich gu domhain ma thiomchioll, sa leag gu seolta tearuinte am bunchar air a charruig, le cladairt ’s driuch dhat ’s bhruchd na huisgeachan, dh’amhairc na neoil ann an a trusgan gruam-ach, on ciurineachadh dubhlidh bhrist a ghaoth laidir ma ’n sgaoil le srian gun riaghailt bhuail an stoirm le cloidheamh taruingte, ma ’n g’uairt gun iochd no samhlachuidh trocair, ach bha an oirp dhioghaltach gu h iomlan an diomhanas, chuaidh am bunchar a leagail le saothair ’s faicill ’s cha ne sin amhain, ach bha chuid eile do ’n togail da reir, uime sin sheas i gu daingean bunailteach [TD 11] gun chrathadh gun aomadh; measarrachd, treimhdhireas ’s foighidin ’s litir mholaidh shonruighte na subhailcean so, ’s comhartha soilleir iad air cridhe maith, air inntin ghlan fhoirfidh, ’s iad fior bhunchar a chreideamh chriosduidh, ’s iad na clachan, ’s am fiodh bheir snasmhorachd ’s mais do’n togail cha ne ’mhain gu bheil iad ra rireadh feimoil bhi aig oirpeachadh an cur an geill gu laitheil ann ’s gach am agus aite ach mar an ceudna fuilghnidh iad leugadh gun ghiorrag, seallidh iad anns’ gach rannsachadh ’s eolas le gnuis shuilbhir, le sgeudachadh ainmeil cliuteach nach caith air falbh, le bliadhna no dha, ach a mhaireas ann an inmhe feadh laithean na beatha. An tigh a tha air na Thogail leis na buaidhean oirdheirce so, feadar a radh gun amh’rus gu bheil e air na chur ra cheile le tuigse, air na dhaingneachadh le gliocas. Se Criosta cloch chinn na oisin ann an togal na ’n sgriobtairean ’s sona ise agus sin gu siorruidh tha a ’h earbsa air bhunchar so; oir cha ’n fhailnigh, ’s cha ’n aom ē ann an la na deuchain, cha ’n’eil fianuis sa bith co iomlan, a dh’ fhoillseachadh mais gniomh-raibh neo chumanta cosmhuill ris na deagh bhuaidhean, a tha na ’n cuideachd; ’s luchd friothalamh firinneach iad, nach faighear a dhiteadh, no thilgean sios le reusonachadh, sa bith mearachdach, gradh, firinn ’s foighdin, ’s iadh so na suibhailcean a tha toirt urram d’ [TD 12] on togail, leis am bheil i air na ceangal ra cheile, air a roghnachadh, ’s air a dearbhadh. Bha Criosta agus Eaglais mar aon chorp, bha i na teampuill, coisreagte dhasan, le fior chordadh ’s lan saor thoill dh’aidmhich e i mar bhunchar iomlan fionalta a thlachd gun cheilg; mar tha e air na fhoillseachadh araon leis na Faidhean, ’s na h Abstoil dh’fhulling ē cuid a sharuchadh chum ise a chrunadh le coran graidh, ’s le trocair chaoimh, chum a h inmhe fhoillseachadh, ’s cliu mheudachadh; bha ī gu cumanta na chuimhne, maiseach na shealladh, mar litir sgroibhte na bhrollach, air na, faicsin ’s air na leughadh leis na h uile dhaoine, cha b’ ē an ceangal so idir am bunchar a chauidh leagail air a ghaineamh, a chaill a mheas ann an cladairt na stoirm; bha cliu an luchd oibre ann so air na fhoillseachadh leis an iomlaineachd a bha soilleir ra fhaicsin; cha do chaill ī dreach le ceasnachadh, thanig an gniomh, ’s an tam, o dhorchadas gu solus, ann ’s an d’fhuair an creideamh fior fallain beatha, agus freumhachadh; oir gach meadhon adhridh, thanig a riamh air thoiseachd air a chreideamh chriosduigh, bha neo-iomlanachd no mithlachd eigin ga ’n leanmhuin bha aig tarruing mi-mhais mhor na ’n deigh, ach fa dheiradh dh’eirigh grian na firinn ann anm machair, no cumhachd na ’n sgriobtairean, agus sin le mais shoilleir ’s neart do, dhiultadh; a bhi uair sa bith aig smua- [TD 13] inteachadh obair a dhaindeoin a chuir air aghaidh, cha ’n eil ann air a chuid ’s fear ach oirp bhairigh, tha gu soilleir aig brath aineolas air an tsaoghal ’s air gne chinne daoine, oir an riaghail no ’n rūn nach faigh thu bhuidhin le saor thoil, cha bidh i tlachdmhor no cinnteach, cha ’n ’e ’mhain gu ’m bi an gniomh gun dreach a thoiseachar air le anchothrom, ach cha bhi earbsa annsa bhunchar do bhriogh nach ’eil treimhdhireas a cur a lamh amach, aig togail a guth no seolamh chum cuideachadh, ach annsa cho-chomun bha ’n so bha cruth gach aimhreite, coslas cunart ’s buairidh air na ’n giulan o ’n eolas, air na am fogairt o shealladh, ann an so dh’amhairc firinn dhealrach le misneach na gnuis, bhrist i gu min o cheile neoil ghruamach neo aoibhneach an dorchadais, na h oidhch’ agus an aineolas, bha ’n la aig teachd a steach le ciuineas ’s urram, ubraid air na glacail le easlainte, aig call a luth sa treis ’sa sgail bhreige gu trom air na sgeudachadh le geasragan faon, aig teichidh gu grad air falbh le naire agus dimeas; gu ’n robh an tiomlan do gluasachd a mhic taitneach le ATHAIR tha so soilleir gu leor ra leubhadh? Ann bheile na neoile aig sgaoileadh o cheile? “An bheil an spiorad aig teachd anuas airsan an riochd colmain air na leanmhuin leis a ghuth cheolmhor! se so mo mhac gradhach ann ’s am bheil mo mhor thoil. Amhuil mar bha gradh an ATHAIR,” da mhac, bha speis [TD 14] Chriosd’ da Eaglais, cha bi sheirc idir ginealach na foill, dealbh * obain maimine no dha, no comhairla luchd eolais, ach cruth fionalta air na ghairm gu bith le ughdarras an ATHAR air a bhuanachadh le na bheannachadh, agus sin co fallain ’s gu robh gach neach air an iompachadh, ach amhain an fheodhain a chur rompa nach carrachadh mirbhuile sa bith an neo-chreideamh, nach biodh iad air am maothchadh na air ’a ’n ’aomadh le dealbh air bith cia taitneach na oirdheirc, ach iad san uile leis nach dimeasoil bhi ga ’m faicsin fuidh na bhratuich, ga aidmheachadh no ga leanmhuin, a ghabhas gu cridheil pairt threimhdhireach le teachdaire na firinn cha chomhnuidh iad so ann am bron no neo-sholas, cha nan air bunchar gluganach tha ’n sonas air na thogal, ’s ni mo chaitheas e air falbh gu neo-ni le na chleachduin. “Tha bearteas agus onoir bhuan ana tigh an fhireain, ach ann an teachd a steach na ’n ciontaich tha moran buaireadh agus trioblaid:” Tha Dia gu cinnteach fada uathsan a chlaonas le ’saobh chreideamh, thionndas cul an cinn le tailceas air aitheanta sa ni lōng bhriste do ’n coinseas; ach guth a chridhe ghlan cluinnidh ē gu h eallamh, ’s tha shlainte, sa shoirbheachadh, daonan, aig laimh le beannachadh. ’Se Criosd’ an Dorus leis am faigh iadsan a leannas ris ra rireadh, ’s bhios air an roghnachadh leis seilbh air sonas siorruidh. ’Se an spiorad naomha am fear * Obain no obuin. [TD 15] treoiruigh aig am bheil cumhachd, buaidh, ’s saoirse na chuideachd: ’S eisean a sgaoileas air falbh gu h’ eifhachdach ceō gach doille ’s dorchadais ’s mar an ceudn’ a dh’ fhosglas cluas na h eisdeachd, a dh’ fhuasglas glais an tosd on bheul; aig foghlum na h inntin chum roghnachadh, ’s na teanga chum labhairt; cia feumail do gach neach amhairc gu tric ’s le curam? co an casan anns ’am bheil e aig gluasachd; cha ’n urra cridhe sa bith bhi na ionad comhnuidh aig treimhdhireas, agus ann san am cheudna aig beathachadh, no aig altrum foill, subhailce agus dubhailce, cha chomhnuidh iad ann an creideas le cheile, ’s ni mo bhios ceangal seirceil, caomh, no buan gu brath ea-torra; ciuineas ’s stribh tha iad daonan nan coigrich, ’s ni mo a gheibhear iad aig cinneachduin araon ann san aon bhrollach, cha ’n ionnan slighe ghabhar gu du’ich - cairdeis agus aimhreite; cha ’n i an aon ghrian a tha aig riaghlachadh an cursa, no aig toirt dealbh d’ an toradh, tha clann Dhia gu h soilleir air am faicsin leis na fia’nuisean tha na ’n cuideachd, agus gu h eallamh air an aithneachadh le storas inmhach an cridheachan, oir an gliocas ’s an tuigse tha Dia ga thoirt dhuinn tha iad ciuin siothchainteach, lan do dheagh bhuaidhean uime sin iadsan uile tha aig rūnachadh le treimhdhireas bhi na ’n onoir da ’n creideamh, ’s na ’n luchd compairtich do [TD 16] chairdeas Dhia; ni iad dichill chum an oighreachd bhi do ’n t seorse chinnteach, nach faighear a reic a mhalairt no lughdachadh, le milleadh iomairt sa bith; iadsan tha an seilbh air na subhailcean sonnruighte so, tha cliu agus meas aig leanmhuin ann co’chomun cha chromadh cinn an cuideachd, cha ’n ’eil an ceum cuntartach no dimeasoil ra ghluasachd, cha duisg an comhairl’ smuainte chraiteach thrōm an tuchd, ’s cha ’n at na deoir ann do shuile uair sa bith le ’n seola thabhairt fanear. Dh’ fhosgail Criosd’ a chridhe ’sa run gu h iomlan do fhior ghradh, an fhirinn gun cheilg ’s an t seirc gun a leithid, leis an d’tainig am fior chreideamh gu h eifhachdach chum solus, cha ’n atharuich na buaidhean grasmhor leis an robh ē air a dhearbhadh, agus sin le co’ aontachadh ’s aidmheil an luchd amhairc, an trusgan a dh’ oidhche, no la, ni mo thionndas iad an cruth no n onoir le fuaim guth gach buaireadh; uime sin a bhean chriona chiuin tha aig miannuchadh greim a chumail do ’n tsaoirse, leis an do cheannuich Criosd, dhith saoirse, ’sē a run gun bhi tuille air na cuibhreachudh le cuing na daoirse; si canmhuin a beatha sa giulain gu laitheil “n tra bha mi mo leanabh labhair & ghluais mi reir blath mo bhliadhnidh, ach an uair a ruig mi foirfeachd na mna thilg mi air falbh nithe leanbuidh, agus anois se mo run bhi cinnteach, seasmhach am aidmheil. [TD 17] Anns an dara Litir dhionsuidh na n Cor. Caib. xi. 2. Bheir sin fanear beagan do bhriathribh an abstoil ann am mais fein phos mi thu ri aon fhear chum’s gu taisbeanain thu mar mhaighdein ghlan gheamnuidh do Chriosd.” Tiodhlaca suarach a thairgse do urra ainmeil cha ’n ’eil ann an so ach coslas soilleir air dimeas, bha ’n tiomlan do chaithe beatha Chriosda air na chomharacha co mor le neo-chionta, le grinneas, beusan, le glainnid inntin, ’s gach meanglan sonnruighte eile do shubhailce, oir bha uile ghniomhara do sheorsa taghte anns gach riochd ’s fosgla: a chonaltradh co taitneach air na sgioladh do gach