[TD 215] [Dealbh] “Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia, le d’ uile chridhe, agus do choimhearsnach mar thu féin.” FEAR-TATHAICH NAM BEANN. AIR. VIII.] AN T-OCHDAMH MIOS, 1848. [R’A REIC AIRSON TRI SGILLINN’. CONTENTS:—I. The Dew of Israel—Illustration of Hosea, xiv. 5 page, 215. II. The Duty of Parents to Educate their Children, page 219. III. Brief Sketch of Edmund Stone a native of Inverary Argyleshire—His perseverance and ultimate Success, page 223. IV. Statistics of Missionary Societies throughout the World, page 225. V. The Morning Star—Illustration of Rev ii. 28. page, 229. VI. Description of Cape Breton North America, page 231. VII. Trials and Afflictions Sanctified by God, page 241. VIII. Public News—Full Account of the late Revolution in France,—Threatened Insurrection in Spain—Depression in the British possessions West Indies—The threatened Irish Rebellion—Markets, page, 243. I. DRUCHD ISRAEL. “Bithidh mi mar an drùchd do Israel; fàsaidh e mar an liligh, agus cuiridh e mach a fhreumha mar Lebanon.” Hos. xiv. 5. THA Dia anns a’ chaibdeil so a’ glaodhaich air a shluagh, agus ag ràdh,—“Pill O! Israel ris an Tighearna do Dhia;” agus tha e ’gealltuinn mar chulaidh mhisnich dhoibh, “Leighisidh mise an cùl-sleamhnachadh, gràdhaichidh mi iad gu saor: oir phill mo chorruich air faibh uaith. Bithidh mi mar an drùchd do Israel; fasaidh e mar an liligh.” Thugamaid gu h-athghearr fainear cuid de na nithean a tha fillte ’steach fo na briathran so, “Bithidh mi mar an drùchd do Israel.” Cha ’n aithne dhomh gealladh is millse. Cia ciùin, taitneach, an samhladh a tha ’n so! Cò ’s urrainn a léughadh gun a ghuidhe dhùrachdach a chur suas, “Bi thusa Iosa bheannuichte dhòmhsa mar dhrùchd na maidne—thigeadh do bheannachdan féin a nuas air m-anam mar an fhearthuinn chiùin, [TD 216] thlà air moch-thra’ ’chéitein. Tha na Sgriobturan gu tric a’ deanamh feum de ’n drùchd, no de ’n dealt, mar shamhladh air fìrinnean mòra spioradail—tha e ’ciallachadh air uairibh sochairean aimsireil. Mar so tha Isaac ag ràdh a thaobh sliochd Esau, “Fèuch ann am maise na talmhainn bithidh do chòmhnuidh, agus ann an drùchd nèamh ’o ’n àirde.” Agus gu tric tha sochairean spioradail air an leigeadh ris duinn mar ann an Deut. xxxiii. 28., far am bheil e air a ghealltuinn do Israel—“Bithidh tobar Iacob air fhearann, agus silidh na neamha a nuas air mar dhrùchd.” Agus tha e air a ràdh ann an àit’ eile a thaobh teagasgan spioradail—“Tuitidh mar an drùchd mo chainnt, mar mhìn uisge air an lus mhaoth, agus mar fhrasan air an fhéur.” Tha ’n drùchd gu bitheanta air a chleachdadh mar shamhladh air sìth,—tha Salmaiche Israel ag ràdh:— “Mar dhealt air Hermon, ’s mar an drùchd Air sléibhtean Shioin shuas, ’N sin dh òrduich Dia am beannachadh, A bheatha shiorruidh bhuan.” Do chlann Dé iad féin a tha air an ùr-bhreith ’o ’n àird, tha ’n dealt air a thoirt mar sheilbh, do bhrìgh gu’m bheil gath do sholus diadhaidh a’ dealradh umpa, agus ìomhaidh Gréine na fireantachd a’ soillseachadh annta. Tha iad àilidh mar shéudan prìseil, agus tha ’n t-àm a’ teachd anns am bi iad lìonmhor mar dhrùchd na maidne nach urrainnear àireamh. Mar so tha e air ràdh mu’n dieghinn:— “Am mais’ ’s an sgéimh na naomhachd ghrinn, O bholg na maidne moich; Mar dhealt a thig a nuas o neamh Tha t òigridh iomarcach.” Gu ro thric tha ’n Spìorad Naomha le fheartaibh buadh’or anns an anam air a choimeas ri drùchd, oir tha esan do ’n anam thartmhor mar tha ’n dealt, ’s na frasan ciùin do ’n mhachair sheargta. Anns a’ ghealladh so a thugadh do Israel leis an fhàidhe Hosea, tha e air a ràdh—“Bithidh mise mar an drùchd,”—’s esan a tha ’braonadh a nuas an drùchd air an talamh; a tha ’g ràdh gu’m bi e féin mar an drùchd. Nach ann an so a tha ’n irisleachd agus a chaomhalachd mhòr? Cia do thuigsinn an caoimhneas a tha fillte steach anns a’ ghealladh sin,—gu’n tig e féin a nuas ann am feartan an Spioraid a thaiseachadh anama a’ phobuill, mar a thig an drùchd air a mhachair sheargta ’tha ’n impis a bhi air a losgadh a suas. Tha e ro dhuilich, cha mhòr eu-comasach dhuine ’tha chòmhnuidh ’s an dùthaich so làn shuim a gheallaidh so a thuigsinn. Ann an tìr Iudea ’s ainneamh idir a bha frasan uisge ann. ’S e ’n drùchd tròm a bha ’cur cinneis, agus fàis air gach luibh agus blàth—air gach lus agus féur—air gach craoibh ’us crann—air gach nì ’tha ’fàs, air chor ’s gu’m feudar a ràdh gu’m bheil cinneas ’us tarbhachd, ’us pailteas; an earbsa uile gu léir ri drùchd nan spéur. Nam [TD 217] fàilnicheadh an drùchd, air ball thigeadh gainne, ’us gorta, ’s bàs air an dùthaich. Ach ged nach urrainn duine anns an dùthaich far an d’ rinn Dia ’na fhreasdal ar càramh beachd fìrinneach a bhi aguinn air prìseileachd an drùchd ann na leithid sinn de dh-àite, ’s furàsda dhuinn a thuigsinn; oir gu tric dh-fhiosruich sinn ciod e an t-àm tioram neo-thorach, neo-tharbhach, seargta, a ghiùlan; agus feudaìdh sinn a thuigsinn cia anabarrach luachmhor agus taitneach ’sa tha feartan ciùin, gràsmhor an Spioraid do neach aig am bheil a leithid sin de dh-anam. ’S furasda dhuinn a thuigsinn ciod a tha air a chiallachadh le marbhantachd spioradail, agus dorchadas. Dh-fhiosraich Daibhidh so ’nuair a thubhairt e— “Air bhi do m’ smuainte muladach, A’s lionmhor ann am chom: Do cho-fhurtachd-sa thug an sin Sòlas do m’ anam trom.” Cia tric a tha luchd-muinntir an Tighearna a’ cur a suas an ùrnuigh, “Na toir do Spiorad Naomh air falbh,” agus an urrainn ni air bith feartan an Spioraid a shoilleireachadh dhuinn nas fearr na’n dealt? Tha ’n dealt a’ braonadh ’o neamh agus mar sin tha’n Spiorad Naomh: “Oir mar so ’deir an Tì àrd agus uasal, do ’n àite-còmhnuidh sìorruidheachd, do ’n ainm an Tì naomh; Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnuidh; maille ris-san fòs a ta leònta agus iriosal ’na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònta.” Tha ’n drùchd ag ath-bheothachadh Israel, agus mar sin an Comh-fhurtair ’nuair a thig esan a stigh do’n anam tha a ga ath-ùràchadh—ga. shlànachadh—a’ dùsgadh sìth, agus sòlas anns an anam. Feudaidh sinn amharc fhad ’s a thogras sinn arson cinneas anns an anam sin a tha aineolach air Criosd, agus air feartan an Spioraid. Far nach ’eil so air a shealbhachadh tha na h-uile ni air seargadh, ’s air an losgadh a suas le buaireadh agus le peacadh. Tha anam an duine a thaobh nàduir mar fhàsach—mar dhì-threimh fhiadhaich anns nach ’eil ni air bith a’ fàs ach tograidhean feòlmhor, agus smaointean mi-naomha. Rannsaich e mar a thogras tu agus feuch an urrainn duit am meanglan àilidh sin, gràdh Dhé, fhaotuinn ann—feuch shearg e agus bhàsaich e gu tur—rannsaich e agus feuch an urrainn duit aon òg-bhlàth fhaotuinn ann de dh-earbsa leanabail—de chràbhadh neo-chealgach—de thogradh dùrachdach gu ùrnuigh. Am faigh thu ann gràs na h-irisleachd—na foighidinn, na déigh air co-chomunn ri Dia? Cha’n fhaigh urrad agus aon bhlàth de’n t-seòrsa. Tha gàradh Edein, a bha aon uair àillidh, ’nuair a thainig e ’o laimh Dhé, ’nis ’na fhàsach chianail—cha’n ’eil cinneas, na beatha ann, ni mò tha cumhachd annaine gu ar n-anama ath-bheothachadh, agus cha ’n fhearr gach saothair is urrainn sinne ’chleachdadh ’nar neart féin chum fàs spioradail a thoirt mu ’n cuairt ’n ar n-anaman, na bhi ’dòrtadh uisge air doirneagan chlach. Cleachda’maid mar a thogras sinn, na meadhonan—léugha’maid na Sgriobturan—éisdea’maid an luchd-teagaisg as drùightiche, seadh, cuir- [TD 218] eadh iad a suas ùrnuigh anns na briathraibh is deas-chainntiche—deanadh iad so uile, agus cleachdadh iad gach saothair eile ’thogras iad, ach mar tig feartan an Spioraid mar dhrùchd as na h-àirdibh, cha bhi buaidh, na piseach. Cha ’n urrainn beatha ar n-anaman a bhi air a dùsgadh, na air a beothachadh gu bràth ach le spiorad Dhé. As eugmhais so cha bhi aon mheadhon a chleachdar nas fearr, no nas buadhmhoire na bhios an drùchd, na frasan ciùin air a charraig ailbhinn. ’S eigin gu’m bi nàdur an duine air ath-nuadhachadh. ’S e Dia amhàin is urrainn as na clochan, sluagh a chruthachadh dha féin,—clann a thogail suas do Abraham. ’S esan a mhàin is urrainn a thoirt air an fhasach gàirdeachas a dheanamh ’s a bhi fo bhlà mar an ròs. “Bithidh mise (ars’ an Tighearna) mar dhrùchd do Israel.” Cia prìseil an gealladh so gu’m bi e féin mar an drùchd; agus mar tha ’n drùchd a’ braonadh a nuas air feasgar tlàth an t-samhraidh, an uair a ta ’m machair seargta, agus tioram, ’s gach lùs ’us blàth fann agus lag an deigh teas an là. Mar sin tha’n drùchd neamhaidh a’ tighin a nuas air an anam a tha tartmhor agus fann. Falbh a mach air maduinn shamhraidh, agus amhairc mu’n cuairt duit agus c’àit am faic thu ’n drùchd anns a’ phailteas is mò? Nach faic thu e ’boilsgeadh anns na glinn iosal, agus a’ sgaoileadh a mach mar chuan farsuing de shéudan àillidh air an fhaiche iosal, ’s air na raointean còmhnard: ach ma dhìreas tu suas do na stùcan àrda, ’s na beannta cas, an sin cha’n ’eil an drùchd r’a fhaotuinn. Esan leis am b’ àill feartan an Spioraid fhiosrachadh ’s eigin da irisleachd altrum na anam. ’Mach as an doimhne ghairm Daibhidh air Dia— “Ge h-àrd Iehobhah seallaidh e, Air daoine umhal còir; Ach ’s léir dha ’n dream ud fad’ o laimh Tha làn de’n àrdan mhòr.” Tha Dia a’ gealltuinn gu’n gabh esan còmhnuidh maille risan a tha iriosal agus leònta ’na spiorad, a bheothachadh spioraid na muinntir iriosal, agus cridhe nan daoine leònta. Tha’n dealt neamhaidh a’ braonadh a nuas o na h-àirdibh ge b’ e àite ’m bheil gleann na h-irisleachd—anam bochd, tùrsach, falamh fann; sin an t-àite anns an dean Dia e féin aithnichte ann am feartan sòlasach an Spioraid. Mar a thuiteas an drùchd ann an sàmhchair chiùin na h-oidhche ’nuair nach ’eil doinionn no gaoith àrd, torran spéur, no dealanach, gidheadh ’s a’ mhaduinn chithear e air bàrr gach feòirnein, air duileig gach blàth, ’s gach craoibhe, s cha’n ’eil fhios co as a thainig e: mar sin tha dòighean an Spioraid. Cò ’s urrainn innse ciamar a tha e teachd a dh-ionnsuidh an anama, ’s ga bheothachadh? Tha so mar dhiomhaireachd dhealta na h-oidhche. Am bitheantas thig e ’dh-ionnsuidh an anama ann an sàmhchair, gun ghuth bho neamh, gun taisbeanadh air bith a chithear leis an t sùil. Ma’m bheil fhios aig a pheacach bhochd, bhrònach, a tha feitheamh ris, ’s a’ [TD 219] plosgadh as a dhéigh, tha e tighin dlùth air an luing ’s i air uideal a mach air a chuan, agus ’s e cheud sanas a bheir e uaithe,—focal an àigh, “S mise a ta ann, na biodh eagal ort.” Tha ’n t-anam a’ tuigsinn gur e so guth fir a’ ghràidh; mar so thainig an drùchd a’ nuas, ciamar, no co as cha ’n aithnichear, ach tha esan air an do bhraon e ’tuigsinn gu’m bheil anam air a bheathachadh, agus air fhionnarachadh a rìs. Cia torach sìolmhor an drùchd! Agus cia maiseach a bheatha spioradail a tha Criosd a’ toirt do ’n anam? Tha e toirt air an nì a bha roimhe so marbh, a bhi beò—’s esan a tha ’toirt air an fhearann a bha seargta, fàs, a bhi rìs fo bhlàth mar an ròs. O! cia glòrmhor an t-atharrachadh a tha tighin air an anam bhochd sin a bha air a sheargadh fo chumhachd a pheacaidh, aon uair ’s gu’n toirear e fo bhraonadh tarbhach spiorad nan gràs! ’S maith da rìreadh a dh-fheudas iad-san a bheachdaicheas air an atharrachadh so, a ràdh,— “S e Dia rinn sud, ’s ro iongantach ’N ar suilibh-ne an gniomh.” Agus a nis ciamar a thigeadh e dhuinn cliù agus moladh a thoirt do Dhia ma dh-fhiosraich sinne ath-bheothachadh an dealt neamhaidh so? An là a dh-fhàilnicheas so fannachaidh gach gràs a tha anns an anam—gach creideamh, a’s gràdh, a’s earbsa, agus sòlas—an sin cha bhi déigh, no togradh arson ùrnuigh, no mothachadh air bith air caoimhneas Dhé gu taingealachd a dhùsgadh anns an anam—bithidh e seachdta, seargta. O! cuimhnicheamaid matà, co prìseil ’s a tha ’n drùchd so, agus cò mòr ’s a tha e mar fhiachamh oirnn a bhi ga ghuidheadh ’s ga iarraidh ’o Dhia; oir gealladh nas prìseile na so cha ’n ’eil air a thoirt duinn ’s an Leabhar bheannuichte, “Bithidh mi mar an drùchd do Israel.”