samhlacha truailleachd agus sin co iomlan is nach robh feum air tuillidh fianuisean a dh’inseadh co, è, no ’n gniomh air an d’ thainig ē. Ghabh uile bhuaidhean slighe co neo-chumanta (cruaidh ra ’faotin do mhoran, ’s air bheagan tathaigh le tuillidh sa choir do luchd aidmheil fein) leis sin cha ’n eil e ach reusonta ra smuainteacha ise bha ra phosaidh gu robh ē gun amh’rus iomchuidh guth deagh chliu ’s onoir air a lughad a bhi air a taoibh, agus ann tiomlan da beatha bhi sgeudaichte le suairceas ’s a reir righail na firinn: Cha ’n ’eil sin ri breathnacha gu ’n e modh no ’n toilein bhiodh an saoghal sugach aig amhairc a shon anns a mhaighdein roghnaichte bhiodh iad aig taisbeanadh do ghaisgeach an Du’cha. Cha bhiodh [TD 18] an t aon seol foghlum freagarrach do reusonacha fallain, no ceart ra leanmhuin; bha e ro iomchuidh a h inntin, a giulan ’s a * blas, bhi’ air an oibhreacha gu dreachoil ’s air na n snasadh gu curamach a reir a ghrinneis a bha ra fhaicsin anns an neach air son an deachaidh ’roghnacha; ise bha ra ceanguil ri Criosd a cha ’n eil sin ri saoiltin gu robh e idir feimeil i bhi’ air na togail suas ann am foghlum Cuirt: gnathacha gach Rioghachd, no ri asdar a dheanamh dh’ fhaicsin moran do ’n t saoghal, ach gu h iomlan iomchuidh i bhi’ eolach air maitheas cridhe fior mhais shubhailce, maille ri tlachd do ’n fhirinn. Thug an t ATHAIR cumhachd do ’n mhac bhi’ na cheann air Eaglais, uime sin bha e’ dleasdanach ise bhi’ ceanguilt, risean chum an t iomlan do ’n obair bhi freagarrach daithoil. Anna foilseachadh a mais; measg gach cosmhalachd fionalta chum a buaidhean ’sa sgeimh a thaisbeanadh; tha i air na samhlacha ri Cathair ’s ri Tigh dhia (uime sin treimhdhireas, ciuineas, ’s tuigse, a tha ann an aon fhocal na ’m fianuisean oirdheirc agus na ’n * codach soilleir air cridhe glan) ’s iad mar an ceudn’ fior mhais a chreideamh Chriosuidh. ’S clachan ’s fiodh taghta feimeil iad, iomchuidh air son togail sa bith; cha ’n ē ’mhain gu fulaing iad * Blas no togradh. †Codach no comh’ dachuidh. [TD 19] amharc orra gun diteadh ach mairidh iad buan gun chaithe le snasmhorachd dhreachail nach dean aimsir a chlaoidh no mhilleadh. Cha ’n fhaigh thu an do sheilbh ni sa bith neo-chumanta ann sa bheatha so fein, as eugmhais beagan saothair, ma tha nithe aimsireil tha neo-chinnteach agus buailteach do iomad tubaist, aig gairm gu latheil air aire agus curam, cia mor nis iomlaine ’dhuisgeas na nithe tha ri maireachdain gu siorruidh; aigne na mna choir shaoidheil air an toir? Chum a creideamh a leagail air carruig dhaingean na firinn, gheibh bean na ceille co-fhurtachd ’s cuidheachadh ni’s leoir anns na sgriobtairean, chum a fagail cinnteach gun leisgeal ann am bunchar a dochuis: mar chithear gu soilleir annsa, 1 Litir dhionnsuidh na ’n Cor. caib. 3. 10 rann. “oir cha ’n fhaighear tuillidh aon bhunchar eile a leagail ach sin a chuaidh cheanna dhaingneachadh, se Criosd’ am fior bhunchar, agus ma thogas aon neach air or, airgoid, clocha riomhach, fiodh, feur, na cuinleain, biodh obair an iomlan air na deanamh solleir, oir taisbeinidh deuchain agus dearbadh saothair gach neach, oir theid fhoillseachadh le teinne, taisbeinidh so cia an seorse tha innte; iadsan a chomhnuicheas an obair ’s nach bi’dh na h aobhar di-meas do ’n bhunchar gheibh iad an cliu, ’s an tuarasdal, agus theid an ainm a chumail beo air chuimhne le urram [TD 20] agus speis; ach mu dh’ fhailneachas an obair mu tha car fiar iogan, mearrachd no neo cheangal innte, muigh no stigh air mhodh ’s nach comhnuich i air a bhunchar gun diteadh, mu bhitheas i na mi-mhais do ’n chuid eile, sin a tha neo iomlan tha e ra thilgin sios, ’s caillidh iad luach an saothair; mar ’n ceudn’ tha ē ro iomchuidh bhi gu tric aig ceasnachadh asdar na beatha, aig leubhadh gach fosgladh le faicill ’s toirt fanear, agus far am bheil samhlachach di-measoil sa bith ra fhaicsin, tha ’n ann aimhreite ris a chuid bheusach riaghailteach do ’n giulan cha ’n e ’mhain gu bheil e gun dail ra dhiteadh, gun mhoill ra thilgidh a sealladh, gun tuillidh daimh a thaisbeineadh ri bheag do ’n t seorse, ach tha gach cusboir ‡ agoil ra ’n dearbhadh, ma ’n eisd sibh tuillidh ra n guth no ma ’n tairg sibh falbh na ’n cuideachd; cha ’n eil fios aig an iomlan air an t solas tha ceangailte ri togail shnasmhor na beatha; subhailce agus measarrachd, air an giulan air aghaidh le mais reir ughdaras, onoir, ’s deadh thuigse air reusoin, tha ’n asdar daonan aig criochnachadh ann an sonas: tha m fear amhairc aig earralachadh gach coslas foil a sheachnadh, a chuid mheadhonach ’s uachdair a bhi’ reir a bhunchair, seadh gu ’m bi’ gnathachadh ’s gluasachd gach neach, dh’aon seorse, taitneach, measail. ‡ Agoil no amh’rusach. [TD 21] Tha fionaltachd beatha na bean thuigseach, mheasarra, stuama maille ri fallaineachd a creideamh, air na shamlachadh ri or, airgiod, ’s clocha buadhoil, leis an robh aite comhnuidh air Dia air na thogail mar chi sibh gu solleir anns, an 21 caib. do leabhar an fhoilseachuidh ma ’n coinne so tha feur cuinnlein ’s drabhag nach seas deuchain sa bith, ’s cha ’n eil ach faoineais bhi aig tairgse togail air a leithid a bhunchar. ’Si maidin na beatha an t’aon aimsir eifhachdach air son oibre; ise tha ’n sin aig dichuimhneacha, no aig cur dail anns gach ni feimeil ra thoirt fanear gus an d’ thig geamhradh a laithean, ann am bhar’ailse cha ’n eil ach ni bairigh dhith bhi’ aig smuuaineacha ruigheachd air subhailcan ainmeil. Ise tha aig amharc air cusboirean caochladach an tsaohgilse mar a Dia. Ann an la a slainte ’s a treis a tha aig fulang do ’n caoimhneas a cridhe a ghoid na n deigh ’s aig tabhairt tlachd do ’n gnuis s mo na eisempleir, comhairle, no suil a’ fear-saoruidh, Diomhaneas a roghain, ’s caill a pris thig iad so na codhail la eigin ann an dreach fein. Ise tha gu h aidhearach eatrom, aig dol amach chum an t faoghail gun amharc no smuaintigh air an fhoil ’s na h innleachdan tha gu tric ’s gu folachaidh ga ’n gnathacha, mar tha fiosrachadh laitheil gu bliadhnoil aig taisbeanadh. Cha chreid i ’n seol tha sligheadairan ’s slaitearan ga chleachduin a lughdacha a cliu ’sa h onoir agus sin [TD 22] le na h aomadh o shlighe measarrachd ’s subhailc, tha iad gu h obain ga treorachadh ach mo thruaighe caite: cha ’n ann a thachairt air Dia no ann an ceum a lagh, ach chum bron agus masladh. Cha Chudtromaich i gu’ fead aon sleamhnacha mearrachdach a fagail fosgailte do thrioblaudean lionmhor anns a chud eile do beatha; cia luaimneach bunchar gach aoibhneas talmhaidh aig nach ’eil ach dubhailce, diomhaneas ’s amideachd mar an luchd iuil? Smuaintidh dhurachdach air faoineas agus neo chinnteach a beatha tha so iomchuidh feimeil a dh’ isleachadh uabhar; eifhachdach chum toirt uirra-se tha ’g intreadh gu h og aineolach air an t saoghal a cluas aomadh ann an am gu leasacha na h inntin ’s dh’ fhoglum slighe dhiadhachd is ghliocais. Feadaidh ē bith ise tha slan tearuinte, nach toir i ach beagan creideas do ’n fhirinn so, ach leabhar anns nach’eil dealbh foill ’s nach treoraich am feast chum seachrain; tha e soilleir do na h uillidh a thionndas an suilean air a chill, air leabaidh na h easlainte, aig beul na h uaighe: tha sluagh solas mealtach an sin, aig gabhail an ceud leigeil le beannachd ’s iomlan buan. N’ am biodh ciurin na h uaigh air a chur seachad, mais, ’s beathalachd, tuigse, ’s foghlum, air a lughad an taite far an robh iad aon uair aig gabhail tamh, ach anois air a ghlasadh gu cinnteach ann tosd mairreanach. Cia na smuainte [TD 23] dhusgadh an sealla ’s an t aite? nach b’e’n conaltradh ’s an comhairle na ’m b’uirin iad labhairt na achasan thoirt seachad, thusa tha maiseach na di-chuimhnich thu fein faic a chrioch gus an d’ thig thu, ’s chum am bheil thu gu laitheil aig deifrachadh. Thusa tha beartach na h earb as do storas oir cha ’n ’eil feum ann ’n uair tha n t anam ’s an corp dol a dhealachadh ra cheile, tha gach cuid do ’n t sealladh gu laidir aig earralach neo-bhasmhorachd a bhuidhin le cursa subhailceach beatha am feadh, is tha laithean na saothair aig maireachdain. ’M bheil an dealbh taitneach tha ’nois co-mor aig beathachadh air tlachd, ri buanachduin gu maiseach cinnteach gu’n teicheadh am feast o shealladh? ’M bheil a ghnuis sgiamhach far am bheil riochd an t suairceis aig labhairt snasmhorachd a cruth ri seasamh daonan mar sin gun tachairt am feast air claoidh? nach ’eil na gruaidhean lionta ra ’n dreach tuillidh atharracha? ’M bheil am brollach ’s seirceil a bha na sheomar tearuinte do air sgeul run daonan ri maireachduin mar sin? Cha n eil feim codachadh air na nithe so oir tha fianuisean ni ’s leoir ra fhaicsin anns gach aite thoirt dearbha air an fhirinn so; maighdean ann a ceud intreadh air an t saoghal tha aice sealla taitneach air moran solasaibh, ’s tha’d so ann a barrail air na ’n sgarachduin o gach cumasg neo-thaitneach a thairgeas teachd chum sealladh, tha aoibhneas ri eirigh [TD 24] gu tric ’s gu laitheil air thoiseach air a ceum, tha na creagan tha ’ris air na’ faicsin ann an asdar na beatha gu h iomlan air na ’m folach, tha ghrian aig dealradh uirre as eugmhais neoil, gach coslas ceann’sachadh is cruadail aig criochnacha leis a cheum dheifrach thosaich a fhuair i gu h inmhe na mna, tha dochas air na dhusgadh le iomad dealbh measoil ann ’s an aimsir a tha chum teachd, tha i ri eirigh chum sealladh ainmeil le buaidhean do iomad seorse, tha mais ri moran do luchd iongantais is speis a dhusgadh ’s a tharruing na deigh, tha teaghlach sa beartas ra togail chum onoir agus cliu, ’s