— “Mar dhrùchd air bhàrr nan luibhean maoth, ’S iad air gach taobh fo bhlàth; No mar na frasan thig a nuas Air fearann cruaidh ’sa mhàrt.” T. II. DLEASNAS PHARANTAN A THAOBH SGOIL A THOIRT DO ’N CLOINN. “Tha fear an eòlais tréun ann an neart.”—Gnàth. xxiv. 5. BHA sinn ann an Aireamh roimhe a’ feuchainn ri ’leìgeil ris cia ìosal, tàireil, truagh ’s a tha ’n duine ’n uair a tha e gun fhòghlum, gun teagasg; agus cia àrd agus glòrmhor an inbhe gus am bheil eòlas ceart ga thogail. Dh’ fheuchamaid ’s an Aireamh so ri dhearbhadh do mhuinntir na Gàedhealtachd cia dleasnach ’sa tha e dhoibh an clann a chur do na sgoilean sin a tha gach là a’ dol ’an lìonmhoireachd mu’n cuairt dhoibh. Theireamaid riuth gu soilleir [TD 220] nach ’eil ach earrann de’n dleasnas mar phàrantan criosduidh air a coi-lionadh le ’n cloinn a chur do ’n sgoil. Tha mòran r’a dheanadh ann an oilein ceart a thaobh deagh bhéus, agus diadhachd a thoirt dhoibh, a bhàrr air an cur do ’n sgoil; ach tha ’n so nì ’tha féumail—uil’-fhéumail—agus is ann uime so—mu fhòghlum saoghalta thoirt do chloinn a labhras sinn aig an àm. Tha sinn ’an dòchas nach ruig sinn leas mòran a ràdh gu dhearbhadh gu ’m bheil sgoil, agus ionnsachadh féumail arson daoine thoirt le meas, no le eireachdas troimh an t-saoghal so féin, gad nach biodh nì a b’ àirde ’s an amharc aca. Aidichidh daoine so ’am bitheantas; ach cosmhuil ri ioma nì a dh-aidicheas iad leis an teangaidh, cha ’n ’eil muinntir na Gàedhealtachd a’ toirt mòr shuim dha, no a’ deanamh d’a réir. Their cuid diubh gu’m bu shocrach, sàthach cor an sinnsireachd ’n uair nach robh sgoilean, no leabhraichean a’ cur mòran dragh’ orra, agus an uair a dh-fheudas beagan ionnsachaidh a bhi féumail nach ’eil maith anns an anabarr dheth. A nis cha ’n e ar barail gu’n robh cor na Gàedhealtachd ’s na làithean a dh-fhalbh aon chuid socair, no sàthach. Is ioma sgéul a chuala sinn mu luime, ’s mu ghainne deireadh earraich a’s samhraidh—an crodh-laoigh air an togail—agus fuil ga toirt as a’ chrodh-sheasg là an déigh latha arson an teaghlaich a ghleidheil beò, agus an tarbh a bhuineadh do’n bhaile gu léir a dh-ìobradh—a chur gu bàs—leis gach uile fear a bhi ’toirt as na b’urrainn da de fhuil air a latha féin. Tha naigheachdan gu leòir de’n t-seòrsa so aguinn bho dheadh urrainnean, agus ’s e ar beachd gu’n deanadh beagan fiosrachaidh, a’s fòghluim na’m biodh iad ann cor nan Gàedheal mòran n’a b’ fhearr ’s na linnean a dh-fhalbh. Ach ciamar air bith a bha iad ’s na laithean a chaidh seachad, tha e soilleir gur ioma nì a fhreagradh ’an sin nach freagair an diugh. Thainig mùthadh as atharrachadh mòr air an t-saoghal bho ’n àm ud. Tha’n sluagh air dol ’an lìonmhoireachd, as tha nas lugha de fharsuingeachd fo’n cois. Tha màil air an cur ’an daoiread, gach frìth ’am bi fiadh, ’s gach linne air am bris bradan am buinne air an dùnadh ’n an aghaidh. Tha mòran dhiubh gun fhearann, gun fhonn— “Gun chaora’, gun ghabhar, Gun oisg, gun mhìseach— Gun urrad ’s bo mhìn A chreimeas an làr.” Tha ’Ghàedhealtachd tuille ’s lom, agus tuille ’s cumhann arson na bheil innte de shluagh, agus esan a tha gun sgoil gun fhòghlum, cha ’n ’eil e ach gu ro dhona arson a’ fàgail—seadh cha’n urrainn e a fàgail gun chuid-éigin aig am bheil ionnsachadh a bhi ’g eadar-theangachadh air a shon, ’s cha ’n ’eil e ach na ghnothach glé bhochd do dhuine gu ’m biodh “a theangadh-san ’am pluic fir eile.” Cha ’n urrainn e ’Ghàedhealtachd fhàgail, ’s cha ’n ’eil e gu minic ach ciotach, cearbach, glé lùsbach, leiristeach arson cothachadh ’an sin féin. Cha dean e nì ach an dubh-chosnadh, agus is [TD 221] beag dochann, no deireas a thig air-san—is beag fàilinn a thig ’an cosnadh an uair a tha esan mar iasg air tìr—an uair a tha e ’s a chasan an àird gun chomas car aige—gun dòigh air nì air bith a dheanamh air a shon féin. Ach am fear aig am bheil deagh sgoil as fòghlum tha gach cearnadh de’n t-saoghal fosgailte dha—ni e ’rathad ’s gach àite, agus tha ioma dòigh aige air e féin a thoirt troimhe. Agus gun a bhi ’g ràdh mòran tuille mu’n chùis so faicibh duin’ air bith ciod a rinn fòghlum arson nan Gàedheal a fhuair greim air, agus chi iad gur cumhachd agus beairteas eòlas. Is lìonmhor iadsan a thogadh ’s na bothain dhubha thotaidh, a dhìrich gu dreuchdan àrd agus urramach, air muir ’s air tìr. Is lìonmhor Cinn-fheachd as Seanalairean ainmeil dhiubh so. A rithis is lìonmhor marsantan mòra beairteach dhiubh. Seallaibh air marsantan Ghlascho. Nach minic Caimbeulaich, Domhnullaich, as Stiubhartaich ’n am measg? Agus gheibh sibh mu’n chuid mhòr dhiubh so gu’n robh iad féin, no an aithrichean ’an cor gle bhochd ’s a’ Ghàedhealtachd aon uair, ach le fòghlum, as le tapadh fhuair iad air an aghaidh. A rithis tha iad ro lìonmhor ’am measg Cléir, as Maighstirean sgoil’ na tìre Gàedheil a dhìrich mar a rinn Eoghan Mac Lachuinn—air an tug sinn sgéul bho cheann ghoirid—bho fhìor bhochduinn, le fòghlum agus le deagh bhéus amhàin: ach a bhiodh air an dubh-bhochduinn fad an làithean mar faigheadh iad deagh ionnsachadh ’na thràth. Tha sinn a nis eòlach air ioma cearna de’n Ghàedhealtachd, agus chunnaic sinn ’s gach cearnaidh an aon ni daonnan a’ tachairt—far an robh sgoil mhaith, agus pàrantan cùramach mu’n clann a ghleidheil innte—gu’n robh a’ chlann sin am bitheantas a’ streap ’suas gu cor a b’ fhearr, agus ’nan taic as ’nan cliù do’n càirdean, agus an fheadhain a bha ’s a’ cheart chothrom riuth, ach nach tug sgoil do’n cloinn, chunnaic sinn a’ chlann sinn a’ crùban mu’n cuairt dhoibh gun tapadh, gun tréubhantas—mar bhàirnich air a’ chreig a’ dlùth leantuinn ris a cheart bhall ’s an do thuit dhoibh a bhi air an càradh gun aon oidheirp air gluasad air falbh, no cor a b’ àirde iarraidh. Cha ’n fhaca sinn riamh fathasd Gàedheal bochd a fhuair deadh ionnsachadh nach tug e féin air aghaidh mur robh meang, no fàillinn shònruichte ann féin a thaobh mì-bhéus, no droch shlàinte, ’s cha ’n ’eil teagamh air bith aguinn aig a’ cheart àm—cruaidh ’s mar a tha ’n saoghal—na’m biodh fòghlum air a thoirt do òigridh na Gàedhealtachd nach tugadh iad an cinn féin a mach an àit-eiginn. Ach tha mòran de’n Ghàedhealtachd fada fad’ air a h-ais a thaobh fòghluim as sgoileireachd. A réir nan cunntas is fearr a tha aguinn, tha dlùth aig ceithir fichead mìle pearsa innte nach urrainn urrad agus léughadh. Tha ro mhòran dhiubhsan a léughas nach dean ach glé ghlugach e, agus aig nach ’eil tuigse, no tuaiream air ciod a tha iad a’ léughadh. Agus nì ro shònruichte is ion a thoirt fainear cha ’n ’eil ach àireamh suarrach de nigheanan an taobh tuath, as ’n iar-thuath a’ faghuinn a’ bheag no mhòr de dh-ionnsachadh. Bha sinn feadh nam ficheadan sgoil’ ’an caochladh [TD 222] chearnachan dhiubh sud, agus fhuair sinn, air am feadh gu léir, nach robh ach an aon chaileag mu choinneamh triuir bhalachan annta. Abradh gu’m bheil na gillean gu léir a faghuinn ionnsachaidh, cha ’n ’eil ach an treas té de na h-igheanan a’ faghuinn a bheag no mhòr dheth. A nis tha roinn mhòr de na gillean féin nach ’eil a’ dol do’n sgoil; agus ’nuair a bheir sinn so fainear chì sinn gu dé co ro fhad’ air an ais a thaobh sgoile ’s a tha nigheanan na Gàedhealtachd. Tha mòran ’am beachd nach ’eil ach beag féum aig boirionnaich air sgoil. A nis a bhàrr air gu’m bheil eòlas co féumail dhoibhsan arson slàinte as sonais shìorruidh ’s a tha e do fhirionnaich, tha fios aig gach duine tuigseach, gu’m bheil oilein na cloinne an earbsa ris a mhàthair mòran nas mò na tha e ris an athair. Tha ’n t-athair ’am bitheantas air falbh mu chùl a ghnothaich—a’ toirt aire air ’obair no dréuchd ciod air bith e—a’ falbh anns a’ mhaduinn—gun tighin dhachaidh theagamh gu feasgar—gun a bhi uair an uaireadar ré an làth ’an cuideachd a chloinne. Ach tha ’mhàthair daonnan ’n am fochar. Bho mhoch-thrath gu dubh-thrath tha iad mu’n cuairt dhi a’ cluinntinn a còmhraidh, ’s a’ faicinn a gniomh. Ma tha e fior “An rud a chì na big ’s e ni na big—na chluinneas iad ’s e ’chanas iad, “féumaidh e gu’n teid iad mòran nas mò ris a’ mhàthair nan còmhradh ’s nan gnàthachadh na théid iad ris an athair. Cha ’n ’eil esan ach ainmic mar gu’m b’ eadh ga’n snaigheadh, no ga’n cumadh. Tha ise ri’ so fad an latha, agus bho là gu là, agus a’ chuma ’s an cruth a bheir i dhoibh leanaidh iad riuth. Ma tha ise aineolach dorcha mar is minic a tha, ’s ann dorcha, doirbh gun ghrinneas gun mheas a bhios iadsan am bitheantas, agus is dùth dhoibh a bhith. Ach ma tha ise tuigseach, fiosrach, stòlda, béusach i féin is mòr de na buaidhean so a tharruingeas iad-san uaipe le bhi ’na sìor thaic. Tha eachdraidh an t-saoghail ’s gach linn a’ leigeil ris dhuinn gu ’n robh soirbheachadh, agus cliù dhaoine saoghalta agus chriosduidhean gu ro mhinic ag éiridh, fuidh laimh Dhe, ’o theagasg tlàth ’s o chomhairlean caomh mhàithrichean tuigseach, agus diadhaidh. ’S cha dìlinn a thig sluagh air an aghaidh ann an grinneas, ’am meas, an subhailc, ’s an soìrbheachadh far am bheil na mnathan air sealtuinn sios orra—air an gleidheil ’an doille, ’san daorsa. Feumaidh pàrantan matà ma tha iad ri’n dleasnas a dheanamh smaoineachadh leis an tuille aire air a chùis so—agus mòran tuille a dheanadh—seadh a chuig urrad a dheanadh ’s a tha iad a’ deanamh gu sgoil as fòghlum a thoirt do’n nigheanan. Feumaidh iad mosgladh mu’n chùis agus a’ chuig urrad a dheanadh gu sgoil a thoirt do’m mic ’s do ’n nigheanan. Tha iad a’ deanamh éucoir throm air am muirichinn féin an uair a tha iad a’ leigeil le làithean prìseil na h-òige dol seachad gun am fòghlum sin a thoirt dhoibh a tha co ro fheumail agus bhuadhmhor, ach air nach ruig iad tuille ri’m beò mar faigh iad òg e. Chaidh earrach an làithean seachad, agus ged chuir thu sìol ’s an t-samhradh no ’s an fhoghara [TD 223] ’s beag a bhrìgh no bhlagh. Tha’m pàrant nach toir ceaird no ealain d’a chloinn, nach seòl dhoibh dòigh air bith ’s am feud iad teachd-an-tir a chothachadh dhoibh féin, gu cinnteach cruaidh-chridheach agus mì-nadurra. Nach ’eil am fear a dh-fheudas ceaird mheasaìl, mhaith a thoirt d’a mhac, agus a bheir ceaird ìosal, dhona, bhochd dha, dall, agus mì-nadurra mar an céudna? Ach ’s e so a tha mòran de phàrantan na Gàedhealtachd a’ deanamh. Tha sgoilean dlùth dhoibh. Tha làn chomas aca air fòghlum a thoirt do’n cloinn—fòghlum a bheireadh soirbheachadh agus socair dhoibh ré an laithean. Ach cha bhi iad aig dragh, no cosdas mu’n chùis. Leigidh iad bliadhna ’n déigh bliadhna seachad orra gun ionnsachadh a thoirt dhoibh, agus tha iad marso le slabhruidhean an aineolais a’ snaoim ’s a teaghradh an cloinne fad am beatha ris a’ phiocaid as ris a chaibe—ri dubh-shaothair ghoirt, chlaoidhtich. Tha iad ga’n cuir a chath ris an daor-bhochduinn a tha ga’n lomadh ’s ga ’m feannadh fhad ’s is beò iad—mar gu’m b’ eadh ga’n cur a sìos do’n toll-ghuail dhorcha, ùdlaidh, an àite réidhlein an coise thoirt dhoibh feadh achaidhean uaine—ghleanntaibh dosrach, agus bheanntaibh farsuing àrd an t-saoghal, far am biodh fuarain fhionnar, fhallain gu casg an ìota—gaoth ghlan nam fuar-bheann ag ùrachadh an càile, agus sùil shoilleir, thlusmhor na gréine gach là a’ dealradh orra. Tha iad ga’n gleidheil an cor ìosal, bochd ’n uair a dh-fheudadh iad an togail gu cor a b’ àird’ agus a b’ fhearr gu mòr. Tha sinn a’ guidhe air pàrantan na Gàedhealtachd a tha ’deanamh marso iad a dh-atharrachadh an gnàthachaidh gun dàil—cuireadh iad an clann do’n sgoil, agus biodh iad taingeil do Dhia arson gu’m bheil cothrom aca a leithid de mhaith mòr a dheanamh air co beag cosdais—cuireadh iad ann iad an tùs na h-òige—cuireadh iad ann iad gach là, agus gleidheadh iad ann iad gu cunbhalach, seasmhach, riaghailteach, agus thugadh iad misneach dhoibh gu tighin air an aghaidh ’s an sgoil mar ni ro fheumail—mar nì ro mheasail, cliùiteach. F. B. III. CUNNTAS AITH-GHEARR AIR EDMUND STONE, SGOILEIR RO AINMEIL A BHA AIG INBHER-AORADH. THA sinn ’an dochas gu’m bheil iomad aon de òigridh na Gàedhealtachd a dh-fhair’eas iad féin air am brosnachadh gu oidheirp dhuineil ann an ruigheachd air fòghlum ’nuair a léughas iad mu bheatha, agus mu shoirbheachadh Eòghain ’Ic Lachuinn. Ach tha cunntas aguinn air duin’ eile a dh-àraicheadh ’s a’ Ghàedhealtachd a fhuair mòran na bu lugha cothrom na Mac Lachuinn, ach a dhaindeoin so a dhìrich gu àrd-ionnsachadh, agus gu mòr chliù le ’threuntas féin. B’ e so Edmund (no Eman) Stone, duin’ a rugadh ann an Eara-Ghaedheal ’o cheann còrr beag agus ceud gun [TD 224] leth bliadhna—mu’n bhliadhna 1692. Bha ’athair ’na Ghàradair aig Diùc Eara-Ghaedheal aig Inbher-Aoradh: ach cha do chuir e ’mhac riamh do sgoil. Bha am mac, Eman, ag obair anns a’ ghàradh ’s cha ’n ’eil a’ bheag no mhòr de eachdraidh aguinn gus an d’ ràinig e aois ochd bliadhna déug. Aig an àm sin bha an Diùc latha a’ sràidimeachd anns a’ ghàradh, agus chunnaic e leabhar Laidinn—leabhar a chaidh a sgrìobhadh le sgoileir co ainmeil ’s a bha riamh ’am Breatunn—Sir Isaac Newton—na luidhe aig oir té de na sràidean. ’Nuair a thuig e ciod an leabhar a bh’ ann (Newton’s Principia), shaoil leis gu’m b’ ann do’n Leabhar-lann aige féin a bhuineadh e, agus dh-iarr e air fear-eigin de ’ghillean a ghiùlan a stigh do’n chaisteal. Thug Eman an aire dha so, agus thainig e air aghaidh gu glé sgàthach; ach thubhairt e gu ’m bu leis-san an leahhar. “Leatsa!” thubhairt an Diùc, “Am bheil thusa suas ri Laidinn agus ris an sgoileireachd àrd a tha ’s an leabhar ainmeil so?” “Tha beagan eòlais agam orra le’r cead” fhreagair Eman gu sìobhalta. “Agadsa! C’àit’ an d’ fhuair thus’ eòlas air an leithidean so de ghnothaichean mòra?” “Le’r cead,” thubhairt esan, “sheòl fear de na seirbhisich ’s a’ chaisteal dhomh léughadh bho cheann deich bliadhna; agus cha’n fhaic mi nach feud duine ruigheachd air eòlas air bith a thogras e ’nuair is aithne dha litirichean na h-aibidil.” Shuidh an Diùc air aon de na bruachan uaine làmh ris, agus mhion-cheasnaich e ’n gille. Bha an Diùc e féin ro-fhòghluimte, agus ainmeil arson còmhnadh a dheanamh ri iomad sgoileir bochd. Chunnaic e nach ann a’ cur mar fhiachaibh air a bha ’n Gàradair òg—gu’n robh beachd soilleir agus géur aige air na nithean mu’n robh e ’labhairt—gu’n robh e da rìreadh ’na dhuine ionnsaichte a dh-aindeoin ’ana-cothroim—agus dh-fiosraich e mu’n dòigh anns an deachaidh e air aghaidh ceum air cheum gus am fòghlum a bha aige. “Dh-ionnsuich mi ’an toiseach leughadh,” thubhairt Eman, “goirid ’na dhéigh so bha clachairean ag obair aig a’ chaisteal. Chunnaic mi acasan mòran oibre le sreanganaibh-tomhais, as riaghailtean, agus am fear a bha air an ceann gu minic a’ dol air aghaidh mar gu’m biodh e ’cunntas. Dh-fheòraich mi dhiubh ciod am féum a bha ’s na nìthean ud uile, agus thubhairt iad rium gu ’m féumain Cunntas ionnsachadh mu’n tuiginn sud. Dh-fharraid mi an robh leabhar ann a dh-innseadh dhomh mu Chunntas. Thubhairt iad rium gu’n robh gu leòir. Fhuair mi ainm aoin diubh—ghrad cheannaich mi e, agus dh-ionnsaich mi cunntas gun tuille dragh’ a chur air duin’ eile. Fhuair mi mach an sin gu’n robh iad ann a bha le àrd-chunntas (Mathematics), a’ tomhas asdair mhòra air uachdar an talaimh, agus eadhoin air aghiadh nan spéur, agus dh-ionnsaich mi so a dheanadh cuideachd. Fhuair mi a mach uigh air n-uigh gu’n robh leabhraichean ann an cànainean eile bharr air a’ Bhéurla—gu sònruichte gu’n robh leabhraichean ro mhaith ann an Laidinn. Cheannaich mi Foclair (Dictionary), agus dh-ionnsaich mi Laidinn. An sin cheannaich mi Foclair Fraingis, agus dh’ ionnsaich mi Fraing- [TD 225] is. Cha ’n fhaic mise gu’m bheil féum aig duin’ air nì air bith ach eòlas air sea litrichean fichead na h-aibidil gu leabhraichean a léughadh, agus dol air aghaidh gu fòghlum.” B’ i so an eachdraidh a thug an gille iongantach so air féin, agus bha e iriosal, ciùin, gun mheud-mhòir, gun spagluinn—gun smaoin air gu’n d’ rinn e nì air bith ach rud a bha furasda—rud a dh-fhaodadh a h-uile fear a dheanadh na’m feuchadh e ris. Nochd an Diùc mòr chaoimhneas dhà, agus gun dàil chuir e air sligh’ e gu a sgoileireachd a thionndadh gu buil, as thug e dha airgiod gu còmhnadh a dheanadh ris. Tha ’n ath sgéul aguinn mu ’thimchioll ’s a’ bhliadhna 1723. Bha e aig an àm so ’am baile mòr Lunnainn, far an do chuir e a mach leabhar ro fhòghluimte e féin. Thainig e gu mòr chliù ann an sin, agus ghabhadh a stigh e gu cuideachd nan sgoileirean a b’ ainmeile anns an rìoghachd. Sgrìobh e iomad leabhar a choisinn cliùth dha, agus chaochail e ’an deadh sheann aois ’s a’ bhliadhna 1768, fo mheas aig gach aon do’m b’ aithne e, an dà chuid mar sgoileir urramach, agus mar dhuine stuama, cothromach, agus seirceil. Cha’n ’eil sinn a’ dol a ràdh ’bheag tuille mu ’thimchioll an duine iongantaich agus chliùitich so. Ach nach mòr an t-aobhar nàire a tha ’eachdraidh-san a’ toirt do na mìltean aig am bheil gach cothrom a b’ ion dhoibh iarraidh, agus nach dean a’ bheag no mhòr buil dhiubh—a tha marsuinn gu toilichte ’an aineolas, agus ’an dorchadas? Nach mòr an t-aobbar misnich a tha e ’toirt do gach aon a tha da rìreadh toileach dol air an aghaidh air slighe an t-soluis agus an fhòghluim? Is mòr, mòr a nì cridhe toileach, deònach. Is ro mhòr a nì cruadail agus dìchioll. C. IV. CUNNTAS ATH-GHEARR AIR CIOD A THATAR A’ DEANAMH GUS AN SOISGEUL A CHRAOBH-SGAOILEADH FEADH AN T-SAOGHAIL. A REIR nan cunntas, no nan tuairmeas a’s fearr a tha aguinn, tha mìle muillein, no deich ceud muillein sluaigh air uachdar an t-saoghail so. Mìle muillein de anama neo-bhàsmhor! agus ’an tiota beag—’an sealan faoin aimsir ré am bheil iad a’ tarruing anail na beatha ann an gleann dorcha so nan déur a’ socrachadh an cor fad na sìorruidheachd. ’S cha ’n ’eil mionaid ùine o mhoch-thrath gu anmoch—o anmoch gu moch-thrath nach ’eil anam dhiubh sin a’ ruigheachd àite féin—aon chuid ann an sonas àghmhor, àrd, no ann an dòruinn ’s am pianntan air nach tig lasachadh, no faochadh, no éutromachadh o chian nan cian. Cha ’n ’eil aon làth air am bheil a’ ghrian ag éiridh nach ’eil còrr agus ceithir cheud deug pearsa a’ fàgail an t-saoghail so ’s a’ dol gu saoghal nan spiorad—feadhain ’an òg-mhaduinn an leanabais a’ fosgladh an sùl’ air a’ [TD 226] ghréin a mhàin gu ’cead dheireanach a ghabhail dhi cosmhuil ri maoth bhlàth a’ chéitein a sheargas ’s a’ thuiteas roimh ’n cheud osaig reòtai’ a shéideas air—feadhain eile mar an darag aosda, ghlas, a sheasas ri iomad oiteig, as sìon, as sìd, ach mu dheireadh a chrìonas, ’s a ghéilleas mar an céudna—feadhain a’ snaigheadh as, ’s mar gu’m b’ eadh a’ snàg air falbh gu sàmhach bhàrr leabai’ na laigse, agus feadhain a’ taomadh a mach an anama mar ri fuil an cridhe ann an cruaidh-ghleachd na h-àr-fhaich—feadhain a’ meileachadh am measg sneachda nam fuar-bheann àrda—agus feadhain ga ’m bàthadh ’an linntean domhain a’ chuain—feadhain air an caitheadh as le ganntar, as le gort—as feadhain air an tachdadh le anabàrr de shògh, ’s de shaibhreas an t-saoghail—feadhain aig am bheil an cridheachan briste le deuchainnean, ’s le trioblaidean na beatha so—feadhain eile ’am meadhon aighir as aoibhneis—feadhain a’ teicheadh air falbh am measg fuath agus tàir an luchd-eòlais—feadhain a’ siubhal ’an onoir, agus ann an cliùth, ’s a’ fàgail ioma sùil dhéurach, as ioma cridhe tròm as an déigh. Ach ciod air bith ar cor, no ar cliùth cha ghleidh iad sinn ’s an t-saoghail so. Tha sruth mòr na beatha marso a’ ruith—a’ ruith le siubhal bras, meamnach—a’ ruith gun stad, gun chlos a steach do chuan farsuing na bithbhuantachd—agus tha e gach làth a’ sguabadh nan ceudan anam gu cathair-bréitheanais Mhic Dhé. A nis de na h-anaman so—de luchd-àiteachaidh an t-saoghail cha ’n ’eil ach àireamh beag a chuala urrad agus iomradh riamh air Mac Dhé ’s a’ bheatha so. Cha ’n ’eil de’n chinne-daonna ’ag aideachadh a’ chreidimh Chriosduidh urrad agus ann an ainm ach mu dhà cheud muillein. Tha de luchd-leanmhuinn an Fhàidhe bhréige, Mahomet, ceud gun leth muillein. Tha de Iudhaich mu naoi muilleinean, agus de Chinnich, no de luchd-iodhol-aoraidh, sea ceud agus aona muillein deug thar fhichead. No mar so:— Criosduidhean, 200,000,000 Mahomatanaich, 150,000,000 Iudhaich, 9,000,000 Luchd-iodhol-aoraidh, 631,000,000 Dhiubh-san a tha ’g aideachadh a chreidimh Chriosduidh cha ’n ’eil ach trì fichead muillein ’s a cuig (65,000,000) ’nam Protestanaich. Buinidh a’ chuid mhòr de ’n chòrr do na h-Eaglaisean Pàpanach, no Gréugach—eaglaisean a tha ann an ioma ni ro choltach ri ’chéile. Tha na muilleinean so gu léir a thaobh nàduir nan cloinn na feirge air dhoibh a bhi nan cloinn na h-easumhlachd. Ach Esan aig an robh a thlachd maille ri clann nan daoine cian mu’n do shuidhicheadh na beannta—thainig esan ann an lànachd a ghràidh shiorruith; agus ann am mòrachd a’ neairt dh-fhosgail e slighe tearuinteachd, agus beatha do chlanna nan daoine. Dh-fhosgail e dhoibh an t-slighe gu Dia agus gu nèamh. Tha còrr agus ochd [TD 227] ceud deug bliadhna bho na chriochnaich Iosa obair ghlòrmhor na saorsa. Tha còrr agus ochd ceud deug bliadhna bho na dh’ àithn e do gach aon aig am bheil gràdh dhàsan—aig am bheil gràdh do’n co-chreutairean, sgeul ait a’ mhòir-aoibhneis—sgeul an àigh agus na glòir’ a dheanamh aithnicht’ air feadh an t-saoghail, eadhoin, “gu’m bheil Dia ann an Criosd a’ deanamh an t-saoghail réith ris féin”—bho na dh-àithn e an Soisgeul a shearmonachadh do gach dùil. Nach trom luidheas e air cridheachan Chriosduidhean a thoirt fainear gu’m bheil a’ liutha ceud muillein nach cuala riamh an fhuaim aoibhneach. Nach eagalach an smaoin cia liutha muillein de mhuilleinean a chaidh thairis do shiorruidheachd bho na thug esan an àithne chaomh agus ghràsmhor ud seachad. Is eagalaiche fathasd a smaoineachadh gu’m bheil aig a’ cheart àm—gu’m bheil an uair a tha sinne ga sgrìobhadh so, agus gu’m bi ’n uair a bhios sibhse a luchd-leughaidh ga léughadh, a’ liutha muillein anam air uachdar an talaimh nach cuala riamh mu ghràdh Dhé ann an Criosd—agus gu’m bheil Criosduidhean ’am bitheantas co suarrach mu ’n chùis ’s ged nach tugadh an Slànuighfhear riamh àithne dhoibh—’s ged nach biodh miagh air bith aca féin air saibhreas iongantach a ghràis—’s ged nach biodh uamhainn air bith ann an ifrinn, no glòir air bith ann