iad so gu h iomlan bunchar a sonais ’s an casan cinnteach anns am bheil i ri gluasachd? amhaircidh bean na ceille ’s a ghliocais air an t seorse thogail so mar chusboir bairigh ’s gu h iomlan neo-chinnteach. Ach ise tha canmhuin a beatha aig deana dimeas air geamnuidheachd ’s measarrachd, cha ’ne ’mhain gu bheil a gluasachd na amghar dhith fein, aig dusgadh bron agus bunchar aithreachais anns gach sealladh, ach tha droch aiceachd * mar dhreisan a mhimhaiseachas ’s a reubas, trusgan an dream a bhios aig lorgaireachd a cuideachd, do bhri nach i ’n eisemplair ’s fionalta a chi iad no na briathra ’s fearr ’sa ’s taitneich a chluinneas iad na conltradh An togail nach robh iomlan innte fein ge’d sheas i car tamuil, gidheadh cha do mhair i buan: chunnaic am fear amhairc a fali- * Aiceachd no beus. [TD 25] neachadh, ’s sgaoil e air falbh ceo gach aineolais ’s dorchadais, thaisbein e buaidhean agus buanachd an t seorse fhionalta, thaghte, chauidh fhaotinn iomlan nuair a bha e air a dhearbha, ’s a chuid a bh’ air a chaochla dhiteadh, sa chuir air cul. Bhi’ aig deana’ tailceas air riaghlean air creideamh ’s na nithe fionalta anns am bheil air sonas amhain aig co-sheasamh feadaidh guanag is an guanaire ’s luchd fanoid a shaoiltin gu bheil inmhe ann an cleachduin mar so, ach co iadsan a dh’amhairceas air anns an riochd sin, co ach amidean ’s amadain gun ghras gun tuigse? uime sin a bhean ghlic cha ghuth gaisgeach le idir briathraibh do ’n t seorse; ’s cha sheal i le speis no toirt fanear orrasan a thisbeanas an run ’s lugha chum mid-hreach a tharruing air bunchar gach ni’s fiu ra rireadh agus ’s airidh air fior-mheas sa bheatha so. Ann an cridhe na te so tha gach subhailc inmhach air na ’n sochradh fein mar air cathair, uime sin thar a ceann ceillidh guth an neo-shoirbheachidh agus soighde na h aimsir imichidh iad seachad gun chiurram. Sonna a seirbheisich, a clann, sa coimhearsnaich, ach tha chuid ’s fearr agus ’s mo do ’n t sonus air na dheanamh cinnteach da fear, bioduidh, giulan mar leabhar fosgailte daonan na shealla, ’s air ach caibideal no ran a dh’amhairceas e cha leubh e ach canmhuin na ceill ’s an t suarceis, agus sin tha aig seola chum beannacha air faicil daonan le tuigse, [TD 26] ach amh’rusach ma neo-iomlanachd eig[?] innte fein, amhaircidh i air mar chleachduin nis maisich ’s nis ’s mo buannachd, bh[?] aig smachdacha gach samhlacha suarrach [?] chi i na conaltradh, no na gluasachd fein, n[?] bhi’ aig ceasnacha le mirun no suil mhaslach failneacha feodhain eile, le toirt gu ceillidh fanear gu bheil truacantas ann an ach’asa[n] Dhia ’s na ’n sgriobtairean nach ’eil ai[r] clann na ’n daoine gu minic da cheile. Innsidh i dhuit gu tuigseach nach ’eil ach beagan foghlum feimeil chum ruigheachd air an eolas a tha eallamh chum cronnacha, ach an t subhailc dhusgeas eud air a lughad tha bhuannachd so na cuideachd, gu ’n claoi [?] luath no mall cloinn a chulchainidh ’s gu fag i ’m buille gun luth. Mar so feuchaidh Dia gach togail, agus sin a bhios air na fhaotain slan reidh gun mhearrachd, mairidh e mar sin ’s chum cliu ’s onoir an luchd oibre. Creideamh glan fallan, deagh chaitheamh beatha air an taisbeineadh gu laitheil ’s gu soilleir, le firinn, foighidin ciuineas, ’s saoeilachd, ’s subhailcean ainmeil iad so, fionalta mar tha ’m bunchar, agus ’s sonna ise gu cinnteach a tha a tigh air a thogail do sheorse co riomhach. Cha ghlan uisge air falbh an dealbh, cha loisg e le teas greine, cha tuit e le gaillean geamhruidh, no le stoirm sa bith, so an togail a gheibh buaidh air aimsir ’s air bliandhnuidh, nach caith, ’s nach crion air falbh le d’ fheuchain, air an amhairc Dia fein le tlachd, ’s a bhios ann [TD 27] an urram aig gach duine coir. A bhean righailteach choir cheillidh, tha aig ruineachadh ra rireadh bhi ann an caoimhneas Dhia, tha i na cunbhail suas ’s na creideas da teaghleach, leis a sin cha ’n fhead i gun a bhi taitneach leisean tha na ughdar e fein air gach ni maith agus iomlan. Ceusnachaidh i so gu tric cia am bunchar tha gabhail comhnuidh na cridhe an or, airgiod, ’s clocha buadhoil, na tha aig ciallachadh, bannalachd, giulean beusach sao [?]’eil, fonnmhor; saor o fharmad ’s droch run: Tha ’n taobh eile ma’choinne so aig ciallachadh amideachd ’s baoibhilachd, cainnt shuarrach gun sult, mianuibh truaillidh, aig leanmhuin breugan, ’s gach seorse do chleachduin mhichreideas ach mar sin, cha bhi ’s cha robh an togail so buan no maiseach, cha ’n ’eil ann ach feur, ’s cuinnlein nach seas le urram ann an la a cheas [n]achaidh. Dathanan cealguch tha iad gu tric aig brath na mi-mhais tha gu folachaidh aig comhnuidh fuidh ’n trusgan suarach: cha ’n eil seoltachd sa bith cosmhuil ri bhi’ ra rireadh mar bu mhaith le neach sealtuin, oir sgeudachadh na foill cha ’n fhaighear a chaithe fada gus am bi e air thoirt fanear; ann ’s gach riochd ’s sealladh am feuch thu air, tha e dimeasoil, agus eisin da ’n leir gu soilleir smuaintigh dhiomhair a chridhe, co maith ri gniomhara follasach na beatha, gun amh’rus tha e na ni dana uair sa bith tairgse teachd le [TD 28] sgeudachadh co truallidh na lathair, tha buaidhean ainmeil daonan aig cumbhail cairdeas ri gliocas, cha ne ’mhain gu bheil tearuinteachd na h aite tamh fein, ach cha ’n urra foill ach ro annabh buadh fhaotain air fior chiuineas ’s tuigse, oir chi suil na ceill ’s na foighdin gu soilleir aiseach, sgail dhu’laidh dhorcha dhubhailce ’s cha bhi i air na h aomadh, no air a lubadh, le na conaltradh, na ceum. Cridhe na bean shaoi’eil cha charuich le giorac na gealtachd, beul na firin, cha chlaoidh droch run, ’s cha tilg a bonn. A bhean fhonnmhor cheillidh, gheibh thu i ’n diugh far an robh i ’n de gu ciuin bannail, cha ’n ann le aghaidh ur, ach daonan leis an aon sgeudachadh; bithidh an t iomlan do ghiulan na mna glic co fhad is ’s tige le, na leigeas neo-iomlanachd a naduir dhith, a cordadh ’s air na righlachadh le umhlachd do lagh Dhia, ’s dhaoine, ’s bu dimeasaill gu deanamh i gniomh bhiodh na thilgea’ suas da cairdean; a bheiradh air na deoir āt na ’n suilean, no dhuisgadh deirgaid na ’n gruaidhean; ann an duiche na sgriobtairean togaidh bean na ceille a ceann le meas is inmhe, le eagal cha charruich ’s cha ’n aom a dochas, ge’d dheir’eas air uairibh neoil dhorcha air thoiseach urra gidheadh sgaoilidh tuigse an driuch air falbh ann an cabhaig, pronnaidh * foighdin an luth ’s an treis, * An driuch no am fearg, [TD 29] ’s le naire bheir i orra imeachd gu diblidh a sealladh; feadaidh fuaim na d’ fheuchain a guth a leigeil ma sgaoil, ach cha nan chum buaidh; an te a tha aig gabhail firinn is grinneas mar a luchd iuil, tha meadhon fuasglaidh daonan aig laimh, air taobh an treimhdhireich tha ceartas aig seasamh gu h uchdmhor ’s ge d’ thig air uairibh beagan saruchaidh, ann an co-ail na mna shuairce, gidheadh oibreichidh gach d’ fheuchain dhith sichaint’ agus solas, mar oighreachd chinnteach nach caith air falbh, ach tha ri maireachduin ri uine, agus sin le ceangal buan nach gabh sgaoileadh. ’Si bean na firinn, na reite is na foighdin, a bhios ann an tlachd aig Dia, a chluinneas ē guth, ’sa sheasas e gu dileas ra taobh, ’s da ’n toir e furtachd & fuasgladh ’nuair a cruadail sa gearrain, a bhean a tha gu h eifhachdach air a stiuradh le seola Dhia ’s aobhar gairdeachais a beatha sa bas, cha ne ’mhain gu bheil i fein aluinn, ach fagaidh i mar an ceudn’ gach cusboir ma tim-chioll ann an sgeudachadh nis taitneich; bithidh i faicilleach air a giulan, cumaidh i srian ra teanguidh, taghaidh i a focail ’s cha bhi’ i idir ullamh a dhusgadh fearg na coimhearsnach. Cha bhi’ i eallamh a mheudacha’ no leudacha’ fann sgeul a mhiruin na chulchainidh, cha bhi’ i na h urrain aig a bhreig ’s ni mō bhios tlachd aice dhiubhsan a bhitheas. Cha ’n fhosgail i suil le farmad, is cha n’eil i gu h eacorach aig sanntacha cuid a coimh- [TD 30] earsnich; far am bheil gach subhailc, oirdheirc phriseil mar so aig fas gu soilleir ’s gu daingean a gabhail freimh taisbeinidh an torradh ri uine ghairid an dreach, cha n’eil feim fianuisean a measg a luchd ruin, no coimhearsnaich, aig bean na ceille a chomhdach co an teaghlach no chuideach da ’m buin i oir cha ’n ann an cridhe tioram bochd tartmhor do bhios mais cosmhuil ri subhailcean na te so aig cinneachduin no aig togail cinn; “fosglaidh a bhean ghlic a beul le tuigse, si teanga lagh a chaoimhnais; tha suairceas a glaodhach air thoiseach urra,” tha grinneas aig teachd le tuigse o beul, a toirt meas & urram da guth & da connadal. Searmoin a fhallain caithe beatha, ’s comhairle na mna chiuin, shaoidheil, fhoistineach. “Si slighe, slighe an t solais, a ceum ceum a ghliocais; si craobh na beatha dhasan a gheibh greim urra, ’s sona gun amh’rus an ti aig am bheil i na sheilbh, bi’dh i na solas da anam, na cearcal seirc ma mhuineal; ’s lochrann taitneach a comhairle, ’s beannacha gun amh’rus a seola, ’s solus dealrach a lagh ’ se h ’ach’asan slighe na slainte.” Eisan bheir creideas da briathara, gluaisidh e gu sabhailte, ’s cha sleamhnuich ’s cha ’n ’aom a cheum. Tha bhean mhoghar, bheusach aig buanacha ann ’n urram, le coir cheart mealaidh i onoir agus cliu. Bidh gach beul fosgailte le anail chairdeil, aig labhairt air a mais, gach suil aig gabhail beachd air a giulan, a miannacha a [TD 31] h eisempleir a leanmhuin, air cuimhne fhada mairidh ainm na te so, agus n’is fearr na so, gheibh i ceangal air beannacha’ nach criochnaich maille ra Dia. Deagh ghiulan geamnuidh, riaghailteach, diadhaidh, is porson measoil buan gu cinteach na nithe so, ’s