an neamh. Is truagh da rìreadh gu’m bheil co beag gràidh, no eud ri ’fhaicinn am measg luchd-aidmheil Chriosd mu’n obair mhòir so arson an tainig esan a dh-ionnsuidh an talaimh—arson am bheil e ag eadar-ghuidhidh air nèamh—sàbhaladh an t-saoghail. Faiceamaid ciod a thàtar a’ deanamh anns an obair so; agus ’se na their sinn gur ann o chunntais chinnteach a tha sinn a’ cur a sios na leanas. Cha ’n ’eil air aghaidh an t-saoghail gu léir de Chuideachdan Protestanach a tha ’saoithreachadh arson craobh-sgaoileadh an t-Soisgeil ach sea deug thar fhichead (36). Dhiubh so tha cuig deug air Tìr-mòr (’s a’ Ghearmailt, an Fhraing, &c.,). Tha naoi ann an Sasunn—ceithir ann an Albuinn, agus seachd ann an America mu thuath. Tha iad so am pàirt a chéile a’ gleidheil a suas cuig mìle Soisgeulach (Missionaries) a tha ’searmonachadh am measg Chinneach, as Iudhach, agus aig am bheil dà cheud deug, dà fhichead ’sa cuig àite tuineachas (stations). Bhaist iad so mu cheithir ceud mìle pearsa (400,000); agus tha aca aig an àm mu sheachd fichead ’s a seachd mìle (140,000) de luchd-comunachaidh dhiubh-san a bha aon uair nan Cinnich. Tha na Cuideachdan so gu léir a’ buileachadh còrr beag agus seachd ceud mìle punnd Sasunnach (£733,060) ’s a bhliadhna, anns an obair mhòir so. Lag mar a tha na h-oidheirpean so gu léir tha aobhar taing gur ann an treisead a tha iad a’ dol; agus ma neartaicheas iad mar a rinn iad o cheann beagan ùine gun teagamh luathaichidh iad glòir nan làithean deirionnach. Cha ’n ’eil ach seachd fichead ’sa seachd bliadhna bho na thugadh a’ cheud oidheirp so. Anns a’ bhliadhna 1701 chuireadh air cois Cuideachd ann an Sasunn arson an t-Soi- [TD 228] sgeil a chraobh-sgaoileadh ’an cearnaibh céin. Ré cheithir fichead bliadhna ’na dhéigh so chuireadh air bonn ceithir chuideachdan eile arson an aobhair chéudna—no té ’s an fhichead bliadhna. Ré an ath fhichead bliadhna chuireadh sea ùr’ air bonn, agus ré an fhichead bliadhna ’na dhéigh so chuireadh a’ cheart àireamh riu’—no sea eile—dusan ann an dà fhichead bliadhna; ach ré nan ochd bliadhna fichead mu dheireadh a chaidh seachad chuireadh naoi-deug de na cuideachdan beannaichte so air cois. Tha mar an ceudna Cuideachdan a tha ’cur a mach leabhraichean cràbhaidh a’ deanamh mòran maith feadh an t-saoghail. ’S ann an Lunnuinn bho cheann ochd ’s da fhichead bliadhna (1800), a thoisich a’ cheud aon diubh so. ’S ann arson cur a mach leabhraichean beaga ’tha a’ toirt cunntas aith-ghearr mu fhirinn no mu theagasg féumail a tha na Cuideachdan so—Tract Societies mar a theirear riuth ’s a’ Bheurla—a’ saoithreachadh, ach tha Cuideachd ud Lunnuinn a’ cur a mach leabhraichean diadhaidh beag’ as mòra: agus chuir iad roimh’n làmhan o thoiseach gu deireadh dlùth air ceithir cheud gun leth muillein de leabhraichean diadhaidh—a’ gabhail gach seòrsa ’an ceann a chéile, agus tha ceithir fichead ’s a h-ochd deug cànainn anns am bheil iad so air an cur a mach. Tha nis ceudan Cuideachd de’n t-seòrsa cheudna air feadh an t-saoghail. Ach is iad na cuideachdan a tha ’craobh-sgaoileadh a’ Bhiobuill féin—focal naomh, cumhachdach sin Iehobhah a dh-àrdaich e os ceann uile ’ainme gu léir, agus anns am bheil gliocas Dhé agus cumhachd Dhé air am foillseachadh chum slàinte—’s iad na cuideachdan so a’s ealamh a thainig air an aghaidh ann an neart, ’an èud agus ’an saibhreas na cuideachdan air bith eile. Tha iad da rìreadh coltach ri bhi faotuinn focail na beatha a tha iad a’ co-roinn ri càch, ’na spiorad agus ’na bheatha d’ an anama féin—agus mar a tha ’n saothair a’ meudachadh tha gràs air a mheudachadh dhoibh da réir. Bho cheann ceithir ’s da fhichead bliadhna cha robh cuideachd air aghaidh an t-saoghail arson focal an Tighearna ’chur a mach ’s a sgaoileadh. A nis sha naoi mìle dhiubh so ann agus aig an ceann gu léir tha i sin ri’n abrar “The British & Foreign Bible Society.” Bho cheann leth-cheud bliadhna cha robh ach mu cheithir muillein Bìobull air an clò-bhualadh, no ann an làmhan sluaigh. An diugh tha aig a’ chuid a’s lugha deich muilleinean fichead ann. Bho cheann leth-cheud bliadhna cha robh am Bìobull air eadar-theangachadh ach gu ochd ’s da fhichead cànainn. A nis tha e air eadar-theangachadh gu sea deug as sea fichead cànainn; agus tha obair so an eadar-theangachaidh a’ dol air a h-aghaidh gun stad, air dhòigh agus gach bliadhna gu’m bheil fineachan ùra a’ cluinntinn ’nan teangaibh féin mu ghniomharan mòralach Dhé, agus tha sinn ’an dòchas nach ’eil an t-àm fad air falbh anns an cluinnear guth Dhé leis gach fine fuidh nèamh. Theagamh gu’n abair feadhain de’r luchd-léughadh gur mòr ’s gur iongantach na bheilear a’ deanamh: cha ’n ’eil sinn idir “a’ [TD 229] deanamh dìmeas air là nan nithe beaga.” Tha sinn taingeil arson na rinneadh. Ach gu cinnteach ’s e “là nan nithe beaga” ’tha aguinn fathasd, agus aon ullmhachadh a rinneadh le Crìosduidhean arson an t-saoghail iompachachadh cha ’n ’eil e ach mar a bha ’n neul beag sin—mu lèud na boise—a chunnaic seirbhiseach an fhàidhe bhàrr mullach beinn’ Chàrmeil ’nuair a bha’n dùthaich uile seachdta, seargta. Gu’n deònuicheadh Dia gu’n deanar an samhladh freagarrach nas faide ann am meudachadh saothrach a shluaigh gus am bi gach beinn agus gleann air an uisgeachadh ’s air an ùrachadh le eòlas air Féin agus air a Mhac, Iosa Criosd. Tha deich muilleinean thar fhichead de Bhìobuill air feadh an t-saoghail! ach ciod iad so am measg àireamh co mòr? Tha mìle muillein anam neo-bhàsmhor air an talamh! Tha cuig mìle searmonaiche air feadh nan Cinneach! Ach ciod so? cha toir e aon searmonaiche am measg sea-fichead mìle sluaigh!! Tha còrr agus seachd ceud mìle punnd Sasunnach ’s a’ bhliadhna air a chur a mach arson iompachadh an t-saoghail!—Tha trì fichead muillein punnd Sasunnach ga’n cosd ann am Breatunn a mhàin ann an dibh làidir—ann an òl—gach bliadhna, agus tha dlùth air trì muilleinean dhe so ga chosd ann am baile Ghlascho!!! Cha ’n ’eil aon mhuillein no ga chòir ga bhuileachadh ann an aobhar Dhé—tha trì fichead muillein ga bhuileachadh ann an aon eilein beag; agus leò-san a tha fo ainm Chriosduidhean ann an aobhar an diabhoil—ga thilgeadh air falbh air nì a tha ’milleadh cuirp agus anama! Smaoinichibh air a so, agus abraibh cò aig am bheil na càirdean a’s dìlse agus a’s fialuidh’ air an t-saoghal—Dia no Sàtan? Feòraicheadh gach duine dheth féin ciamar a tha ’ghnathachdh a thaobh na cùise so—co dhiùbh is mò a tha e ’toirt de ’mhaoin gu obair an t-soluis no obair an dorchadais a chur air an aghaidh—gu aobhar Chriosd agus subhailc, agus sonais, no gu aobhar Shàtain, agus dubhailc, agus dòruinn, agus truaighe? Biodh gach duine ’guidhidh gu’n robh rioghachd Chriosd air a luathachadh, agus biodh gach aon na cho’-oibriche le Criosd anns an àm bheannaichte so ’thoirt mu ’n cuairt. F. B. V. REULT NA MAIDNE. “Agus bheir mi dha réult na maidne”—Taisb. ii. 28. CHA’N ’EIL e duilich dhuinn a thuigsinn ciod a tha air a chiallachadh leis a’ ghealladh so, oir tha esan ag ràdh ruinn anns an leabhar so féin, “Is mis’ an réul dhealrach—réul na maidne.” ’S e Criosd matà e féin réul na maidne. ’S e féin am fear-iuil ’s an t-slighe mar an céudna—an fhirinn agus fear teagaisg na firinn—an sagart agus an ìobairt, seadh na h-uile anns na h-uile. Anns [TD 230] a’ ghealladh a tha aguinn an so, gu ’n toir se e féin d’a phobull, tha e ’teagasg dhuinn ar sòlas, ar sonas, agus ar toileachas-inntinn iarraidh ann-san a mhàin. Bha làn fhios aige-san nach b’ urrainn nì eile tograidhean àrd an anma neo-bhàsmhor a riarachadh. Faigheadh an t-anam na ’s urrainn da ’mhiannachadh de’n chruitheachd ’s na bheil ann, ach mar d’ fhuair e riamh sealladh de réul na maidne tha e bochd da rìreadh; ’s ma tha so aige tha e saibhir ged robh dìth agus uireasbhuidh gach nì eile fuaighte ri ’chrannchur. Ma bheir esan e féin do dhuine a réir a gheallaidh-san, ciod an nì eile a chumas e air ais? Anns a’ bheannachd is mò tha gach beannachd eile fillte steach—ma bheir esan e féin d’a phobull, nach ’eil sin co prìseil ri neamh nan neamh, agus glòir fhlaith-innis? Ach ma-dh-fhaoidte gu’m bheil thu ’g ràdh, “Nach tug Criosd e féin cheana d’a phobull, cionnas a tha e ’gealltuinn gu’n toir e dhoibh réul na maidne?” Tha e fìor gu’n tug se e féin dhoibh co-luath ’s a chreid iad-san, agus o’n àm sin buinidh dhoibhsan an t-sochair àrd a bhi ’nam mic do Dhia. Ach mar is faide ’tha iad ann-san, agus esan dhoibh mar annsachd an anama, ’s ann is mò bhios iad a’ fiosrachadh de’n eòlas, agus de’n aoibhneas àrd a ta ’sruthadh ’o chàirdeas, agus ’o ’ghràdh. Bithidh am fiosrachadh so a’ meudachadh uigh air n-uigh—gu dìlinn. Cha’n ’eil e comasach do dhuine fhad ’s a tha e ’s an fheòil eòlas, no mothachadh a bhi aige air an t-subhachas àrd a tha chomhnuidh ann an uile lànachd an Fhir-shaoruidh. ’So nì a dh-fhiosruichear ann an neamh a mhàin. “Bheir mi dhuit réul na maidne.”—’S àilidh ri amharc oirre réul ruiteach na maidne—rionnag dhealrach ghlan. ’S e is suaicheantas dh-ise loinnireachd mhaiseach leis an aithnichear i measg chàich. Tha mòran aig am bheil càil-eigin de choslas ri Criosd, ach co dh-fheudar a’ làn choimeas ris. Aige-san tha uachdranachd agus maise o’s ceann gach nì as neach:— “Is maisich’ thu na clann nan daoin’, Gràs dhoirteadh ann a d’ bhéul; Is air an aobhar sin rinn Dia Do bheannachadh gach ial.” Anns an t-Salm chéudna tha e air a ràdh, “Dhoirt Dia, eadhoin do Dhia-sa oladh ghràsmhor ort os ceann do chompanacha.” O! cia maiseach, àrd agus glòrmhor e, eadhoin os ceann uile mhic Dhé ’nuair a thog iad iolach ghàirdeachais ann an òg mhaduinn an t-saoghail. Tha réul na maidne toirt rabhadh mu theachd an là. ’S i so da rìreadh rionnag an dòchais. Cha luaithe ’chithear a h-aogas maiseach ann an àirde nan spéur na chithear ciar-neulan na h-oidhche ag imeachd air falbh, as tuigear gu’m bheil solus an là dlùth: dlùth ’na déigh tha lòchran glòrmhor nan spéur a’ dìreadh. Iadsan a chreideas ann an Criosd tha e dhoibh mar réult na maidne—tha ’n oidhche a’ siubhal air falbh—tha solus àghmhor, agus [TD 231] blàthas spioradail dlùth—tha oidhche ’n aineolais, a’ pheacaidh, a’ chianalais agus a bhròin a’ siubhal gu luath seachad; féudaidh bròn marsuinn car oidhche, ach thig aoibhneas leis an là.—Amhaircibh a’ suas a chriosduidhean—dlùth-bheachdaichibh, agus thugaibh fainear—sud agaibh réul na maidne; urras air teachd an là—urras nach d’ fhàilnich riamh, ’s nach meall gu dìlinn. Ma fhuair sibhse réul na maidne, fòil bheag agus éiridh grian na fireantachd air ’ur n-anama le leigheas fo a sgéith. Tha ’ur slàinte nis nas dlùithe na ’nuair a chreid sibh. Tha mòran de’n oidhche seachad,—tha’n là dlùth, agus an deigh an là sin cha bhi oidhche; agus a ghrian àghmhor sin, aon uair ’s gu’n éirich ise air an anam, cha teid i fodha gu bràth. O! cumadh an gealladh beannuichte so m’ anam a’ suas—togadh e mi os ceann an t-saoghail so, agus fiosraicheam uaithe ge b’ e staid anns am bi mi air mo chàramh, le sin a bhi toilichte. Brosnuicheadh e mi gu gàirdeachas a dheanamh á so suas, ’s a bhi tabhairt buidheachais a ghnàth. Ma tha agam ’s an t-saoghal so trioblaid, agus deuchainn, tha agam na ni gu maith a suas air a shon so, fhad ’s a tha agam sìth annsan. Tha ioma nì air a chumail uam ach ’is coma co dhiù, tha mi suarrach fhad ’s a dh-fhéudas mi ’ràdh gu’m buin esan dhomh, an e gu’m bithinnse farmadach a thaobh feadhnach eile? Tha gach nì ’cinntinn leò a reir am miann—tha stòras, tha soirbheachadh saoghalta: ma tha bitheadh, cha ’n eil mo shùil an déigh nan nithean sin, ’s leòir dhomhsa gu’m feud mi ’ràdh—’s buidheachas do Dhia air a shon—“tha agam-sa réult na maidne.”