cha toir buaireadh na amh’ar air falbh an toradh na ’n cliu, cha mhill is cha lughdaich an chothrom an dreach; gheibh na subhailcean so lamh an uachdar air bas is air uaigh, ’s bidh iad na ’n luchd iuil, aoibhneach aig an te bhios gu firineach ga ’n cleachduin, chum a stiuradh gu tearuinte gu h ionad comhnuidh reidh. A Bhean ghrasmhor buanaichidh i ann an onoir, is bheir i fear gu creideas, ach an struitheir is an amaid tha i na di-meas da h ainm, se ceum na droch mhna an t slighe chum amh’air, sa sealladh an casan sios gu seomra truaillidh na triobloid. Tha ’n t abstol aig taisbeineadh ’n uair a tha e aig cur suas air cliu na mna’ bhannail, a bhios aig oibreachadh a h inntin gu gne’ail ’gus a ’chothrom is fearr, a bheir aire da gnothaichean fein, aig nach ’eil tlachd ann a bhi’ aig comharacha’ aig rannsacha’, no aig losgadh a beil ann am failneacha’ no gniomhara a coimharsnaich; aig nach ’eil speis do ghuainalais, no ruiteas, a stadas gu foist’neach aig an tigh, aig oirpeacha’ a teaghlach a riaghlacha gu faicilleach, toirt fa’-near gach ni a chumail ann an dreach, agus ordugh gleusda. Tha e aig toirt ach’asan mar an ceudna dhoibhsan [TD 32] a tha leisg, luntach, aig leigeil seachad gu masanach gach ni ann ’s am bheil foghnadh, agus freagarrach chum maith an tighe, a bhios aig cur seachad an aimsir gun churam gun ghleidhadh a dol air chēilidh gu tric o thigh gu tigh, cha n’eil so aig taisbeineadh ach cusboir gun mheas, cha chomhara e air gliocas, ni mo tha e na eisempleir airidh air toirt fainear, no leanmhuin. Ach bean a chridhe ghlan ’s na h inntin inmhach chialtach, tha i so gu laitheil aig caithe blath agus beannacha’ a Dia; ’s ann an tlachd aig gach neach a chi a giulan. Cha ’n ura thu comhara’ is fearr fhaotain air fearran beartach, no deugh thoradh; mar an ceudna ’s an a reir na ’n subhailcean a chi thu aig leanmhuin no ann an co’ cheangal ri aidmheil sa bith bheir thu bairail air fhallaineachd. Tha beartas agus storas an t saoghail so gu laitheil buailteach do iomad tubaisd is caochla; cha toir iad furtachd no fuasgladh seachad air aon mhodh o ghath lot mhor bais, ’s cha n’eil ionta ach caraid gun eifheachd ann an la bhreitheanais, no ann an lathair Dhia; ach tha beartas na mna’ghne’eil, cheillidh, neo chumanta, agus leis sin cha n’eil a phris furasta a thaisbeineadh gu h iomlan, cha n’eil i fosgailte no buailteach do mhilleadh iomairt sa bith. Subhailce agus tuigse, gu cinnteach, is iad so an storas as fionalta agus is buaine, ’s urra aon te fhaotain na seilbh, uime sin a bhean cheillidh, cha ne ’mhain gu ’n toir i [TD 33] sgeudachadh snasmhor do dhuilbhireachd na beatha, gun tionndaidh ’i neoil gach gruaim gu solus dealrach araon dhith fein agus da fear, ach tha i mar an ceudna na cuideachadh laidir ann am maith siorruidh an ’n anama, thogail gu tearuinte air carruig shabhailte an t solais agus na buaidh. Far am faic thu lānain tha ’n inntin sa ’n caithe beatha anns gach cuid agus gniomh gu h iomlan aig cordadh le cheile, gun bhuaireadh gun ghriobhag, ga ’n giulan fein gu ciuin, reidh, foistineach, foighidneach, anns gach cuis agus d’ fheuchain. Far am bheil na buaidhean oirdhirce, measoil so ra ’n toirt fa’near is feimeil gu tric ra ’n cuir an geill, ann a seirc a sichainte, ’s co-cheangal mar so, tha laimh is beannachadh Dhia soilleir ra leubhadh is ra fhaicsin gu h aimseireil; ’s far am bheil eisin na fhear cuidich, cha ’n fhead sonus idir bhi na coigreach do ’n aite, no do ’n teaghlach sin; ’s mor a bhuannachd dhoibh fein ’s cha bhi’ e idir na aobhar turse do ’n luchd amhairc: oir is boidheach agus maiseach an sealladh bhi’ aig faicsin gradh agus seirc le dealbh chaomh aig fagail an samhlacha’ gu laitheil ann an teaghlach a bheannachaidh, ’s cha n’eil cosamhlachd neamh air thalamh ann an cruth sa bith co iomlan; ’s cha ’n ann aig mnai phosda amhain tha aire ri bhi’ air an giulan is an conaltra, ach aig nighinean og mar an ceudna. Tha raoghain aca ra dheanamh, ’s an creideas ra she- [TD 34] asamh, agus cuis bhrosdnachaidh ’s iomlane agus ’s mo’ na ’n nithe so, beannacha is cuideachadh Dhia; ra ’n cosnadh ’s ra ’[n] coimhead; is cha n’eil na tiodhailce ainmeil so ra ’m mealtuin air slighe sa bith ’eile ach trid faicill, gliocas, agus giulan suairce bannoil. Cailleadh nighin aon uair a deagh ainm (na tuighibh mi ann an so aig labhairt air te tha aig fulang fuidh theanga mhiruin nuair nach ’eil i ga thoilltin, cha ’n ’eil an so ach spidag air a trusgan a chaitheas leis fein air falbh ri uine ghairid, ma tha foighidin nis leoir aice a ghiulan ’s ’ann tha mi aig labhairt tim-chioll na te tha do rireadh aig toiltin maslaidh;) tha i mar gu faicte gloinne uineig air na bhriste, ’sa mheud dicheal is aghabhas tu cha ’n uira thu ’n dreach ceudna chur air gu brath tuillidh. Simplidheachd, diomhaineas [?] amaideach, agus sgeudachadh neo’ sgiamhach iad so gun amh’rus, agus iadsan tha gun churam ga chaitheamh cha ’n urra iad gun toirt fainear le caill la eigin an truailleachd tha lubte gu folachaidh fuidh gach faime: Bhi’ caoi’neil suilbhir ris gach neach, ach mar an ceudna faicillach ’s am fior chairdeas le ro bheagan, ’s comhairle so tha’ air na fho’lum o fhiosracha’ air an t saoghal, bhi ro fheumail, ’s air na leanmhuin le cuid a churam. Tuigse dhealrach, is eolas ainmeil, feadaidh na buaidhean so cosmhuil re reul dhriolanach iongantas agus soilse dhusga re tamuil beag; ach ma tha maith- [TD 35] eas cridhe air asdar fad on cho-chomun tha na tiodhlaic so aig gach te th’ ann an seilbh orra ni ’s mo na ’n aobhar tursa no na ’n cusboir farmaid. Si ’mhaise gheibh do rireadh creideas o Dhia, ionracas is glainnid beatha, maille ri u’lachd riaghailteach da [l?]agh: cha ’ne ’mhain gu bheil eiseimpleir na te so ciatfach ra leanmhuin, tha do rireadh faicilleach, glic, ach cha bhi’ ach ro [b?]heaghan da gniomhara a chriochnaicheas [i]?dir ann an aithreachas. Maise gnuis agus deisead pearsa, feadaidh na nithe so cuid do neart thoirt air uaireadh do mhoran bairigh, oir nighin sgiamhach mun bheil tuigse agus faicill aice da reir. Tha e ro chuntartach gu ’m bi’ a maise na carruig tuislidh, agus ann an aite luchd iongantais, is aobhar eagail gur h ann a thig masladh agus di-meas na codhail, Feadaidh uabhar u’daras a tharruing gu ionnsuidh fein, ’s misneach a ghabhail air iasachd o teaghlach measail, ’s o cairdean foghainnteach, ach ge d’ bhiodh [f?]uil te aig agairt daimh ri moralachd, seadh rioghalachd fein, cha dean so suas cail measarrachd agus tuigse; tha iomad te th’air na breith gu h inmheach aig faotuin ainm nach bu chreideasach idir le bean shubhailceach, ’sa bith bhi’ ga chaitheamh no ga ghiulan. ’S ge nach ’eil a bhean choir chēillidh air cuimhe gu tric ann an eachdraidh na rioghachd, is na Du’cha, cha rig i leas mulad a ghabhail dheth so. Si mais na h inntin amhain is airidh air ur- [TD 36] ram is toirt fa’near, is air nach amhairc Dia am feast le di-meas; ’s gu cinnteach tha mhalairt is fearr aic-se a bhuidhneas a chaoi’neas. Iorisleachd, breith air na dusgadh, ’s air na cumail beo le subhailce, tuigse agus saoi’eilachd, tha ’n inmhe so mile uair na ’s airidh air cliu no iadsan a tha na ’m Bain-tighearnan a reir am beartais, no gaisgealachd am paranta: da ’n eigin a bhi’ aig deanamh suas an uaisle, ’s a meas, le bhi’ aig fosgladh, aig rannsachadh ’s aig spuinlin tuamaibh na marbh air son dea’ ainm. “Am fosgladh onorach sin a chridhe, is na gnuis a tha na choigreach air foill, an lamh chinnteach, a chumas greim do ’n treimhdhireas giulain sin nach ’eil ra leigeil mu sgaoil air son riochd gun fheum, is nach crion a mheas no dhreach le na chleachduin: so ’mhain na nithe a choisneas urram, ’sa dh’ fhuilingeas suil cheasnachaidh na firin gun ghealtachd. ’S iad gliocas agus subhailce amhain a bheir seachad cliu thoilteanach, a shocraicheas i air bun’char cinteach; a bheir pris dhi’ ann suilean a chuid thuigseach do ’n chinneadh daoine; oir iadsan as lugha toirt fa’near cha ’n urra iad gun aire is urram thoirt dhoibh sin th’air na ’n sgeudachadh co-inmheach.” Ri beagan aimsir tha neach air a dheanamh eolach toilichte le sui’eachadh na h aghaidh, ach mi-mhais na h inntin ’s ach’asan buan so nach ’eil idir furasta bhi’ ann an reite ria. [TD 37] Le amharc gu foighidneach air duilleag na dha do leabhar sa bith; feadaidh tu ann an cuid mhor barail chinnteach fhaotain air an iomlan; amhuil so nuair a chi thu bean cheillidh, aig deanamh saothair gu laitheil chum gach ni cliuteach oibreachadh le torra, aig runachadh a dleasnas a chur an gniomh do Dhia reir riaghail a coguis, agus leis na meadhana sin a shaoileas i thoillicheas eisin: Ni di’meas air gach coslas foill, gach focal agus gniomh truaillidh: oir cainnt gun bhlas cha ghabh ni sa bith a leasgeal. Tha briathra gun tlachd daonnan aig brath call ruigse; leis an fhiosrachadh so tha bhean ghrinn aig oirpeacha’ le curam gu riaghluich firinn agus measarrachd a chuid as mo da conaltradh. Tha focail an cumantas taghte, agus fuidh sgeudachadh fionalta, is iadsan a chuireas ag ann na sgeul cha ruig iad a leas a smuainteachadh gu ’n tairg i neoil an amh’ruis a characha’ le mionnan: dheanamh i di’meas orra; is an a bhiodh aig amhairc air a shon is cha ’n islachadh i i fein co truaillidh, ’s gu ’n tairgidh i, idir a leithid. ’S ge’d chluinneas i fann sgeul tim-chioll urra fein cha toisich i air connspoid, no buaireadh; bheir i gu ceillidh cluas bhodhar do ’n nuaidheachd, is leigidh i tuiteam dhe’ gun mheorachadh sios gu h’uaidh na dichui’n. Comhnuichidh i so gu