—Amen. T. VI. CUNNTAS AIR CEAP BRETOIN AN AMERICA MU THUATH. THA’N t-eilean so na luidhe ann an Geotha St. Lawrence, beagan an ear air Eilean Eòin, an ear-thuath air Nova Scotia, agus an iar-dheas air Newfoundland. Ann an cumachd tha e leth-char cosmhuil ri bròig eich. Tha e mu dheich as cuig fichead mìle ann am fad, agus eadar fichead agus ceithir fichead mìle ann an lèud. Tha e air a dhealachadh o Nova Scotia le caolas Chanso, nach ’eil ach beagan mhìltean air lèud, ach trid am feud na longan is mò air an t-saoghal, seòladh suas ann an tearuinteachd a dh-ionnsuidh St. Lawrence. Eu-cosmhuil ri Eilean Eòin, tha Ceap-Bretoin ’na fhearann garbh, creagach, agus monadail. Tha slochd, as cnoc, as carraig, co lìonmhor ann ’s a gheibhear iad ann an àit air bith do gharbh chriochan na h-Alba. Air an taobh an iar gu léir, tha ’n tir am fochar na mara, anabarrach gàrbh, agus cunnartach, gun ach gann fasgadh sam bith ann do shoithichibh, gun gheotha, gun acarsaid tear- [TD 232] uinte, agus gun dòchas idir do’n mharaiche ri h-ànradh cuain, ach dùil eagallach ri long-bhriseadh agus bàs. Goirid ’o thràigh, tha na creagan ag éiridh ’suas ’nam binneanaibh àrda, agus ’nan stùcan co cas agus corrach, ’s gu’m bheil iad ann an iomadh àite eagallach eadhon ri amharc orra. Air an taobh an ear de’n eilean tha na cladaichean briste, garbh, agus corrach; ach an déìgh sin tha lochan, geothan, agus acarsaidean tearuinte glé lìonmhor. ’O ’n taobh an ear thuath tha dà chaolas mhòr ag inntrinn a stigh, agus air doìbh a dhol cuideachd mu chuig mìle fichead ’o ’n mhuir, tha iad ’gan sgaoileadh féin a mach ’nan lochan agus nan geothan ann am broinn an eilein, air chor ’s gu’m bheil iad ’ga dhealachadh ach beag ’na dhà leth. Goirear Bras d’ Or, ’s e sin “An gàirdean òir,” ris na caolasan so, agus tha iad a’ dol leth-cheud mìle a stigh ’s an eilean, nì a tha ro fhéumail, do bhrigh gu’m bheil iad a’ fosgladh gach cearna dheth do shoithichibh agus de bhàtaichibh de gach mèud. Is iongantach r’a smaoineachadh an seòl air am bheil Freasdal an Tighearna mar so a’ riaghladh chùisean le gliocas, agus maitheas neo-chrìochnach. Mar biodh Ceap Bretoin air an dòigh so, air a ghearradh suas le lochaibh sàile, tha e co ro gharbh ’s nach biodh e goireasach a bheag ’s am bith de thoradh an eilein, a thoirt air sheòl eile dh-ionnsuidh na mara. Ach trid maitheis an Tì bheannuichte sin a rinn na h-uile nithe gu glic, tha gach cothrom air a thoirt do mhuinntir an eilein anns gach àite, leis na lochaibh mara so, air gach nì is mìann leò a thoirt aon chuid o’n chladach, no da ionnsuidh. Thugadh an t-ainm “Ceap Bretoin” an toiseach air an rudha is faide an ear ’s an eilean, agus uaithe so thugadh ainm air an eilean uile. Rinn Frangaich á Nova Scotia, agus á Newfoundland, greim air an toiseach, agus anns a’ bhliadhna 1713, ghabh àireamh beag dhiubh còmhnuidh ann arson iasgaich. Thog iad tighean ’am fochar a’ chladaich ann an àitean freagarrach arson tiormachadh an éisg. Roimh ’n bhliadhna so cha ’n fhacas iomchuidh do na Frangaich suidheachadh no àiteachas ’s am bith a dheanamh air an eilean, ach a mhàin le beagan iasgairean ann am mìosan an t-samhraidh. Ach cha b’ fhad’ gus an d’ atharraich iad am barail a thaobh na cùise so, agus chum daingneach làidir a dheanamh aig béul na h-àimhne St. Lawrence, rùnaich iad sluaigh a chur air an eilean, agus baile Louisburgh a thogail agus a dhìonadh. Cha robh na gnothaichean, gidheadh, ach goirid air an dòigh so. Ghlacadh am baile agus an t-eilean le chéile, leis na feachdan Breatunnach ’s a’ bhliadhna 1745, aig a’ cheart àm anns an robh iomad cath, agus creach fhuilteach air feadh na h-Alba, a thaobh chùisean mhì-shealbhach a’ Phrionnsa Tearlach. ’An déigh cruaidh-chath a mhair ré naoi agus da fhichead là, anns an do shònruich na Frangaich iad féin arson an euchd agus an cruadail, theannaicheadh Louisburgh, agus thugadh thairis do Bhreatunn e, air an ochdamh là déug do mhìos-meadhonach an t-samhraidh. Ghlacadh aig an àm chéudna trì soithichean-cogaidh Frangach, a bha [TD 233] air air am meas, maille ri stòras agus ceannachd a’ bhaile, aig barrachd as muillean airgid! Goirid o’n àm so, fhuair Sasunn còir mar an céudna, air Eilean Eòin, agus chuireadh an luchd-àiteachaidh as an eilean ar longaibh do’n Fhraing. Beagan an déigh so, thugadh Ceap Bretoin do na Frangaich air ais, ann an iomlad arson Mhadras anns na h-Innsibh an ear. Cha b’ fhad, gidheadh, an ùin’ a mheal iad e, oir thugadh uatha e ’rìs le Sasunn ’s a’ bhliadhna 1758; agus o’n là sin gus an là’n diugh, tha uachdranachd aig Sasunn air Ceap Bretoin. Bha Louisburgh ’na bhaile maiseach, agus gu ro làdir air a dhaingheachadh le ballachan àrda, agus le gunnachan-mòra. Ach a dh-aindeoin meud, agus luach, agus maise a’ bhaile sin, thug luchd-riaghlaidh Shasuinn àithne seachad chum a thilgeadh gu làr air eagal gu’n tuiteadh e tuilleadh fo chumhachd na Frainge. Tha e ’na nì cìanail amharc an diugh air làrach aosda na daingnich so! Cha chluinnear ann n’is mò cos-chéum an fhreiceadain ri faire air na ballachaibh, na co’-labhairt an luchd-malairt ’nam bùthaibh! Tha fois agus sàmhchar anns gach àite, ach a mhàin slachdarsaich nan tonn air an tràigh, no mèilich nan caorach ag ionaltradh am measg nan làrach! Dh-fhalbh maise agus greadhnachas a bhaile mhòir so! Tha Louisburgh air tuiteam, agus tha a thighean rìomhach gu léir air an leagadh gu làr! “Mar so théid sgiamh an t-saoghail seachad.” ’S e Sydney a nis prìomh-bhaile an eilein, ach is éu-cosmhuil e ri Louisburgh air sheòl sam bith. Tha e air a thogail air rudha beagan mhìltean deas air béul an locha ris an abrar Bras d’ Or. Tha dùthaich bhoidheach mu’n cuairt do’n bhaile; agus tha gach àite ro thaitneach le coilltean, creagan, uisgeachan, raointean agus fearann-treabhaidh mu’n seach. Tha’m baile gu riaghailteach air a chur a mach, agus gàradh-lios dlùth-cheangailte ach beag ris gach tigh. Cha’n ’eil ro mhòran thighean ann fathast, ach ’n am measg tha gearasdan, stòr-thighean, tigh an uachdarain, eaglaisean, tigh-cùirt, agus mar sin sìos. Tha uile ghnothaichean cudthromach an eilein air an socrachadh ann an Sydney, a réir lagha Bhreatuinn, agus cha ’n ’eil am baile aig àm air bith gun bhuidheann shaighdear chum a dhìonadh. Ged tha deagh acarsaid, agus ioma cothrom as goireas eile ’am fochar a’ bhaile, an déigh sin, cha ’n ’eil e ach gu mall a’ tighin air aghaidh. Tha e deiseil ri iasgach, agus air a chuairteachadh le deagh fhearann arson tuathanachd. Tha fiodh de gach gné a’ fàs gu teann air, agus tha na tuill-ghuail lìonmhor air gach taobh. Do thaobh a’ ghuail féin, tha cothrom mòr aig a’ Cheap thar Eilean Eòin, far nach ’eil gual sam bith. ’Am fagus do ’n bhaile, tha ’n luchd-àiteachaidh air an deanamh suas de dh-Albannaich, Shasunnaich, Ghàidheil, Eireannaich, agus sheann saighdeirean a fhuair fearann, agus iad so uile ’am measg a chéile. Cha ’n ’eil e chum mòr-fhéum a bheag a ràdh mu thimchioll gach rudha is loch-mara, leis am bheil an Ceap air a ghearradh [TD 234] suas air gach taobh. Ré na slighe o bhaile Sydney, an ear air Louisburgh, tha clàdaichean ìosal, creagan àrda, lochan, aimhnichean, agus eileanan ri’m faotuinn mu ’n seach. Is iad na lochan mara is sònruichte air an t-slighe so Lingan Bay, Glace Bay, Cow Bay, agus Mire Bay. Tha gual glé phailt anns na criochan so, agus tha iad air an àiteachadh ’s a’ chuid is mò le h-Eirionnaich. Air taobh an ear a’ Cheap, tha eilean beag Scatari, a tha comharaichte arson iasgach-throsg. Tha na soithichean Breatunnach a’ suidheachadh an cùrsa, mar is trice, air an eilean bheag so. Tha ’n tìr ro thioram agus cruaidh ré na slighe ’o Louisburgh deas gu St. Peters. Aig St. Esprit agus Grand River, tha ’m fearann tarbhach agus taitneach, agus air àiteachadh le Albannaich. Tha’n Ceap ach beag air a ghearradh ’na dhà leth aig St. Peter’s Bay; oir cha ’n ’eil ach amhach bheag mu leth mhìle air lèud, eadar ceann St. Peter’s Bay agus an loch Bras d’ Or. Tha ’mhuinntir a bhios a’ tighinn á Eilean Eòin agus Nova Scotia ’dh-ionnsuidh Bras d’ Or, a’ tarruing am bàtaichean mar is tric thairis air an amhaich ghoirid so, agus le sin a dheanamh tha seòladh ioma mìle mara air a chaomhnadh dhòibh. Tha na h-uiread de thuathanaich Albannach a’ chòmhnuidh aig Grand Anse, dlùth air St. Peter’s Bay, agus tha iad ann an deagh chothrom. Beagan an iar air St. Peter’s tha eilean Madame, sea mìle déug air fad, agus ochd air lèud. Anns an eilean so tha baile Arichat, anns am bheil còrr as dà mhile sluaigh. Tha acarsaid ro thearuinte ’am fochar a’ bhaile, agus tha ’n t-àit’ a’ soirbheachadh gu maith leis gach malairt a tha ’dol air aghaidh ann. Cha ’n ’eil ach mu mhìle air lèud ’sa chaolas a ta eadar an t-eilean so agus an Ceap. Goirid o so tha caolas Chanso, a tha dealachadh Nova Scotia o’n Cheap. Ged nach ’eil e bheag is mìle air lèud, gidheadh is iomadh long luachmhor a tha seòladh troimhe. Tha’n dùthaich ro bhòidheach air gach taobh de’n chaolas so. Beanntan àrda, làn coille gu’m mullach:—rudhaichean biorach ’gan sìneadh féin a mach:—achainean réidhe fearainn a’ sgaoileadh an sud ’san so:—tighean seasgair, lìonmhor an cois a’ chladaich,—agus longan as gach tìr fo’n ghréin a’ seòladh seachad! Cha’n ’eil ìnnleachd air an t-seòl-mara a thuigsinn ’sa chaolas so, do thaobh gach rudha, is sruth, is geotha, is gaoth, leis am bheil e air ’atharrachadh. Cha ruigear leas mòran ainmeachadh mu thaobh an ìar an eilein eadar Canso agus Cape North. Tha mòran Ghaidheal a’ comhnuidh goirid o Phort Hood, a tha ri iasgach agus àiteachadh mu seach. Tha mòran ola ’ga dheanamh an so a’ grùanaibh an éisg, a ta ro fhéumail do mhuinntir na dùcha. An iar air Port Hood tha Maban, Broad Cove, Marguerite, agus Cheiticamp, a tha air an àiteachadh le Albanaich, Frangaich, Americanaich, air feadh a’ chéile. Ré dha fhichead mìle astair eadar Cheticamp agus Cape North, cha’n fhaighear ach seachd na ochd teaghlaich air fad. Ré na slighe so gu léir tha’n cladach eagallach, fiadhaich, gu’n acarsaid gu’n fhasgadh, agus gu’n dìonadh sam bith do luchd na mara.— [TD 235] Nach eagallach ri smuaineachadh gu bheil slios an ìar so a’ Cheap gu’n aon chala do’n mharaiche ri h-ànradh cuain? Cha’n ’eil àite air thalamh ni’s sgriosaich’ air soithichibh n’an t-àite so, agus is ainneamh a theasairgeadh riamh aon dhiubhsan a long-bhriseadh ann. Cha’n ’eil a bheag air àiteachadh ré astair thri fichead mìle o Chape North gu bèul an locha mhòir aig Bras d’ Or. Tha’m Bras d’ Or féin air a dhealachadh ’na dha mhèur le eilean tarbhach ris an abrar Boulardrie, a tha fichead mìle air fad, agus da mhìle am bicheantas air lèud. Goirear am Bras d’ Or Mòr, agus am Bras d’ Or Beag ris na meòir so. Tha uisgeacha nan loch so ’gan sgaoileadh féin a stigh do’n dùthaich ’nam meòir bheaga an sud ’san so, gus am bheil an Ceap air a bhreacadh le lochaibh sàile. Mar so, gheibh soithichean a stigh do bhroinn an eilein, agus tha cothrom mòr aig luchd-malairt an gnothuichean a ghiulan air aghaidh. Tha Boulardrie ’na eilean àillidh agus luachmhor, agus air àiteachadh ach beag le Gaidheil agus Eireannaich. Tha’n earrann a’s mò de na Gaidheil a chaidh air imirich do’n Cheap, air an suidheachadh mu na lochaibh lìonmhor aig Bras d’ Or, far am bheil deagh fhearann agus deagh iasgach aca ri’m faotuinn.—Tha lochan sàile, lochan uisge, aimhnichean, creagan, coilltean, achainean tarbhach, agus gach goireas nàdurra, a dh’ iarraidh duine, ro lìonmhor agus pailt ’s na cearnaibh so. Cha’n ’eil na rathaide-mòra fathast ach ainneamh agus garbh anns a’ Cheap, ach air do’n t-sluagh a bhi gach bliadhna a’ dol an lìonmhorachd, agus oibrichean as ùr a’ toiseachadh, cha’n ’eil teagamh nach gearrar a mach rathaidean mòra freagarrach anns gach àite far nach ’eil iad. Ri ùine, uime sin, bithidh an Ceap gu tiugh air àiteachadh. Fàsaidh gach cosnadh agus ceaird ni’s lionmhoire, agus bithidh luach an eilein gu mòr air a mheùdachadh. Tha’n Ceap gu léir air a chomhdachadh le coilltibh, ach a mhàin na h-àitean a réiticheadh air son treabhachais, agus na creaga loma, cruaidhe, far nach cinn ni sam bith. Gheibhear frìthean fiadhaich agus farsuing, air an tiugh-chòmhdachadh le craobhaibh de gach gnè. Tha na coilltean àillidh a chithear fhad ’sa ruigeas an t-sùil, nan sealladh co taitneach air feasgar fogharaidh ’sa dh-fhéudas idir a bhi. Cha’n fhaicear air gach monadh agus machair, ach an t-aon chomhdachadh tiugh, dosrach, coille, ag atharrachadh dhreach an sud ’san so, réir gnè nan craobh fa leth. Aig deireadh bliadhna, an uair a thig beagan òidhchean reodhaidh, grad chaochlaidh na coilltean an snuadh; agus far nach faicteadh roimhe ach frìthean uaine, chithear an sin na craobhan gu’n àireamh an déigh an dreach atharrachadh, agus a’ nochdadh dh th éug-samhla a réir an gnè. Cha’n urrainn cainnt sam bith dearsadh nan coilltean sin, aig an àm so d e’n bhiadhna, a chur an céill! Tha’n deirge a’s soilleire,—an gorm-eutrom, an donn, am buidhe, an scarlaid a’s dealraiche, agus dathan eile gun àireamh, mar gu’m b’ann air an co’-thlamadh am measg a’ chéile, agus a’ dearsadh le soilleireachd do-chur an céill! Cha tuigear idir anns [TD 236] an dùthaich so, an laise a chithear air barrach nan còill, ’an àm do’n duilleach a bhi ’crìonadh aig deireadh na bliadhna! Do thaobh àireimh agus gné nan craobh, cha fhreagair e ach beagan a labhairt anns an àite so. Cha lugha na ceithir seòrsa déug giubhais, cuig seòrsa beithe, agus ceithir seòrsa daraich, a gheibhear anns a’ cheart eilein so. ’Se’n giubhas buidhe a’s luachmhoire, oir cha’n e mhàin gu’m bheil e ’na dheagh fhiodh, ach tha e ’fàs gu meud anabarrach mòr. Is minic a gheibhear craobhan de’n ghiubhas so a thomhaiseas cuig troidhe déug mu’n bhun, sea fichead troidh ann an àirde, agus ceithir fichead troidh dhiubh sin, air nach faighear aon mhèur no meanglan. Am measg nan seòrsa éugsamhla fiodha tha ’fàs ’sa Cheap, féudar na leanas ainmeachadh,—giubhas,—darach,—aitinn,—faibhile—leamhan,—uinseann,—caoran,—beithe,—fearna,—maple—(as an deanar an siùcar)—critheann,—agus mar sin sìos. A thuilleadh air gach fiodh dhiubh so, tha iomadh seòrsa eile ann air nach eile Gaelig aguinn, mar a ta, walnut, hickory, dog-wood, bass-wood, hornbeam, sycamore, sassafras, &c. Tha’m preasanach, agus gach gnè frith-choille air am fàs gach atharrachadh meas, tuilleadh ’s lìonmhor gu bhi air an ainmeachadh fa leth. Is luachmhor cuid do na craobhaibh air an tugadh iomradh, cha’n e mhàin air son an fhiodha aca, ach mar an céudna, air son gach stuth eile a gheibhear asda, mar a ta tearr, ròsaid, turpentine, stuthan-gréidhidh, fìon, fìon-géur, siùcar, cnothan, cungaidh-leigheis, &c. Cha’n ’eil teagamh sam bith, nach taitneach an sealladh na coillte so gu léir do na Gaidheil a chaidh air mirich do dh’ America, a’ cearnaibh àraidh de’n Ghaidhealtachd, agus as na h-eileanaibh an ìar, far nach robh a bheag sam bith de’n choille a’ fàs, agus far am b’ éigin doibh dol gu minic air bàtaichean astar chéudan mìle, a dh’iarraidh beagan mhaidean cama, crotach, air son, cheangal agus chabar d’an tighibh. Bu mhath, da rìreadh, anns an Eilean Sgiathanach féin, agus anns an Eilean Fhada, o Rudha-na-circe gu Barra, beagan de ’n bharrachd fiodha a tha aig muinntir a’ Cheap. Dheanadh iad sòlas nach bu bheag ri nì a ta ’nan crìochaibh féin co luachmhor agus co gann. Lionmhor ’s mar a ta gach gnè coille ann an Ceap Breatoin, tha gach seòrsa fhiadh-bheathaichean, eòin, agus éisg, ceart co lìonmhoir. Cha’n ’eil àite sam bith far am bheil co lìon raon agus loch, cnoc agus slochd, creag agus coille, anns nach fhaighear gach beo-chréutair, ann am mòr àireamh, air muir agus air tìr. A thuilleadh air crodh is eich, caoraich is mucan, ’s iad sin spréidh chumanta an àite, gheibhear ann mar an céudna, am fiadh, a’ ghearr, am math-ghamhuinn, an sionnach, an dòbhran, an neas, &c. Tha beathaichean ceithir-chosach eile ann ris an abrar an cariboo, beaver, loup-cervier, musquash, mink, squirrel, racoon, porcupine, &c. Cha’n ’eil na math-ghamhna co lìonmhor ’sa bha iad aon uair, gidheadh is minic a thig fear diubh, a sguabadh air falbh mucan ùain, no laoigh, o’n tuathanach. Is seòlta an créutair am math- [TD 237] ghamhuinn, agus is mòr a neart. Cha’n fhad a sheasas an damh, no ’n tarbh a’s treise roimhe, an uair a bheir e ionnsuidh orra. Cha tric leis sùil a thoirt air duine, no air each, ach cha’n ’eil a’ chùis mar sin a thaobh nan laogh, agus nam muc. Bheir e leis iad so gu h-ealanta, chum àite-foluich, gus am faigh e ùine air an itheadh. Tha gnè agus àireamh nan èun anns a’ chearnadh so dh’ America tuilleadh ’s lionmhor chum ionnsuidh a thoirt air an ainmeachadh air fad. Gun ghuth a thoirt air na h-eòin-mhara agus tìre, air am bheil eòlas againn ’san rìoghachd so, tha ficheadan seòrsa eile ’n-America. Tha cuid dhiubh so ro mhaiseach le h-itibh do gach dreach fo’n ghréin. Cha’n ’eil ìnnleachd aig duine air dathan a dheanamh co fior-ghlan ann an soilleireachd, ’sa gheibhear ann an clòimhteach nan èun so. Cha’n ’eil na biasda-snàigeach ro lìonmhor ’san eilean. Tha nathraichean ann, ach cha’n ’eil iad ealamh air lotadh, no cron sam bith a dheanamh. Aig toiseach an earraich cluinnear an ceòl a’s binne ag éiridh as na boglaichibh, mar gu’m biodh na mìlte téud air inneal-ciùil air am bualadh comhladh. ’S iad na losganna (Frogs) a tha ’deanamh a’ chiùil so; agus air feasgar ciùin, tha iad nan ìoghna dhoibhsan nach cùala riamh gu sin iad. Agus cha lugha idir an t-ìoghna na cuileagan-teine. Tha cuileagan agus meanbh-bheathaichean dheth gach seòrsa, ann am mòr àireamh ’san eilein so, ach dhiubh so air fad, is iad na cuileagan-teine a’s iongantaiche! Air feasgairibh grìanach sàmhraidh, chithear soluis bheaga, bhoillsgeach, a’ crith-ghluasad air na raointibh. ’S iad so na cuileagan-teine a’ crathadh an sgiathan, agus a’ léum o àite gu àite. Tha srada beaga soillseach ’gan nochdadh féin, an uair a thogas na créutairean nèonach so an sgiathan, agus air an aobhar sin, goirear cuileagan-teine riutha. Tha cuileag bheag eile ann ris an abrar am “mosquito,” a ghrìobas gu ro ghoirt, agus a ta anabarrach mi-thaitneach do’n luchd-oibre. Cha’n ’eil ach neoni ann an lotadh na meanbh-chuileig ’san rìoghachd so, an coimeas ris an lotadh a nithear leis a’ mhosquito. Tha gach iasg-sligneach is eile, pailt cheithir-thimchioll an eilein, agus anns na h-aimhnichibh, agus na lochan uisge agus sàile air feadh an eilein. Gheibhear an sgadan, an trosg, am bradan, am falmair, an langa, an adag, am biorach, an rionnach, an easgann, an traille, an dullag, agus na ficheadan iasg eile, ann ’am mòr phailteas. Tha cuid do na h-iasgaibh so ni’s fearr ’nan gnè, no anns na cuantaibh Breatunnach, agus cuid eile nach ’eile co ro mhath. Is minic a ghlacadh deagh throsg aig meadhon a’ gheamhraidh leis an dubhain ann an lochaibh na Bras d’ Or, agus iad air an còmhdachadh le h-eigh. Théid an t-iasgair a mach, agus ni e toll anns an eigh, biadhaidh e a dhubhan, leigidh e sios e do ’n doimhne troimh ’n toll, agus bheir e ’nios gu h-ealamh an trosg! Is ealanta da rìreadh na h-Innseanaich chum bric, bradain, easganna, agus na h-uiread de dh-iasgan eile, a ghlacadh mar a leanas, air na feasgair shamhraidh.—Theid iad a mach air sgoth eutrom le [TD 238] lèus-sholusaibh a’ lasadh. Tha na leòis so air an deanamh de rùsg na craoibhe-beithe. Gabhar maide cuig no sea throidhean ann am fad, agus nithear sgoltadh ’na cheann. Sàthar an rusg beithe ’san sgoltadh so, cuirear teine ris, agus suidhichear am maide soluis so aig toiseach an sgoth. Seasaidh an t-Innseanach goirid o’n t-solus le cas air béul-mòr na sgoth air gach taobh; sgus le sleagh, no morghath, fichead no cuig troidhe fichead ann am fad, aige ’na laimh. Ged is ciogailteach an t-àit’ anns am bheil e, seasaidh e ann gu daingean le ’shùil suidhichte gu géur air an uisge. Gluaisidh a’ bhean an sgoth gu còmhnard, mall, le ràmh, agus aon uair ’s gu’m faic a companach an t-iasg, ni e cuimse air leis a’ mhorghath, agus tha e co ealanta, géur-shùlach, as gur h-ainneamh leis aon bhuille iomrallachadh. Mar so, dheònaich am Freasdal uile-ghlic, do’n eilean so, iomadh nì chum féum agus maith an duine. Air muir agus air tìr, tha toirbheartas an Tì bheannuichte sin a th ’deanamh solair arson a chréutairean féin gu lèir, anabarrach soilleir ri ’fhaicinn. Tha gach gnè éisg agus eòin, gach seòrsa spréidh as pòir, a gheibhear aig a’ cheart eilean so, na’n taisbean soilleir agus sòlasach air maitheas agus tròcair an Tì ghlòrmhor a dhealbh na h-uile nithe le gliocas agus le cumhachd neò-chriochnach. A thaobh nàdur an fhearainn anns a’ Cheap, tha e ann an iomadh àite tana, cruaidh, agus creagach, agus ni’s freagarraiche arson fearainn ionaltraidh, na arson gnàisich. Ann an àitean eile, gidheadh, cosmhuil ri Gàidhealtachd na h-Alba, gheibhear mòinteach agus boglaichean. Ri taobh nan aimhnichean, agus gu sònruichte mu lochannaibh lìonmhor na Bras d’ Or, tha raointean ri ’m faotuinn de’n fhearann is àillidh agus is fearr a dh-fhéudas a bhith. Tha mar is lugha leth muillein acair fearainn anns an eilean a tha anabarrach freagarrach arson àiteachaidh, agus far am bheil raointean nach ’eil co goireasach chum so, tha iad ceart co féumail mar dheagh fhéurach arson spréidh do gach gné. Tha ceò is uisge ni’s trìce ’s a’ Cheap na tha iad ann an Eilean Eòin, do bhrìgh nach’eil an Ceap co còmhnard, agus gu’m bheil e astar ni’s giorra o’n chuan mhòr. Tha e, gidheadh, ’na àite ro fhallain, anns am bheil cuid a’ ruigheachd air ro shean aois. Tha àireamh sluaigh an eilein mu dha fhichead mìle, ach tha e ’dol gu mòr a’m mèud gach bliadhna. Is Gàidheil agus Albannaich an roinn is mò de’n luchd-àiteachaidh, ged a gheibhear ’n am measg Sasunnaich, Dùidsich, Frangaich, agus beagan Innseanach. Tha mòran a’ teachd beò gu buileach air tuathanachas; ach far am bheil iad air an suidheachadh ’an cois a’ chladaich, tha iad a’ deanamh an dìchill ri iasgach, gearradh coille, togail shoithichean, agus cosnadh guail. Cha ruig neach sam bith air am bheil cosnadh a dhìth leas a bhi diomhanach; oir eadar réiteachadh an fhùinn, iasgach sgadain, rionnach, agus throsg, cosnadh a’ ghuail, gearradh agus caoineachadh an fhiodha, agus togail shoithichean de gach mèud, gheibh am beag agus am mòr obair agus duais gu leòir. Tha aon nì taitneach ’s an [TD 239] eilean so, agus ’s e sin, nach faighear ann fiù aon neach aig iarraidh na déirce, no aon neach, mur ’leisgean buileach e, air am bheil uireasbhuidh bìdh, no éudaich. Tha spréidh do gach gnè, iasg, ìm, càise, sìol, gual, agus lìonmhoireachd