tearuinte o gach canain aig nach ’eil ceol sa bith na guth, ach gairm gu neo-gheamnuidheachd, oir tha fionaltachd a [TD 38] h inntin gu h iomlan na coigreach do namhaid co dioghaltach da sonas. Cia measail taitneach sealladh beatha na te so, gach cruth da gluasachd air an amhairc thu tha ’n leabhadh aig taisbeineadh dealbh fionalta chum lorgaireachd air urram agus speis. An cridhe dh’atas le truacantas air son amghar feodhain eile, a ghnuis anns am bheil seirc gu tric ra fhaicsin aig subhailcean sonnruighte mar so cha bu choir do dheoir na tuirsa bhi idir na ’n luchd eolais, no deirgid na trioblaid fosgladh air a mais’. A cudthrom a dh’or cha cheannuich e ’n te so, oir tha luach gu fior os ceann clocha buadhoil, agus cha ’n ’eil gach ni a dh’ainmeachas tu idir ra shamhlachadh ria; ’s feist bhuan a cuideachd, is a conaltradh a bheir fionaltachd do gach cusboir ma timchioll, tha cainnt, sa giulan gu ’n doinean, aig toirt ach’asan seachad na’s mo na briathra. ’S iad na subhailc so, is cha ne beulanachd gheur, ghuineach, no droch ghne a h ainm chum buaidh. A bhean cheillidh cha dean i gu brath do dh’ fheodhain eile an ni nach bu mhaith le dheanamh dhith fein; so an riaghail leis am meoghraich, is an tomhais i h uile ghniomhara sonnruighte: tha ’n te so co beartach ann am firinn, ciuineas, agus gach comhara eile maiseach, is nach fair-ainm a radh gu bheil i cosmhuil ris a ghrein gu laitheil cinnteach, soilleir; cha chriochnuich i so am feast ann an speis agus tlachd an luchd-amhairc a choimhead [TD 39] gun seargadh no failneachadh, cosmhuil ri fosgladh an ros duisgaidh i fāileadh cumhraidh taitneach ma timchioll. ’S i h annail annail na seirc, a briathra torradh na ceille: bidh a run, sa conaltradh do ’n aon seorsa, cha labhair a beul uair sa bith ach coslas na firinn an uair nach ’eil foill aig gabhail tamh na cridhe, cha ne sgeudachadh na baoibh a trusgan, no mirun faobhar a teanga; cha ’n ann le cabhag, no giorrag a theid a focail a chur mu sgaoil. Innsidh snasmhoirachd an tuigse iomlanachd an aite far an d’fhuair iad an altrum; tha fios aig bean na ceille gur priseil guth na firinn, ’s gu creideasach a coslas: uime sin canain an t suarceas, labhruidh a h uile ghniomhara co maith ra teangaidh: amhaircidh i air an fhirinn daonan ann an sealladh urramach, nach ’eil idir ra gnathucha’ mar chusboir bairigh, no mar chuis amaideach, cha cheol le ach a seinn, ’s cha run le ach a comhairle; samhlachadh cuilbheartan agus bhreug, ge d’ bhios iad air an taisbeinadh ann an dathanan seolta, air na ’m foillseachadh le briathra sgiolta, cha tarruing i dluth da ’n cuideachd, is cha ’n eisd i ra ’n guth, cha rūnaich i gluasachd ’s an t slighe, far am bheil an fhirinn air a di’measachadh. Ra h eolas cha dealaich i air son soirbheachadha no aiseachas, ma thuiteas dhith uair sa bith le sugra’ no neo’ churam a h ughdarras a dhi’chuimhneacha’, cha bhi ’n āire urra a failneachadh aidmheacha, no lorg- [TD 40] aireachd arist air son a chruth fhionalta. Cia i an du’ich, āl, no cearna do ’n t saoghal, anns an robh subhailc, measarrachd, is maisolachd mar so fuidh dhi’-meas. Is gann a tha ni sa bith co chreagach ra fhaotain is gu seas e mach fada an aghaidh faoi’elachd agus foighidin. “Cha ’n ’eil teanga’ ’n fhoghlum feimeil a dh’ fhoillseachadh cliu na mna aig am bheil ciuineas na gnuis, ann a conaltradh gliocas; suarceas ann a giulan, ann a beatha subhailce, agus ann a geamhnuidheachd trei’dhireas. Na buaidhean so air na ’n cruna le ceill is deagh ghne, mairidh iad beo na’s faide na aghaidh thlachdmhor agus claoidh, naduir, ’s aois fagaidh iad neo-fhaicsinach, cha ’n eil boichid sa bith ann ’s am bheil fior mhais, ach taobh a stigh na h inntin riaghailteach; ciuineas agus grinneas, is fior mhais iad so dreachalachd beusan, is conaltradh, tha iad moran na’s airidh air cliu na snasmhoirachd pearsa agus aghaidh mhaiseach. Ise tha ann an seilbh orra tha i air a fagail iomchuidh air a teaghlach a riaghlacha[?] gu ceart chum a bhi’ na h eiseimpleir airidh air toirt fa’near, araon da cloinn agus da luchd eolais: is iad so amhain [?] a dh’ fhagas mnai’ ciatfach, ’s a choisnea[s] dhoibh an tiodul is fearr chum cridhe agus gradh an dream ris am bheil iad ceanguilt.” Eisean a tha co sona ann [?] oirp, air an d’ amais ann a bhean phosda [TD 41] fior bhan-charaid, d’ am fead e bhrollach fhosgladh gu tearuinte, am fear air an do thachair so, cho’dhail e mor shonas; gu cinnteach tha reuson aige cliu thoirt do Dhia, thug le laimh shaibhir a lionmhoireachd a storais dhasan beartas buan, ainmeil do rireadh, agus oighreachd shonnruighte. Tha fior chairdeas mar gu faicte corp air na roinn is nach dean suas reite sa bith gus an tachair e air a bhloidh fein. Cia taitneach seirceil a labhras, sa dh’ amhairceas sin air an dream da’m bheil fior speis againn? Tha sin eidmhor ma ’n soirbheachadh, mothachaidh sin dealbh an t solais agus iomlaineachd aig Dusga ’n ar cridhe, gach uair a chluinneas sinn an ainm far am bheil an cliu ga mheudacha’. Cordadh agus ceangal caomh e roghain agus lan saor thoil ann ’s gach cuid ’s pairt, tha so ro fheimeil chum sonas lanain sa bith fhagail iomlan buan. Uime sin nuair tha reite soilleir ra leabhadh ann an teaghlach; Sean agus og ann an carthanachd le cheile, aig oirpeachadh gu treimhdhireach sonas iomlain a chur air aghaidh gu buil cheart. Cha ne ’mhain gu robh ’n tigh air a thogail le tuigse, ach bidh e air a Riaghlacha’, is air a dhaingneacha’ gu laitheil, le beannacha’. Is taitneach do rireadh an sealladh bhi’ aig faicsin teaghlach ann an ceangal caomh, seirceil, aig labhairt na firinn, agus daonan ann an si’chainte eatorra fein. Far am bheil cuideachadh is caoimhneas Dhia, air [TD 42] na Dhearbha’ bidh e air na fhaicsin, oir iadsan a tha fuidh a sheoladh, sa tha aig runacha’ an treoracha ann an slighe ’n dleasanais, cha chuir sgāil air bith folach air a mhaitheas uathsan: Ciod a chuireas smuairein, na buaireadh air bean na foighidin, is an t suairceis, cha d’ thig aon ni am feast leis am bi’ i air na carracha’ no air na h aomadh, no leis an claoidheir i gu mor, “ach cuimhn’ is iomradh maith a chaoich bi’ air a bhan-fhirean choir” oir tha aice cultaice tearuinte ann an la na stoirm, a bheir seachad gach ni maith ra mhealtuin, do bhri’ gu bheil i grasmhor faicilleach agus co thromach gun gho; oir aig diadhachd tha gealla cinnteach air a bheatha tha ’nois ann, co mhaith ris an t sonas a tha ri maireachduin gu siorruidh. Beannaichidh Dia saothair an teaghlaich a ghluaiseas ann a shlighe, aig am bheil tlachd do gach ni riaghailteach, mar chi sibh san 128 sailm, ’s aoibhneach gach neach a ghradhaicheas an tighearna, le cridhe glan gun cheilg; ’sa stiuras an ceumana do reir a lagh, oir bidh an aite taimh tearuinte, is ithidh iad gu sabhailt do thoradh an saothair. “Bithidh a bhean cheillidh mar chrann fion torach an taobh stigh da teaghlach, sa clann mar chrann ola tiomchioll a buird gu laitheil: mar so biaidh i air na beannacha’ a ghradhaicheas Dia, cuimhnichidh eisan i ann an Sion, chi i maith a teaghlaich, agus laithean fada; ’s clann [TD 43] a cloinne sonas sioruidh ann an Israel.” Ceannart sa bith togail, cha ’n e ’mhain gu bheil an t aite aige ra roghnacha’, ach mar an ceudn’ na nithe tha iomchuidh chum na h oibre. Tha cumhachd aig na nithe tha neo-thaitneach ra’n cur am feim a dhiulta’ ’s mar an ceudna a ghlacail sin tha iomlan freagarach, uime sin nuair a tha feodhain do ’n aon run agus togra’ aig deanamh suas an eolais ra cheile, aig beathacha’ seirc, is gach deagh ghnathacha’ eile. So gun amh’rus an tigh tha aig labhairt gliocas ’s an daingneach, is cha’n fhailnich am bunachar gu brath; tha buannachd mhor do bhean sa bith ann a bhi ceanguilte ri duine coir diadhaidh: O bhunachar co’ fionalta taitneach tha cuid mhor da sonas ’s a bheatha so, agus gu siorruidh gun amh’rus aig eirigh. Uime sin cha ’n eil a’chuinge sa bith a bu choir bhi’ ni bu durachdaich, no ceum beatha th’ aig lorgaireachd breathnacha is toirt fa’near ’s mo, no sin th’ aig treorucha chum posaidh; do bhri gu bheil cuid mhor da ’n sonas an so, is gu siorruidh an earbsa ri roghain dhaithoil; feadaidh luchd eolais air uairibh an am bar’ail bhi air na ’m mealladh ach cha ’n ann air an doigh so idir tha sealla Dhia, cha n’ eil e fosgailte do mhearachd sa bith, tha e gu h iomlan os cionn foill, na fhia’nuis air uile asdar na beatha; chi e le aon sealla deagh bhuaidhean gach neach; nuair tha eisan aig cuir a laimh ris a ghnothach, cha ’n fhead an sonas a bhi idir ann an [TD 44] cuntart. Iadsan tha aig deanamh an dichill a thoileacha’ le giulan saoi’eil riaghailteach, ’s an aon t slighe eifhachdach maille ri cairdeas Chrios’d’, chum a chaoi’neas a dheanamh cinnteach, gun amh’rus sa bith tha iad so taitneach na shuilean ’s tha curam aige mu ’n soirbheacha’ agus sonas, ach iadsan a theid air an aghaidh gun seoladh a shireadh air Dia no ghabhail, no lorgaireachd a dheana’ air gne, no deagh bheusan cusboir an speis, feadaidh h aon do sheorse obain, mar so criochnacha’ taitneach gu leoir, ach tha cuid chuntart ann ’s an oirp, ’s cha ’n ’eil e daonan aig tachairt gu ’m bidh sonas air a mhealtuin le meadhon co deifireach, uime sin cha smuaintich bao’ idir do neach sa bith amhairc le ceill air son an leithid fein, an t aon is dluithe thig ra ’n gne, is leis an saoiladh iad an sonas a bhi cinnteach, cia sa bith a thig ’s an t slighe. Tha fios aig Dia air maith a chlaoine fein, an seorse fionalta so bha gu cumanta aig lorgaireachd a thoil; tha e reusonta