nithe eile, ’gan reiceadh gach bliadhna ri muinntir Halifax agus Newfoundland. Tha mu dhà chéud soitheach a bhuineas do’n eilean féin, a ta eadar 30 agus 200 tunna an luchd, a bharrachd air céudan eile a tha ’seòladh thuige agus uaithe á cearnan eìle. Tha mar is lugha cuig céud deug do bhàtaichean beaga anns an eilein, arson iasgaich agus gach obair fhéumail eile. Tha malairt a’ Cheap anns gach nì thar a’ chéile, mu luach shea fichead mìle punnd Sasunnach; ach maile ri àireamh an t-sluaigh, tha gach malairt a’ dol am mèud gach bliadhna. Tha ’n Ceap fathast air deireadh a thaobh eaglaisean, sgoilean, agus gach ullachadh freagarrach eile, chum eòlas mu nithean aimsireil agus spioradail a chraobh-sgaoileadh; ach tha dòchas gu’n leasuichear na gnothaichean sin ri h-ùine, agus gu’m faigh uile luchd-àiteachaidh an eilein gréim air na beannachdaibh sin, a tha muinntir na h-Alba cheana, ann an tomhas mòr a’ sealbhachadh. Gheibhear anns an eilein gach luchd-aidmheil creidimh. Tha aig Eaglais na h-Alba, agus Shasuinn, agus na Roimhe, am muinntir féin. Cha’n ’eil teagamh nach dean Eaglais na h-Alba gach strìth ’na comas chum ministeirean agus eaglaisean a shuidheachadh anns an eilein luachmhor so; ach tha gach cearna de ’n t-saoghal mu thimchioll am bheil an Eaglais so ’miannachadh cùram a ghabhail, co farsuing agus fad ’o chéile, is nach ’eil e ’na comas, a dh-aindeoin a cumhachd agus a toil, agus cha bheag iad, ruigheachd orra gu léir maraon. Tha e ’na nì cinnteach agus dearbhta, gu’m bheil mòr dhùrachd aig Eaglais na h-Alba do mhuinntir America air fad, agus gu sònruichte do na Gàidheil ’s na criochaibh sin, aig am bheil fathast teas-ghràdh do’n Eaglais urramaich anns an d’ rugadh, ’an do bhaisteadh, agus an d’ àraicheadh iad; agus le cuideachadh an Ti bheannuichte is e Ceann glòrmhor na h-Eaglais sin, gnàthachaidh i gach cumhachd ’na comas, chum eòlas a Shoisgeil féin a dheanadh aithnichte do mhuinntir gach eilein agus àite an America. ’S i ar dùrachd gu’n soirbhicheadh a’ chùis ’na làimh, le beannachadh an Tighearna. Air do na Gàidheil a bhi cheana lìonmhor, an da chuid ’s a’ Cheap agus ann an Eilean Eòin, agus air do dhùil a bhi aig mòran, féudaidh e bhi, á garbh-chriochan agus eileanan na h-Alba, dùthaich am breith fhàgail, agus dol air imrich do dh-America maille ri’n càirdibh, tha e freagarrach beagan fiosrachaidh a thoirt seachad mu thimchioll féarainn agus cosnaidh nan eilein so, co maith is mu’n duais a gheibh an luchd-oibre, agus an luach air am faighear gach goireas a dh-fhéudas a bhi dhìth orra. Cha mhòr nach ’eil fearann Eilein Eòin gu lèir air a shuidheachadh cheana air uachdranaibh mòra, mar a ta Morairean Selkirk, Westmoreland, Queensberry, Melvelle, Townsend, agus na h-uiread eile. Air do [TD 240] chrùn Bhreatuinn a bhi air dealachadh ris an fhearann, air an dòigh so, ’na earrannan mòra, cha’n ’eil a bheag ri fhaotuinn deth ach arson màil, mar ceannuichear as ùr e o na h-uachdarain aig am bheil e. Ach anns a’ Cheap, air an laimh eile, tha mòran fearainn fathast ann an làmhaibh a’ Chrùin, agus ri reiceadh. Féudaidh an tuathanach, ma bhios an t-airgiod aige gann a chum àite a cheannachadh, fearann a ghabhail air màl; no féudaidh e na h-uiread ìocadh aig amanaibh suidhichte, a réir a’ chòrdaidh a nithear leis, gus an dìolar air fad e, agus gus am bi e saor aige. Tha prìs an fhearainn ’o chuig, gu fichead sgillinn Shasunnach an acair; ach cha tric le fearann maith, tarbhach, goireasach do thràigh ’s do choille, a bhi ni’s illse na punnd Sasunnach an acair. Ma bhios mic làidir, dhìchiollach aig an tuathanach, cha ’n fhad an ùine a ghabhas iad chum acair fùinn a réiteachadh agus a ghlanadh. Ach mar bi cuideachd chosnaidh mar so ’na theaghlach, cha ’n fhaigh e an t-acair a ghlanadh o’n choille, am fiodh air uachdar a ghearradh suas ’na òrduibh a ghabhas giùlan chum callaidean a thogail, agus gach maide gun fhéum a losgadh, arson ni’s lugha na £3. 10, no £4. Tha na sgalagan a’ cosd eadar deich sgillinn’ fichead Sasunnach, agus trì puinnd Shasunnach tuarasdail ’s a’ mhìos, a bharrachd air am biadh. Tha so tròm air an tuathanach bhochd aig nach ’eil cuideachd ’na theaghlach féin; agus mar ’eil nì air bith aige an cùl na làimhe, bithidh a’ chùis tròm air. Do’n fhear aig nach ’eil cuid na cosnadh, agus aig am bheil clann laga, cha ’n ’eil America ’na àite freagarrach idir. B’ fhearr a bhos no thall e, mar ’eil ìnnleachd aige air cosnadh a dheanamh no cheannachadh. Cha’n eagal, gidheadh, do’n chosnaiche dhìchiollach agus thréibhdhireach. Cha mhothaich e, a réir coslais a chaoidh, a’ ghainne, agus a’ bhochdainn, leis an do chlaoidheadh e gu minic ann an dùthaich a bhreith. Cha bhi dìth no deireas air ma bhios e deanadach, cùramach agus glic. Cha soirbhich am milltear, no an leisgean ’an àite air bith. Na biodh dùil aig an amadan nach ’eil cùramach agus gniomhach a bhos, gu’m faigh e òr air na cladaichean an America. Tha tuarsdal an luchd-ceirde ni’s àirde na ann an Sasunn, an uair a tha gach teachd-an-tìr ni’s illse ann am prìs. Cha’n ’eil atharrachadh mòr sam bith, eadar luach gach nì, agus tuarasdal a’ chosnaiche ’s a’ Cheap agus ann an Eilean Eòin. Tha airgiod America a’m bicheantas mu’n cheathramh cuid ni’s lugha ann an luach n’an t-airgiod Breatunnach; ’s e sin, an neach aig am bheil airgiod, no òr Breatunnach arson fichead sgillinn’ Shasunnach, seasaidh an t-airgiod céudna cuig no sea ’thasdain fhichead do ghnàth airgiod America. Tuigear prìsean cumanta a’ Cheap agus Eilean Eòin ’o na nithean a leanas.—Each maith £20 gu £25. Each maith tuathanaich, £10 gu £18. Cuing dhamh, £10 gu £20. Mart bainne £4 gu £7. Laogh, 12s gu 18s. Molt, 10s gu 15s. Caor’ as uan, 15s gu 18s. Mucan aig gach prìs a réir an aois agus am méud. Coileach Frangach, 2s gu 3s. Geoidh, 2s gu 3s. Tunnagan, ’o 9 gu 15 sgillinn’. Cearcan, 6 gu 10 sgillinn’. Mairt- [TD 241] fheoil, 2 gu 4 sgillinn’ am punnd. Muic-fheoil, 2½ gu 5 sgillinn’. Laoigh-fheoil, a phrìs chéudna. Im, 8 gu 12 sgillinn’. Càise, 6 gu 10 sgillinn’. Cearcan-tomain, 4 gu 6 sgillinn’ an té. Maighichean 5 gu 6 sgillinn’. Trosg ùr, 5 gu 6 sgillinn’. Bradain, 2s gu 3s gach aon. Sgadan ùr, 3 gu 8 sgillinn’. an dusan. Giomich, bonn-a-sea gu sgillinn’ an t-aon. Cruithneachd, 4s gu 6s am buiseal. Coirce, 1s gu 2s. Eòrna, 2s gu 3s. Buntàta, 10 gu 15 sgillinn’. Tombaca, 12 gu 18 sgillinn’ am punnd. Rum, 3s gu 5s an gallan. Fìon-dearg, 8s gu 12s. Fìon-geal, 10s gu 15s. Brànndi, 7s gu 9s. Tea, 4s gu 6s am punnd. Siùcar, 4 gu 8 sgillinn’. Tuarasdal luchd-ceairde agus oibre, ’o 3s gu 7s ’s an là, agus mar sin sios. Tha sinn ’an dòchas, ’o na dh’ aithriseadh a nis mu ’n Cheap, gu’m féud deagh bheachd a bhi aig ar luchd-léughaidh mu nàdur, agus mu mhaitheas an eilein sin. Ged is miann leinn an fhìrinn a chur an céill, a réir ar fiosrachaidh, mu thimchioll America, agus gach àite eile, tha sin a’ fàgail ar luchd-dùthcha gu ’m barail féin mu dhol air imrich d’ an ionnsuidh. ’S i gun teagamh ar beachd féin, gu’n soirbhicheadh teaghlaichean làidir ni’s fearr thall na bhos, agus gu’m biodh an imrich chum mòr bhuannachd, gu sònruichte d’an sliochd, ach an déigh sin uile, breithnicheadh iad air an son féin. Bheir sinn an déigh so, ma chaomhainear sinn, beagan chomhairlean orra-san aig am bheil dùil ri dol a null, agus leigidh sinn ris dòibh na’s aithne dhuinn mu gach deisealachd a bhiodh iomchuidh dhòibh a deanamh. Is e gun teagamh dùrachd ar cridhe gach fiosrachadh féumail a thoirt d’ar luchd-dùthcha, agus gach dichioll ’nar comas a dheanamh arson an leas, a thaobh, an dà chuid, am maith aimsireil agus spioradail. SGIATHANACH. VII. DEUHCAINNEAN, AS TRIOBLAIDEAN AIR AN NAOMHACHADH LE DIA. ANNS an treas caibdeal de leabhar Dhànieil tha cunntas ro iongantach, as ro dhrùighteach aguinn air creideamh, agus dìlseachd, agus fior dhiadhachd nan triùir òganach Iùdhach a dhiult aoradh a dheanadh do ’n ìomhaigh òir a chuireadh a suas air faiche Dhùra. Sheas iadsan dìleas do Dhia am measg nam mìltean a bha gu léir mì-dhìleas—sheas iad agus am Bàs a b’ uamhasaiche eadhoin ri ’n aghaidh—agus àir a’ shon so chaidh an grad ghlacadh—an ceangal eadar lamhan as chosan, ’s an tilgeadh am builsgein nan lasraichean dian-loisgeach (r. 21.). Ach faicibh rann 25. Faicibh an sealladh a chuir ioghnadh, agus uamhann air an Rìgh dhall, agus uaibhreach a thug an àithn’ eagalach mu ’n déighinn.—“Feuch!” thubhairt esan “tha mi ’faicinn ceathrar dhaoine fuasgailte ag imeachd ann am meadhon an [TD 242] teine agus cha ’n eil dochann sam bith orra.” So matà na rinn na lasraichean air na daoine diadhaidh, gaisgeil ud—am fuasgladh o’n cuibhrich—an ceanglaichean a losgadh—comas imeachd a thoirt dhoibh—gun dochann, gun bheud a dheanadh orra—gun uiread as fuiltein an cinn a losgadh. Ma tha Dia ga d’ thilgeadhsa ann an àmhuinn na trioblaid—a’ cur tinneis, no bochduinn, no àmhghair air bith ann a’d charamh, guidh air gu dùrachdach gu’n robh e le lasraichean na déuchainn a’ “sgaoileadh do chuibhreach”—gu’n robh e ’caitheadh as nan slabhraidhean sin a tha ceangal d’anama ri iodhal saoghalta, no peacach—gu’m fuasgladh e do làmhan a chum ’s gu’n teid agad air obair féin a chur air a’ h-aghaidh—gu’m fuasgladh e do chosan a chum ’s gu’n coisicheadh tu air slighe an dleasnais. Guidh gu’n liubhradh e thu bho chuing na truailleachd agus “gu’n tugadh e thu a steach do shaorsa ghlòrmhor a chloinne féin.” Agus ni se e; oir is ann gu do chuibhrich, ’s do shlabhruidhean le’m bheil am peacadh ’s an saoghal ga d’ cheangal—is ann gu ’d anam a shaoradh a tha e ga’d chur anns na lasraichean. Is sona dhuit ma ghuidheas tu le cridhe creidmheach, treibhdireach gu’n “robh uile chomhairle a thoil-san air a coimhlionadh do d’ thaobh.” Ach bha nìth eile ’chuir iongnadh air Nebuchadnésar a thuille air na daoine a chunnaic e beagan roimhe sin ceangailte a bhi a nis fuasgailte. Chunnaic e ceathrar dhaoine ag imeachd ’s an teine “agus bha coslas a’ cheathramh mar Mhac Dhé” (r. 25.). Bhà, agus ’se Mac Dhé da rìreadh a bha ann. Tha esan a gealltuinn do ’shluagh gu’m bi e “maille riuth ’nuair a shiùbhlas iad troimh an teine, agus nach dean an lasair greim orra” (Isa. xliii. 2.); agus tha e ’coimhlionadh gach geallaidh a thug e riamh seachad. Ma tha thusa ann an àmhuinn na déuchainn ga d’ striochdadh féin gu buileach dhàsan, ag iarraidh a theagaisg, agus a làthaireachd thig e do ’d ionnsuidh—foillsichidh se e féin dhuit gu gràsmhor—gleidhidh e suas thu le deas laimh fhireantachd, agus bheir e as an tein’ thu air do ghlanadh mar òr air a dhearbhadh seachd uairean. Bitheamaid dìleas do ar Dia anns gach càs mar a bha Shadrach, Meshach, agus Abednego. Faodaidh so ar tilgeadh a’n teine na’ déuchainn, agus a’ chunnairt. Guidheamaid gu’m buineadh e ruinn mar a rinn e riùsan—“gu’n sgaoileadh e ar cuibhrich”—gu’m biodh e maille ruinn—agus gheibh sinn aobhar a ràdh le Dàibhidh gur maith dhuinn gu’n d’fhuiling sinn àmhghair—le Pòl “gàirdeachas a dheanadh ann an trioblaidibh.”—Cluinnidh sinn guth ar Fir-shaoraidh ag ràdh, “Na bi fo eagal oir tha Mise maille riut—na bi fo amhladh oir is Mise do Dhia”—agus am measg nan lasraichean, no nan tuiltean is leòir an guth so gu sìth, agus sòlas a thoirt do’n anam—gu neart a thoirt do’n chridhe—gus gach aigne, agus rùn a naomhachadh. G. C. [TD 243] VIII. NAIGHEACHDAN. CHA ’N ’EIL ach “iorram na truaighe” r’a chluinntinn as an Fhraing. Tha ’m beum-sléibhe aig an robh uisgeachan a’ cruinneachadh co fada an déigh briseadh a mach, agus sgrios eagalach a dheanamh. Dh-ainmich sinn gu h-aith-ghearr anns an Aireamh mu dheireadh gu’n deach stad a chur air a’ chasgradh thruagh a chaidh air aghaidh co fada ’am baile mòr na rìoghachd dhona sin. Chaidh stad a chur air a so a nis le luchd na h-aisith a chìosnachadh; ach cha b’ ann gun mhòran fola chaidh an lasair ud a bhàthadh; agus is eagal leinn nach ’eil i ach air a smàladh an àite bhi air a glan bhàthadh. Thug sinn cunntas bho cheann mìos no dhà air an dol air aghaidh a bha aig luchd-oibre a’ cheann-bhaile—mòr dhuais arson ro bheag saoithreach—pàigheadh-latha àrd arson frì frà de obair air bheag féum. Chaidh so air aghaidh car treise, as cha robh de mhisnich aig an luchd-sdiùraidh stad a chur air. Mar a dh-fhaodar a bhi cinnteach bha daoin’ ùr gach là ag iarraidh a stigh do na tighean-oibre ud (tighean dìomhanais a dh-fhaodta ’ràdh riù) gus mu dheireadh an ròbh còrr as ceud gun leth mìle fear fo phàigheadh annta. Faodar a bhi chearta co cinnteach gu’n robh a bhi pàigheadh a’ leithid so de sgath ro throm air an fheadhain aig an robh airgiod. Thainig na cìsean gu 45 per cent, glé dhlùth air an dara bonn. Dhiùlt daoine ’leithid so de chìsean a thoirt seachad; agus chunnaic an luchd-riaghlaidh nach b’ urrainn gnothaichean dol air an aghaidh mar a bha iad. Dh-òrduich iad bho cheann sheachd seachduinnean do’n fheadhain a bu làidire ’sa b’ fhearr arson deanadh dhoibh féin, teannadh a mach as na tighean bleid’ud, agus cothachadh a dheanamh far am b’ fhearr a b’ urrainn dhoibh. ’S e rinn na seòid an gunnaichean a ghlacadh gun dàil, agus dùlan a thoirt do gach lagh as ùghdaras. Ré aon oidhche rinn iad mòran gus earrannan àraidh de ’n bhaile ’dhaingneachadh an aghaidh an airm. Chladhaich iad sluichd an sud ’s an so ’s na sràidean, agus ri’n cùl so thog iad ballachan, air uairibh de leachdan a chausair, air uairibh de fhiodh, ’s de chlachan am measg a’ chéile—air uairibh de chairtean, de charbaid, ’s de gach droighneach as treallaich a gheibheadh iad. Ach b’ e an gnothach mòr eachlais—stairsneach air chor-eigin a chur a suas a bhacadh nan saighdearan o’ dhol air an aghaidh. Bho fhasgadh nam ballachan ud, agus á uinneagan, as bhàrr mullach nan tighean bha iad a’ losgadh air na saighdearan—ga’n leagadh mar na coilich-dhubha ’nuair nach b’ urrainn na saighdearan ach glé bheag a dheanadh orra-san. Bha na saighdearan fo cheannsal Seanalair Cavaignac, as cha b’ iad na saighdearan a mhàin ach gach ni ’s a’ bhaile agus anns an rioghachd. Thugadh àrd-uachdranachd dhà os ceann gach neach agus nì. Bha esan ’na shàr cheann-feachd, [TD 244] agus thug e buaidh air na réubalaich ged nach robh e furasda. Bha na réubalalch fuileachdeach, dìorrasach: ach bha ’n t-arm seasmhach, danarra agus chaidh iad air an aghaidh a’ leagadh ’s a’ glacadh aon an déigh aoin de na callaidean a chuir na réubalaich a suas gus mu dheireadh an d’ fhuair iad làmh an uachdar buileach orra. Mhair an cath ré thrì làithean; agus bu déistinneach, mì-nàdurra an cath e. Muinntir na h-aon’ dùthcha—an aon bhaile—seadh cairdean, coimhearsnaich agus bràithrean a’ mort ’s a’ marbhadh a’ chéile. Cha robh na naimhdean a bu ghairge riamh na b’ fhulachdaiche ’dh-ionnsuidh a chéile na iad sud. Cha robh trocair, no tlus ga’n iarraidh, no ga’n toirt seachad—ach sgathadh, as liodairt a bha ro uamhasach. Bha boirionnaich cuideachd ’an teas meadhoin na h-iorghuill, agus air call gach bàigh as banalais, gun athadh, gun iochd—air togall le boile-bhàinidh arson fola, as buaireis, agus a’ deanamh nithean a tha sgreataidh ri’m breithneachadh. Chaidh cur as do chéudan bhoirionnach as cloinne. Cha ’n ’eil sgéul cinnteach aguinn air ciod an cunntas a chailleadh anns a’ chaonnaig eagalaich so, agus tha sinn a’ creidsinn nach bi fios cinnteach mu’n chùis. Chaidh deich mìle de’n arm a mharbhadh, agus chì sinn tuairmeis aig daoine mu na chuireadh gu bàs de na réubalaich—eadar cuig mìle deug agus deich mìle fichead. Chaidh àireamh mhòr a mharbhadh gu follaiseach ’s a’ chath féin. Chaidh na mìltean a mhort leis na saighdearan ann an tuill ’s an cùiltean ’s an robh iad ga’n dìthalachadh féin. Chaidh àireamh mhòr a thilgeadh le òrdugh nam breitheamhna an déigh do’n chùis a bhi seachad, agus tha cunntas mòr mhìltean ri bhi air am fògradh thar fairge mar chiontaich. Mar a thubhairt sinn ’s an Aireamh mu dheireadh, cha robh a leithid de dhòrtadh fola ’s a’ bhaile dhona sin (ged bu mhinic a bha ’shràidean dearg) bho latha St. Bartholomew mar a theirear ris. Air an là sin ’s a’ bhliadhna 1573, thugadh làmh uamhasach air na Protestantaich, agus eadar Pàris an ceann-bhaile, agus na bailtean mu’n cuairt, mhortadh deich mìle fichead Protestantach—gun chionta gun choire chur as an leth; ach a nis tha tuille as sud air am mort le làmhan a chéile. Tha ’m baile aig an àm sàmhach—le sàmhchar an uamhuinn agus a’ bhàis. Cia fhada leanas e mar sin tha e duilich a ràdh. Cha ’n ’eil e coltach leinn gu mair ach goirid. Tha e ’na nì fàbharach gun teagamh gu’n do chuireadh fodha an luchd-spùinnidh ud aig an àm, as tha dòchas aguinn gu’m bi an eisiomplair thruagh a’ teagasg gliocais do dhaoin’ eile. Tha mòran ann aig am bheil daonnan seòrsa de dh’ iarrtas air atharrachadh—a tha ’g ràdh gu ’m bu chòir laghannan ùra ’dheanadh gun stad—gu’m bu chòir roinn ùr air fearann, air airgiod, ’s air a h-uile nì a dheanadh; agus tha iad so ri mosgladh mòr ’nuair a chluinneas iad guth mu éiridh-suas de’n t-seòrsa ud am measg sluaigh. Tha iad daonnan a’ smaoineachadh gur iad na daoine mòra ’mhàin a theid a chreachadh, ’s gu’n teid iad féin as. Ach faodaidh iad a thoirt fainear ma thòisicheas an t-atharrachadh ’s an roinn ùr, [TD 245] gu’n teid iad air an aghaidh—cha’n ann air fear an dà bhaile ’mhàìn, ach air fear an dà mhairt cuideachd a leagar làmh, agus air fear an aona mhairt co maith ri fear an aona bhaile. Fhad ’sa bhios a’ bheag no mhòr ri ’spùinneadh theid an spùinneadh air aghaidh, ’s cha bhi ach neart a’ dol thar ceart—ainneart as fòirneirt air an anmhunn, agus fa dheireadh a h-uile duine falamh, lòm. Fhuair muinntir na Frainge gach atharrachadh mar am miann aig toiseach an earraich. Faiceadh iad aig meadhon an t-samhraidh cia truagh agus eagalach an cor. THA iomradh air gu’m bheil cogadh a’ tòiseachadh ’s an Spàinn—rìoghachd dhorcha thruagh. Tha Don Carlos, oighre dligheach a’ chrùin ’n a bheachd féin, ’s am beachd iomad aon de mhuinntir na rìoghachd, air armailt a thogail gus an crùn a ghlacadh. Dh-fheuch e so bho cheann trì bliadhna deug, ach chaidh a chùis ’na aghaidh ’s b’ éiginn da e féin fholach ’an cearnaidh fad as. Ach tha e coltach gu leòir gu’n teid i leis an tràs; oir cha’n ’eil mòran tuigse no tréuntais annta-san aig am bheil an rìoghachd fo’n sdiùradh. THA cunntas ro bhochd a’ tighinn as na h-Innnsean ’n Iar—Jamaica ’s na h-eileanan eile na thaic’ a bhuineas do Bhreatunn. Is ann ri reic an t-siucair gu sònruichte ’tha beairteas nan eileanan sin an earbsa, ged a tha iad a deanamh mòran air Coffee, agus air Rum cuideachd. Gus bho cheann ùine ghoirid, is ann le Tràillean a bha na nithean so air an oibreachadh; ach gu cliù, agus onair Bhreatuinn, chuir i as gu buileach air feadh a crìochaibh gu léir do’n nì ghràineil agus mhalluichte so—daoine a chruthaicheadh ann an ìomhaigh Dhé, a dheanadh nan tràillean mar bhrùidean. Ach tha rìoghachdan eile a’ leantuinn air a’ chleachduinn ana-cneasda, an-diadhaidh so, ’s tha mòran eileanan eile dlùth air Jamaica ’s am bheil an grunnd air oibreachadh le tràillean. ’Se so doigh is saoire na pàigheadh-latha thoirt do chosnaiche ’tha saor—a dh’ fheudas fois na Sàbaid’ a ghabhail—agus an uair ’tha e sgìth; no seirbheis aon mhaighstir fhàgail arson seirbhis fir eile ’s taitniche leis. Tha an tràill air iomain leis a’ chuip, gu oibreachadh moch, no anmoch—fliuch no tioram—Luan, no Dòmhnach mar a thogras a mhaighstir. Marso tha muinntir nan tràillean a’ reic an t-siùcair mòran na’s saoire na’s urrainn a’ mhuinntir sin a tha toirt pàighidh iomchuidh do’n luchd-oibre agus a chionn gu’m bheil sluagh an t-shaoghail a’ ceannach a’ bhathair is saoire, gun fheoraich ciamar a rinneadh e, tha siùcar Jamaica gun fharraid anns a’ mhargadh. Gus bho cheann ùine ghoirid, bha cìs air siùcar na tràillealachd ann am margadh Bhreatuinn a bha ’gleidheil a suas a phrìs a dh’ aindeoinn, air dhòigh ’s gu’n robh e ’cosd mu uiread ri siùcar Jamaica. Ach fa dheireadh, chunnaic a’ Phàrlamaid iomchuidh—’n ar beachdna gu h-amaideach ’s gu h-éucorach—a’ chìs a thoirt bhàrr siùcair na tràillealachd; agus tha e a nis uir- [TD 246] ead na’s saoire na ’m fear eile, ’s nach ’eil féum do’n fheadhainn aig am bheil na daoine saora, Punnd de’n siùcar a dheanadh. Cha ’n fhaigh iad air, uiread agus a phàigheas leth a’ chosdais aig am bheil iad mu thimchioll; agus marso tha na céudan de dhaoine, a bha bho cheann beag ùine a’ tarruing mòr bheairteis bho’n oighreachdan an sin, an diugh gun aon sgillinn de thighin-astigh, agus tha iad a’ fàgail an fhearainn falamh, fàs. Tha an dùthaich ann an cor cosmhuil ris mar a bhitheadh an dùthaich so, na’m biodh an coirce co saor ’s nach pàigheadh e cosdas an treabhaidh—no crodh, as caoraich air prìs co beag ’s nach pàigheadh iad am buachailleachd. Thugadh an gnothach so air beul-thaobh na Pàrlamaid bho cheann beagan sheachduinean, agus an deigh mòran conspaid dh-fhàg iad cùisean mar a bha iad; ’s e sin, gu’m bheil siùcar Brazìl agus Cuba—dùthchanan anns am bheil an tràillealachd is an-iochdmhoire air an cualas riamh iomradh, fathast a’ dol air aghaidh—air a ghabhail a steach do Bhreatunn co maith ri siùcar nan àitean sin anns an deach cosg gu buileach air tràillealachd. Tha e coltach ma bhuanaicheas cùisean anns an t-suidheachadh so, nach fhad’ a chithear Breatunnach ’s na h-Innsean-’n-Iar, nas mò na bha annta ’nuair a fhuaradh a mach iad le Columbus ’s le ’luchd-leanmhuinn. Tha Eirinn mar a thuirt sinn roimhe a’ bagradh ’s a’ beirmeadh; ach tha fios nach ’eil na h-Eirionnaich idir “co buailteach ’s a’ tha iad co bagarrach,” gu sònruichte mar a tha tuille ’s an coimpirean mu’n coinneamh. Tha dnine cuthaich d’ an ainm O Brian, air ceann àireamh mòr de dh-amadain cosmhail ris féin; ach tha’n t-arm dearg làn ullamh arson an cìosnachaidh ma thairgeas iad làmh a thogail. Tha airgiod-cinn air a thairgse arson O Brian agus cuig no sea eile, agus tha e coltach gu’n teid an glacadh gun dàil. Is beannuichte luchd-deanaimh na sìthe. Leanamaid na nithe ’bhuineas do shìth. Biomaid a’ guidhe gu’n robh sìth Dhé a’ gleidheil ar cridheachan, agus gu’n robh e gar folach ’na sgàth-thigh ’an là an uilc. Tha esan ’na chobhair as ’na thearmunn dhoibhsan uile a dh-iarras e le dùrachd. Tha esan a’ toirt air gach nì co-oibreachadh gu maith na muinntir a tha ga ghràdhachadh. MARGAIDHEAN.—Tha, mar a thuirt sinn roimhe, an lòn a’ fuireachd ro achdarra: min chruithneachd 18s am bolla: min choirce 16s: min sheagail 1s 6d a chlach: min eòrna 1s 4d. Muilt-fheoil 7d am punnd. Uighean 7d an dusan. Im 8d am punnd. Buntàta ùr 4d a chlach. Clòidh thearrta 5s a clach: clóidh gheal 6s 6d. GLASGOW: WM. GILCHRIST, 145 ARGYLE STREET. EDINBURGH: MACLACHLAN & STEWART. Printed and Published at 145 Argyle Street, on the First Day of each Month, by WILLIAM GILCHRIST, residing at 22 Centre Street, Tradeston, Glasgow,