dhuinne a smuainteacha’ gu ’n amhairc e orra le tlachd; oir nuair a chi e cridheachan tha aig taisbeineadh samhlachadh anmhuin air fein, ach laidir air a cheile; th’ aig deanamh ionracais, onoir agus seirc bun’char an carthanachd. Tha ’n gradh do cheile aig teachd chum inmhe agus neart, agus sin ’n is mo o mhais deagh ghiulan no air son cusboir sa bith eile, ubraid, no amghar cha d’ thig iad so gu tric am feuchain le failt’ [TD 45] neo-fhreagarach da’n sonas is gach cruadail a tha ’n aghaidh aca ra thoirt air, cha ’n eil e ach aig samhlacha’ ceo’ na maidin; a tha aig deana’ deifir ro’ ghnuis na greine chum teiche gu grad o shealla. Leabhaidh bean ghlic daoine co maith ri leabhraichea[n] is bi’ a tuigse air a taisbeineadh gu soilleir [?] na roghain dhiubh araon: innsidh luchd eolais fionaltachd a blas agus a bhuannachd a leannas a saothair. Na h ainmeanan urramach th’ air na ’n cumail beo air chuimhne air son lionmhorachd an subhailcean; maille ris a chruth snasmhor sin bheir achasan seachad gun chaint thrasda, tha ra fhaicsin cha ’n ann an leabhraichean diomhain ach amhain anns an fheodhain thaghte airichte, far am bheil riaghailtean diadhaidh gu tric ra fhaicsin, is tabhachdach ra mheoracha; mar an ceudna tha eolas, eachdraidh air Rioghachd ro fheimeil, cha ne ’mhain gu fag rannsacha’ mar so cruth maiseach na dheigh, gu meudaich e tuigse agus soilleirachd; na te bhios gu chleachduin, gu ’n cuidich e a cridhe fagail, gne’oil, trocaireach, ach mar an ceudna cruinnichidh i storas air son conaltradh agus caitheamh aimsir a bhios na bhun’char, cuid mhor do thoileachas inntin dhith fein, sa dh’ fhagas i ro mheasoil aig a luchd eolais. ’S on ’gheibh an creideamh fein mais o chaitheamh beatha na mna cheillidh choir, uime sin gach neach aig am bheil speis do gach ni snasmhor, measarra, ni iad gairdeachas [TD 46] na cuideachd is cha struitheadh leo an uine a chaitheas iad na sealla, cha ne fasan na h aimsir a diadhachd air a ghnathacha ’mhain air shon cuis shonnruichte, no air am airichte cha ’n ann chum suiridh air cliu gun tlachd, no chur air aghaidh no chruinneacha’ ocar saoghalta; le run gu mor na’s fionalta, tha cusboir urramach a leanmhuin air na ghairm gu beatha, chum slainte shiorruidha h anma dheanamh cinnteach; is oibreachadh air gach doigh gus a chothrom is fearr, cha ’n e ’mhain gu bheil i aig mothacha cumhachd an spioraid is an fhior chreideamh, ach tha cānain a gluasachd aig labhairt am bri’ gu laitheil, agus sin ann a h uile ghniomhara; a Creud cha do thog i o chliu a du’cha le comhairle a luchd eolais; cha do chuir i a lamh ra creideamh gu baireadh obainn le cabhaig; no run gun cheasnacha, cha’n ann do bhri’ gu robh e na chleachduin aig a parantaibh, ’s a coimhearsnaich, ach le fein-rannsach a thug i gu ceillidh fa’near, le na riaghailtean urramach a leanmhuin gu bheil a sonas ann so is gu siorruidh soilleir ra leabhadh: uime sin ghlac i e le cnuasachd dhiomhair air a mhais, agus le lan saor-thoil; cha bhi gniomh sa bith feimeil, iongantach, no ainmeil air na thoirt gu buil a dh’ aon leum, nis lugha gu mor a bhios na nithe cudthromach sin a mhaireas gu siorruidh air na ’n criochnacha’ le run amhain as cugmhuis dichill agus curam. Bhi’ [TD 47] smuainteacha neach sa bith iompacha’, o’n chreideamh anns am bheil eisean, no ise, aon uair air an daingneacha’ as eugmhuis an lan run fein, cha n’eil ann an so ach gniomh faoin, leanbuidh, oir cha bhi’ co’-cheangal buan no treimhdhireach gu brath aig gabhail freumh taitneach, gu h airighte ann an nithe a bhuineas do chreideamh as eugmhuis fior chorda cridheil gu h iomlan o roghain; Bhi aig tairgse inntin neach sa bith a shiacha’ no aomadh o’n aidmheil a tha ’d fein gu toileach ga leanmhuin, le brosdnacha’ no comhairle dh’ aindeoin, cha ’n eil ann ach rūn mearrachdach is fior mhullach na h amaideachd: nuair nach urra thu iompaidh chur air an tuigse le reusonachadh soilleir no buannachd do bharailse fhagail freagarach d’ an togra’ fein: Bhi’ aig smuainteacha an smachdacha’ le anchothrom, cha ’n eil ann so ach truailleachd gun amh’rus, is tha gach oirp do’n t seorsa aig amhairc ann an dathanna gun tlachd, agus di-measoil ann an suilean Dhia, oir cha ’n ’eil e air mhodh sa bith aig corda ra lagh, no ann an rēite ri ni sa bith maith no creideasach; ach an te tha air na daingneacha’ ann ’s a chreideamh, leis a bhuannachd a tha i fein aig faicsin na lorg, tha i so na mais’ ann sa choimhearsnachd ma timchioll, na cuis fharmaid do gach neach a chi a gluasachd, na solus latha na teaghlagh, fuidh churam Dhia, is chithear daonan coslas a bheannachaidh aig dealradh air a gnuis. [TD 48] Cha’n eil a giulan feadh na seachduin am an riaghlacha’ a teaghlaich nis neo’-chumanta no ciatfach; nuair tha i aig dol chum teambull Dhia dia-donuich tha i aig teachd a dh’ ionsuidh na h Eaglais, ach cha ’n ann a dh’ amharc uaithe, no chum ’s gu ’m biodh i fein air na faicsin le feodhain eile, no shealtuin air fasan ūr, no lorgaireachd sgeultaibh na du’cha, a dh’ fhiosrucha’ tiomchill slainte cairdean, a dh’ iarruidh fear-ealain, no thagradh ain-fhiacha’ no ghabhail airgiod iasaid, ach an toir air cusboir is fionalta agus is mo’ airidh air tlachd agus toirt fa’near no h aon do na nithe suarrach so: tha i teachd a lorgaireachd beannacha’ a Dia, dh’ fhoillseachadh a taingealachd, a phaidheadh ’ris a h umhlachd, agus sin le fonn suighichte diadhaidh; riaghailteachd a giulan, is ciuinneas a h inntin: am feadh, ’sa tha i ann an sin co’ maith is ann ’s gach am agus aite eile tha gu fosgailte aig labhairt inmhe a dealbh is aig foillseachadh a maise. Tha i aig amharc air an eaglais mar aite coisrighte chum seirbheis Dhia a thoirt fa’near, ’s a chur air aghaidh, uime sin thig i an dlu’s do’n ionad urramach so le fonn suighichte ceillidh, is cha’n ann idir leis a chluicheachd baireadh, no amaideach a bhuineas do thigh-aidheir no sugradh, no le faoineas agus gaireachdaich a cur failt agus furrain air a luchd eolais; uime sin biodh i air a comharacha’ a measg a cho’thionail leis a [TD 49] cheill agus grinneas a tha i daonan aig taisbeanadh is cha ’n ann le h aon sa bith tha na choigreach do fhior dhiadhachd. Cia sa bith mar bhitheas an t searmoin labhruidh i urra le modhalachd, is taisbeinidh i le faicill agus grinneas gu bheil i ni’s mo na bean chriosduidh no bhi ealamh chum a teanga ‘ leigeil mo reir le neo’ thuigse chomharacha faillneacha an fhir labhairt. Fuilingidh barail creideamh na te so ceasnachadh ann diomhair co’ maith ’s gu follaisach ann an lathair an t saoghail, cha ’n eil an cruth ceart aig co’ sheasamh idir ann an sgleo air an taobh amuigh ann a bhi aig catheadh clogaide na foill no cleoca na naomhachd air amanan airighte. Ann an neoil dhorcha dhulaidh air a mhalaidh, ann an turadan no suil fhiar, no ann an samhlacha ochan no osna, mar gu bidh na nithe neo-snasmhor so na meadhon eifachdach chum slainte; uime sin tha briogh a creideamh aig co’ sheasamh ann ’s an riaghail shoilleir shonnruighte so, tlachd do cheartas, trocair a ghradhacha, ’s gluasachd gu h umhal iorsil le na Dia. Cha bhi’ i aig leagail lion air son cliu fhollaisach, ’s an uair a mholas tu i air son gniomh ’s airidh air toirt fa’near le tosd no ciuineas taisbeinidh i nach eil tlachd aice bhi’ ’g eisdeachd nuaidheachd a mheadaichas fein-speis no bhitheas aig amharc no gluasachd ann an ceum sodail gun fheim. Ann ’s gach aite an seall i tha i gabhail [TD 50] barrachd curam a dh’ fholach no dh’ fhoill seachadh a subhailcean fein: cha bhi’ i uair sa bith aig amhairc na deigh a dh’ fheuchain am bheil suil an iongantais aig gabhail beachd air a ceum no aig ceasnachadh a dreach. Cha bhi’ sliochd na teanga cheillidh air a comharacha ann an sgeultain breugach mearrachdach; cha ne ’mhain gu bheil na dubhailcean so na ’n coigreich da brollach fein ach ’s fuathach le gach coslas a chi i dhiubh ann am feodhain eile: ’s gu brath cha ’n fhosgail i’n dorus do luchd asdair co-suarach. Subhailce, treimhdhireas ’s measarrachd ’s iad na clochan ’s am fiodh nach feudar a dhiteadh, ’s am bun’char bu mhiannach le Criosd’ a leagail ann an cridhe na te a roghnaicheas e dha fein, a gheibh coir air a bheannacha sa chomhnaicheas maille ris gu siorruidh. A chloch do dhiult na chlochairean tha i nois na cloch chinn anns an oisein, ach na cloch thuislidh do phairt, ’s na carruig oilbheum do fheodhain eile, agus iadsan uile thogas urra cha bhi’ aobhar nāire aca gu brath, bidh iad mar, chlochan beo ann an tigh spiordadailt, na ’n cloinn bheannuighte air na ’n cuir ma ’n sgaoil le saoirse, nach feadar tuillidh a chuibhreach le cuing na daorse. Thaisbein sinn cheanna cia mar bha bhean ghlic ra tigh a thogail, agus cuid do na nithe feimeil a bha freagarach air son a ghniomh shonnruighte, chum gach dealbh [TD 51] truaillidh a charracha ’s fionaltachd na h oibre thoirt chum sealladh taitneach; leannaidh sinn beagan ni’s faide fathasd air a buaidhean measail: aig bean a ghrinneas, ata suighichte na ceill cha’ neil feim teanga filidh no bard a thaisbeanadh a cliu no giulain; air a son labhruidh a deagh chaithe beatha fein gu laidir fallain anns gach aite ann ’s an taisbein i h eudan: cha bhi gnadan na h adhartan sa ’n oiche, no doinean aig riaghlacha gnothaichean a teaghlaich. Cha chomharaich thu uair sa bith beum a teanga aig leon no aig lot gu sgaiteach aon neach a thig san t slighe, cha ’n e cliu na di-moladh an t sluaigh air son am bheil i aig osnaich ach toil a coinnseis fein beannachadh a Dia an ni tha i runacha fhaotain na seilbh, ’s e lan thogra inntin ghlan a chumail suas am fiaghnuis Dhia, ’s dhaoine, se miann an sgeudacha a muigh sa stigh bhi’ do ’n aon seorse, leis a sin cha ’n eil eagal rannsacha no ceasnacha uirre uair sa bith; thig i so gu ciuin ceillidh le na gniomhraibh chum an t soluis a dhearbhadh a h oibre ’sa dh’ fhaotain a duais: ’s coma le an dorchadas do bhri’ nach ’eil a deanadas air a chur an gniomh gu h olc no mi-thlachd mhor: cha ne ’mhain gu bheil a gnothaichean aimsireil air an dealbh gu tuigseach, (oir cha bhi’ i ri milleadh no cur a mugha ach ann am measarrachd, is riaghail cheart) ach mar an ceudn’ le faicill bheir i fa’near na nithe tha tabhachdach chum maith a h [TD 52] anma chur air aghaidh ’s a thogail air bun’char cinnteach nach faillneich, nuair a dhosglas i suil sa mhaidin bheir i le urram buidheachas do Dhia air son socair na h oidhche, guidhidh i bheannacha gu durachdach urra fein ’s air gach ni na seilbh, iarruidh i chuideacha chum a dion fad an latha o thuisle, o chomhra baoth no amaideach, o bheathacha droch run ’s o chuir an geill ni sa bith a bhios air a leanmhuin le masladh no aithreachas, mairidh snasmhorachd na te so air cuimhne shiorruidh, eiridh ghrian uirre gu suilbhire le gairdeachas, sona a companach, ’s aoibhneach a ginneil, bidh iad aig eirigh ann am meas ’s creideas, saoruidh Dia i o bhuaireadh, stiuraidh e ceum gu tearuinte seachad air gach ceap tuislidh no claoi’; a bhean chiuin cheillidh tha i daonan fuidh churam, leis a sin cha ’n fhead i gun bhi’ eolach air gach ni tha taitneach, agus na coigreach air ubraid ’s buaireadh; uime sin cha ruig neach sa bith a leas bhi’ aig lorgaireachd na te so ann an compairt no comhairle na ’n daoi: “Ann an slighe fhiar na ’m peacach baoth cha ’n fhaic thu a ceum, ’s cha chluin thu a guth, ni mo ’s si cathair fanoid luchd an spors; a togra no tlachd;” ach slighe ghlan na fireantachd riaghail a ruin ’s miann a cridhe; eiridh sonas a solas do ’n te so anns gach cuis amhrusach. Tha cuireadh na ’n scriobtuirean fial, se so an canuin, a thairg Criosd air slanuigh-fhear do luchd a chridhe [TD 53] ghlan; thoir fh’urail do ghras ’s slainte do mhnaibh co mhaith ri fir; Ise a dh’ imicheas o dhaorse sa thogas teampul do Chriosd’ na cridhe, bidh i air na foillseacha le comhara ’n uain ’s gheibh i sabhailte gu h aite comhnuidh an Triath. Air clu inntin an nuaidheachd so tha mi ’nois aig fiosruch cia dh’ i bhan-ghaisgeach ’n ar measg nach gluais ann an slighe na babilon sa tha toileach cul chuir ris gach seorse peacaich: co an te dh’ fhag daoirse spioradail ’s nach dean ceangal ris na h Amoritich; aig am bheil a h aghaidh air fearran a gheallidh: ise bhitheas, ’s tha, Dia le ’s air a taoibh cha ’n aobhar eagail dhith, “oir as eugmhuis gu tog e fein an tigh, tha ’d aig saothrachadh anna diomhaineas, a tha ri togail, mu ’n dion ’s mar coimhid eisean am baile, tha faicill ’s neart an luchd faire gun eifhachd; ’s faoin bhi’ aig eirich moch ’s a luidh an-moch oir riaghlachaidh eisean gach cuis mar chi e fein iomchuidh;” cha biodh ach ro bheagan as eugmhais aite comhnuidh taitneach, na ’n deanadh run amhain paidheadh air son cosdus na togail: na ’m faighte sonas siorruidh bhuidhin ’s dol gu h ionad tamh air Dia gun saothair cha ’n ’eil ag nach biodh gu leoir do chuideachd ra fhaicsin an sin. Mar biodh gu bheil eidirdhealachadh mor eadir subhailc agus dubhailc, ’s an crioch ’s an aite tamh neo-chosmhuil ra cheile, co bheiradh na h urrad do sharacha dhith fein ann an cogudh an aghaidh [TD 54] cruth gach peacaidh ’s ioma’ leannan buaireadh: mar biodh gu bheil crun gairdeachais ’s sonas siorruidh air na ghealtuin ’s air na dheanamh cinnteach do’n te ghiulaineas ’s a thachras air cruadail na beatha le foighidin ’s ciuineas; no co bhiodh aig an t saothair an aghaidh thoirt air amghar sa bith. Cha ’n ’eil ach ro bheagan a roghnaicha’ bhi aig gleachd ri buaireadh ’s saracha, mar biodh gu bheil sonas neo chriochnuichte ’s sichainte nach crion ’s nach caith le aimsir na uine, air na dheana’ cinnteach do shubhailc’ ’s deagh chaithe beatha; ach tha truaileachd ’s amghar aig leanmhuin cloinn na h easumlachd ’s cha bhi’ cuid no pairt aca do thigh na firinn no ’n t solais. Dathanan fionalta air an tarruing air grund dorcha, cha lughdaich e an buaidhean fein air mhodh sa bith; nuair tha cusboir tlachdmhor maiseach air a shamlachadh ri dealbh dimeasoil suarach bithidh a dreach an sin ni soilleir ra fhaicsin. Bean ghlic toghaidh i tigh, ach bu mhiannach leis an amaid a mhilleadh le na lamhaibh. Thanig sinn anois air ar ’n aghaidh chum beagan a labhairt air an amaid; agus o nach ’eil i fein no h aiceachd ra ’n roghnacha cha chaith sinn moran do air ’n uine na cuideachd; cha ’n eil anns an te chaill a reuson ach uir’easach bochd tha air na comharacha le smachd Dhia, ’s leis sinn cha bhuin an t ainm dhith, ach si ’n amaid ra rireadh ann am bhar’ailse ise nach ceann- [TD 55] saich ni sa bith diadhaidh, no taitneach, a dh’ fhag comhearsnachd naire, a threig ughdarras shubhailce, a chaill a meas sa creideas ise tha a giulan aig deana’ fochaid air gach dealbh geamnuidh, fionalta, riaghailteach. Ann an diomhaineas bhitheas tu aig amharc air son suarceis, toradh ceill no banalachd o’n te aig am bheil firinn, ’s measarrachd ’s gach ni cliuteach eile ann an tailceas ’s dimeas. Ise tha baoibheil guannach, cha ne ’mhain gu mill i cuid fein, ach bu mhiannach le ea-coir dhaoine eile dheana’ mar an ceudn’. Bhi aig saoltin gach deagh shubhailce bheir i o luchd eolais, gu ’n cuir e ra mais’, no o mhearrachd an giulain gu ’m bidh a porsan fein do chliu air na riagh’lacha’, se so do gach run, a miann ’s truaille, oir tha e ann an aimhreite shoilleir ri sior chreideamh, agus maitheas croidhe. An te nach gabh comhairle no ach’san, nach iarr cuideacha Dhia, no sheoladh, nach feuch le curam, no tuigse air ni sa bith a their no ni i aig cumail coimhearsnaich ’s luchd eolais ann an ubraid roimhe cheile; aig dusgadh ’s aig sgaoileadh buairidh anns gach aite ’n gluais i, gun srian ra teangaidh no ra giulan, na coigreach do gach ni tha banail, no choisneadh fior speis. Cha ’n ’eil aon neach aig am bheil tuigse chumanta nach seachnadh a ceum, ’s a cuideachd co-fhad, ’sa b’urradh iad; oir si crioch na ’n aitheanta daonnachd le croidhe glan, ma tha ’n amaid air an doigh [TD 56] so co dimeasail, suarrach ann an sealladh gach cuideachd shaoidheil choir, cha ’n ’eil ni sa bith a ghabhas leith-sgeul, no ni suas call deagh bheusan. Ge do bhitheadh gnuis aig te co maiseach ri aingeal ma tha giulan ann an cumantas aig labhairt fuath air gach ni urramach riaghailteach, ann an ceangal ri gne dhuilbhir, tionndai’h i ann an uine ghairid na cusboir gu’n tlachd, ’s ni mo ni beartas no fuil uasal ainmeil call na ’n subhailcean so a lionadh; no dheana’ suas. ’S cruth gun chreideas an amaid anns gach rannsacha, cha ’n ’eil briogh na conaltradh no mais na giulan, ’s leis a sin cha lean sin nis faide air a meorachadh, ’s gun amh’rus b’aoibhneach an ni nam faigheadh gach neach co-aiseach dealacha ri cuideachd gach aon do ’n t seorse, ’sa gheibh sinne air ceud a ghabhail dhith ’s an am. ’S iad ciuineas, gliocas, ’s tuigse, no ann am briathra aithghear’ deagh chaithe beatha am porson ’s buaine fhuair aon te riamh, cha chaill iad ann an cliu no an dreach a shamhradh no gheamhradh, le easlainte no aois cha tuit iad le gaillein, cha chrion iad le teas, cha mheataich le fuachd, ach mairidh iad gu sgiamhach snasmhor, le mais ur gach mios ’s bliadhna ’s feadh laithean a beatha gu h iomlan. Beusan fionalta, so an sgeudacha dreachail nach caill a mhais le na chaithe cosmhuil ri do thrusgan, ach a sgaras o cheile gach neoil dheuchain le gathana’ dealrach gun smal. Bean ghlic to- [TD 57] gaidh i tigh; cha ne ’mhain (mar thuairt mi cheana) gu ’n coisrig i do Dhia i fein nuair a dh’ fhosglas i suil sa mhaidin, ach mar an ceudn’ nuair a chriochnaicheas i obair an latha; ann an uaigneas no ann an diomhaireachd a croidhe fein, meorachidh i maitheas ’s curam a Dia; bheir i le taingealachd buidheachas dha air son a dion ’s a coimhid o gach tubaisd fhollasach ’s ceap tuislidh diomhair. Feuchaidh i gu foistineach cia maith chuir i ’n gniomh no ’n geill, ’n drinn i ceum mearrachdach, no ’n dubhairt i ni sa bith maslach, ’n d’ thug i oirp air oilbheum a thoirt do aon neach an smuaintigh, guth, no gniomh; ’n robh conaltradh sa cuideachd air an tagha, an robh gach uair do ’n latha na ’m fia’nuisean ann an lamh an uachdar fhaotain air guth gach sodail ’s buairidh thanig ann an sealladh, ma se so an teisteis tha coinnseas ’sa gniomhara aig taisbeineadh, le barantas feadaidh i radh gu robh h aimsir gu ceart air a builleachadh, ma thuiteas dhith uair sa bith a chaochla so a leabhadh a thoirt fa’near, ma gheibh i mach faillneachadh no choslas, guidhidh i gu durachdach chum seasamh le neart nis iomlaine ann an aghaidh gach samlacha do ’n t seorse cheudn’ thig tuillidh na lathair, Diultaidh i le di-meas gach tairgse bhios aig bagairt a neo-chionta aomadh no lughdacha, ’s cumaidh bean a chridhe mhaith suas gu misneachail an treimhdhireas sin nach biodh air a dhit- [TD 58] eadh no air a thionndadh le foill no mearrachd. Biodh cainnt ’s guidhe na mna chiuin cheillidh cosmhuil ri briathra ’n duine ainmeil a thuirt “o Dhia ceudaich dhamh cliu onorach ceart, no na h aidmhich dhamh idir fuaim urraim.” ’S mor a chuis mhisneich coinnseas glan a thoirt an aghaidh air siorruidheachd leis oir ise aig am bheil an t suil amhairc sin air an taobh stigh, a rannsaichas sa chi nis mionaidich no breathnachudh dhaoine, aig innseadh gu ’n e lagh a Dia cusboir iomlan a speis; gu cinnteach cha ’n fhead a dochus a bhi’ mealta, ni modha bhios a creideamh gun luigheachd; dh’ fhag i gu fada rioghachd an dorchadais sa ’n eagail, oir cia chuireas gealtachd uirre tha fuidh smeide gnuis a cruitheoir fuidh shealladh a shuil, nach robh idir toileach a diadhachd a chrochadh air riochd truaillidh: ni mo’ tha blath a creideamh aig co sheasamh ann an geasrogan gun fheim no sgail breige air an taobh amuigh ach anns a chuid loinneal fhionalta air an taobh a stigh, an nan gloinnid neo chionta, ’s maiseileachd na beatha. ’N uair theid bean na ceill ann an cuideachd cuiridh i gu daingean faicilleach glais air a billidh, roghnachaidh i briathra ’s cha ’n fhosgail i beul gu h obain no gun toirt fa’near, ni mo’ a labhras i ’m focal a bu mhiannach le ’riste a ghairm air ais; nuair a bhitheas i cluinntin a luchd eolais aig labhairt air faillneachadh feodhain eile, cha [TD 59] dichuimhneich i idir an am fiosruich dhith fein am bheil a bheag do ’n t seorse cheudn’ aig leanmhuin riumsa; ma bheir a meoghair ga cuimhne an samhlacha ’s lugha se ach’asan a coinseais dhith san am: biodh ad thosd, na tairg intreadh ann an co chomun le luchd a bheum chuil, ’s mur an urra thu focal trocaireach chur as leith an neach tha aig fullaing binn dhitidh, na h aontaich idir le guth a mhaslaidh, gu ma fearr leat gu mor oirp a thoirt air aigne na cuideachd a thionnda air falbh chum cusboir sonnruighte airidh air toirt fa’near, no eachdraidh neo chionteach eile. Leis a so cha ne ’mhain feadaidh e bith gu bheil thu aig dion neach tha saor o’n ni air am bheil iad aig labhairt gu neo-chothromach ach mothachaidh thu gun amh’rus buannachd as eugmhais call aig leanmhuin gach cleachduin do ’n t seorse cheudn’. Mar so a thogas a bhean ghlic a creideas co maith ra tigh: tha ’n t ainm bean aluinn gu mearachdach, ’s gu neo reusonta air na thoirt seachad oir na buaidhean tha aig deanamh suas na fior dhreach, tha ’d gu soilleir aig co sheasamh ann an tuigse ’s eolas gne mhin, mhoghar, giulan ciuin, riaghailteach, fonnmhor, geamnuidh, faicilleach toirt fanearach. Ise aig am bheil a mhais so na seilbh, tha i measail aig Dia ’s daoine, ’s mairidh h ainm ann an cuimhne a luchd eolais ’n diaigh dhith fein an saogal so fhagail. A bhean a stiuras a ceum gu taitneach, [TD 60] a reir lagh na saoirse, a threigeas le misneach do chrathadh coslas gach buairidh, a cheasnaichas, gu banail foistineach guth ’s briogh gach cusboir, ’s gach cruth nach ’eil aig caitheamh ach ’s gail na ’m breug, cha ghabh i na ’n cuideach ’s cha ’n eisd i ’n comhairle, ach diultaidh i riu gu tur ’s le dimeas bheir i aithne dhoibh teichadh as a sealladh. Bi’dh daingneach na te so bunailteach, se tearmun carruic na seirc ’s na sichainte, biodh a grian gu dealrach aig soillseachadh, ’s cha ’n urra na droch dhaoine smal a chuir air a mais, no gniomhara a dhite; a tigh cha tuit, ’s cha ’n aom “se Dia a fear coimhid, ’s a sgail air a laimh dheis gu buan,” bidh i air a dion a dh’ oidhch agus a latha, ’s air a treoracha gu sabhailte o aon cheum grais gu ceum eile gus am bidh i fa’ dheireadh air a socracha ann an sonas nach criochnuich, am bheil feim air tuillidh briathra, nach eil nis leor ann ’s na thuirt mi cheanna, a dhusgadh togra nach fheadar a dhite? ann am brollach gach bean am eisdeachd chum cairdeas Dhia a chosnadh, meas ’s cliu gach duine coir? faic fear aig fullang cuid mhor da bheatha triobloid ’s deuchain, ’s ’e aig faotuin ma dheireadh ann a sheilbh bean chiuin, mhoghar, bhannail, cheillidh; Bhiodh fhu-langtais sa chaill air an tionndadh gu buannachd ’s gairdeachas, a dh’aon uair air an di-chuimhneachadh ann an sonas; Ge’d nach eil co throm aig ainm anns an am air [TD 61] dleasanais an fhir fhoillseacha, gidheadh labhraidh sinn focal na dha ris anns an dol seachad. Tha e ro iomchuidh dha tachairt air a mhnaoi le seirc is foighidin, gun bhi ullamh chum lasadh ann am feirg no dioghaltas, ughdarras a bhi daonnan air a choimasg le trocair is gne’alachd, a faillneacha, chur gu ceillidh, is gu folachaidh, le tuigse na sealla fein, a cronachadh le ciuineas leo fein, gun a mearrachd fhoillseacha mar oran do gach neach mu’n cuairt. Tha briathra an Abstoil iomchuidh ra ’n toirt fa’near, mar chi sibh ann an leabhar na’n, Eph. Caib. xxii. 23. “A mhnai’ umhlachaibh sibh fein do ’r fir mar do ’n Tighearna, oir se am fear ceann na mna mar se Criosd ceann na h Eaglais,” ’s mar bha ’n gradh a thaisbein eisean fionalta tha e iomchuidh do ’n fhear samhlacha do ’n t seorse cheudna chur an geill dhithse, oir ’s coir dhoibh am mnai’ a ghradhacha mar an cuirp fein, uime sin eisean a bheir speis da bhean tha tlachd aige dhe’ fein. Tha coducha eile air so ann an leabhar na’n. Collos. Caib. iii. 10. “Fheara’ graidhaichibh air mnai’ is na bithibh searbh na’n aghaidh, no ealamh chum am brosnacha gu feirg:” cha’n fheud am posadh gun amh’rus gun bhidh na bheannachadh an uair a bhios seirc is reidheolachd air gach taobh, uime sin se’n giulan beusach banail am fior bheartas, agus an storas is buaine is urra aon te fhaotain na seilbh. Moralachd, no amaideachd cha ’n fhaigh [TD 62] iad uair sa bith ughdarras o ghiulan, na mna glic tha fios aice gur gairid a mhaireas ardan, is gur suarrach an osag thinnis no thriobloid bheir claoidh da gnuis gun tairbh, a thilgeas i sios gun luth gun neart is a sgaoileas a bun’char gu h aithiseach o cheile. Gruaim no drochmhuna cha ne a sgeudacha, cha tuig i guth a mhi-thlachd is cha ghluais i gu brath le cuideachd co di-measail; cha ’n eisd i ri tnuth no farmad, is cha bhiodh iad idir aice na ’n luchd ruin no taithe; se fear na te so dh’ fheadas a radh gun amh’rus, “gun gun do thuit a lion ann an aite aoibhneach is gun d’ fhuair e oighreachd bhrēagh nach gann,” ge’d tha cuideachd ro thaitneach chum buanacha leidhe air ar ’n aghaidh gidheadh tha an t am againn anois an tiomlan a chriochnacha. O’n mhineacha chuaidh a dheana’ cheanna air ar teagaisg; thug mi oirp air mais na mna’ ghlic a thaisbeineadh ann a sgeudacha fionalta fein, is na’m b urra mo thuigse tuillidh ceartais dheana’ ria, cha b obair chailte leam an gniomh, ach anois cuiridh sinn crioch air an iomlan le briathra aithgheara freagarach do na chuaidh cheanna a radh. Sēud riomhach na mor luach, bidh meas aig na’s leor air aite sa bith far am faic iad a bheag da leithid; mar an ceudna na’m biodh gach uile bhean iomlan oirdheirc cha bhiodh idir na h urrad do dh’ iongantas oirnn an uair a chithamid a h aon do ’n t seorse; ach cha ’n ann aig ceann a [TD 63] h uile mile gheibhear coslas na te so, [?] anns gach baile. Ach cia sa bith air a[n?] tachair i is sona chrannchar agus is buan a bheannachadh: cha ne ’mhain gu bheil i saoidheil ciuin, gun tlachd do mhiosguinn no culchāineadh i fein, ach ge’d a chluineas i uair sa bith fann sgeul timchioll a fir, no cloinne, ma se ’s gu bheil e gun bhun’char ceart, is gun duisg e bheag do bhuaireadh na teaghlach, is ann a bheir i ach’asan do ’n luchd innsidh, is cha ’n fhoillsich idir an ni a chual i, is ni mō bhios tlachd aice uair sa bith bhi ga mheoracha. Tha i so na beannacha anns gach aite far am bheil i ra faotainn; cha bhi curam a Dia, no cairdeas an duine choir dhith idir na’n coigrich. A bhean ghlic ni i gnothaichean ann an ām, cha chuir i dāil gus am māireach anns an ni bu choir dhith dheana’ an diu’. Leis a sin cha ’n fhead a duais no meas bhi’ ann an cunthart; bidh ainglibh aig campucha timchioll air a h aite tamh chum a treoracha gu sabhailt ann an ceum a sonais. Ise “nach do thog a h anam ri diomhaineas, nach amhairce, is nach gluaiseadh ann an slighe fhiar na’n ciontach, gheibh i so gu h ionad tamh a Dia, agus socraichidh i ann a aite naomha.” Si Cānain na foighidin fosgladh a beil, is a caithe beatha sgathan na tuigse, cha ’n ann le buaireadh * no criomchaig dh’ fhosglas i suil sa mhaidin a ghluaises i na teaghlach, no chriochnaich- * Cur-iomchair. [TD 64] MEARACHDAN. Taobh-duileig. Sreath. Mearachd. Leabh. 4 2 amid Amaid 4 dleasdanas dleasanas 6 uairbh uairibh 9 an na 10 cad Ge d’ 13 folachaidh folaichte 6 7 cean-gal ceangal 12 ra rireadh do rireadh 13 duiche du’aich 18 thairt tho’airt 7 2 dh’ ainmisich dh’ainmich 6 gceudna ceudna 7 tim-choill timchioll 25 tumuill tamaill 28 rioch riochd 32 canmhuin cānain 8 5 moil moille 17 daithoil daicheill 25 charruich charaich 27 chauidh chuaidh 9 10 on a o’n 15 fod-seilbh no chloch stē’ 10 10 ghiomh ghniomh 24 gruam ach gruamach 25 on cuirineachadh o’n cuirneachadh 28 g’uairt cuairt 11 11 fuilghnidh fuilingidh 33 ’s iadh is iad 12 4 teampuill Teampull 12 ’s cliu ’s a cliu 25 thanig a riamh a thainig riamh 30 anm a 13 28 bheile na neoile bhuil na neoil 14 8 carrachadh caruicheadh 21 ana ann an 17 30 toilein t oilein [TD 65] Mearachdan. Taobh-duileig. Sreath. Mearachd. Leabh. 17 31 a air a 18 8 ceanguil ceangal 19 15 cuidheachadh cuideachadh 20 7 thilgin thilgeil 21 8 deuchain d’ fheuchainn 19 an tsachgilse an t saoghail so 24 caill call 22 9 luaimneach luaineach 28 ciurin cuirneachadh 25 18 mid-hreach mi-dhreach 23 thar thair 29 beoduidh bithidh a 30 ach gach 26 31 bliandhnuidh bliannai’ 27 17 mhichreideas ach. mhi-chreideasach 35 30 cuimhe cuimhne 40 5 chreagach chruaidh 44 16 smuaintich smuaintidh 45 24 fagail fhagail 48 1 am ann 25 coisrighte coisrigte 50 1 dh’ fhoilb seachadh. dh’ fhoillseachadh 53 8 dh’ i i a 20 eirich eiridh 56 8 tionndai’h tionndaidh 17 co-aiseach co’aithiseach 59 29 fanearach fa’near